08/03/2013
Bidh Ruairidh MacIlleathain a' bruidhinn mun t-soitheach, an Annie Jane. Roddy MacLean tells us about the vessel, the Annie Jane.
Anns an Lùnastal ochd ceud deug, caogad 's a trì (1853), sheòl an Annie Jane à Liverpool le ceithir cheud duine air bòrd. 'S e soitheach ùr trì-chrannach a bh' innte. Chaidh a togail ann an Quebec agus bha i a' seòladh 'dhachaigh' à Liverpool. B' e Uilleam Mason an sgiobair oirre. Bha e air a bhith na sheòladair fad trithead 's a sia bliadhna, agus bha sgioba aige de cheathrad. Cha robh dùil ach gum biodh turas-mara math aca. Cluinnidh sinn tuilleadh ann an litir na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 712
Duration: 05:00
Litir 712: An Annie Jane - PÃ irt 1
Anns an Lùnastal ochd ceud deug, caogad ’s a trì (1853), sheòl an Annie Jane à Liverpool le ceithir cheud duine air bòrd. ’S e soitheach ùr trì-chrannach a bh’ innte. Chaidh a togail ann an Quebec agus bha i a’ seòladh ‘dhachaigh’ à Liverpool. B’ e Uilleam Mason an sgiobair oirre. Bha e air a bhith na sheòladair fad trithead ’s a sia bliadhna, agus bha sgioba aige de cheathrad. Cha robh dùil ach gum biodh turas-mara math aca.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha an Annie Jane a’ giùlain luchd de dh’iarainn – ochd ceud tonna dheth – airson rathaidean-iarainn, am measg eile, air an taobh thall. Bha trì cheud tonna ann cuideachd de bhathar eile. Agus bha i là n daoine.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Chaidh an Annie Jane gu tuath, seachad air ceann an iar-thuath na h-Èireann agus a-steach don Chuan Siar. Dh’èirich a’ ghaoth agus thòisich an long air luasgadh gu dona. Dh’fhà s an t-sìde na bu mhiosa. Bhris na crainn-mhullaich. Ach rinn an sgioba obair-cà raidh oirre agus lean iad orra air an slighe a Chanada.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha eagal mòr air an luchd-siubhail, ge-tà . Dh’iarr iad air an sgiobair an soitheach a thoirt air ais a Liverpool. Chaidh an Caiptean Mason fo-rùm airson faicinn mar a bha gnothaichean don luchd-siubhail. Bha an suidheachadh cho dona ’s gun do dh’aontaich e tilleadh. Chaidh iad timcheall costa deas na h-Èireann. Às dèidh ochd latha aig muir, bha iad air ais ann an cala Liverpool.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Dhiùlt cuid dhen luchd-siubhail a dhol air an Annie Jane tuilleadh. Bha iad dhen bheachd nach e soitheach comasach a bh’ innte, agus bha iad a’ gearain gun robh cus dhaoine air bòrd, ’s iad gun bhiadh gu leòr. Ach ghabh daoine eile an à iteachan air bòrd. Às dèidh obair-cà raidh a mhair seachdain, bha an long air ais aig muir.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Thachair an aon rud a-rithist. Anns a’ chuan mhòr, thòisich i air luasgadh gu dona. Chaidh a toiseach a mhilleadh. Bha i a’ dol gu tuath, air falbh bhon t-slighe cheart.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bhruidhinn cuid dhen luchd-siubhail ris a’ chiad mheit gu h-os ìosal. Dh’inns esan dhaibh gun robh e dhen bheachd nach ruigeadh iad Quebec. Chuir an luchd-siubhail athchuinge chun an sgiobair, ag iarraidh air tilleadh a Liverpool. An turas seo, reub e an athchuinge ann am pìosan. Thug e gunna-là imhe a-mach agus thuirt e gun cleachdadh e e nam biodh ar-a-mach ann.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Chaidh cùisean am miosad. Dh’èirich gailleann. Chaidh crainn a bhriseadh. Chaidh cuid de na siùil a reubadh à s a chèile. Às dèidh ceala-deug aig muir, bha an Annie Jane dà cheud mìle a-mach bho Hiort agus ann an droch staid.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Shocraich a’ ghaoth an uair sin, agus rinn an Caiptean Mason an co-dhùnadh gun dèanadh iad air Èirinn, agus sà bhailteachd. Ach, nuair a bha iad faisg air Beà rnaraigh, deas air Barraigh, far a bheil taigh-solais, dh’èirich a’ ghaoth à s ùr.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha fios aig an sgiobair, nan rachadh iad air creagan à rda Bheà rnaraigh, gum faigheadh a h-uile duine bà s. Thionndaidh Mason an long. Bha e air a chur roimhe an Annie Jane a chur air tìr ann am bà gh ghainmhich – am Bà gh Siar – ann am Bhatarsaigh. Leis a’ ghaoth a-nise air an cùlaibh, bhiodh e furasta gu leòr sin a dhèanamh. Bha Mason an dòchas gum faigheadh daoine gu tìr ann am Bhatarsaigh. Ach cha bhiodh a’ chùis buileach cho soirbh sin, mar a chì sinn an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
an Lùnastal: August; rathaidean-iarainn: railway tracks; reub: ripped; ²µ³Ü²Ô²Ô²¹-±ôà ¾±³¾³ó±ð: pistol; Hiort: St Kilda; taigh-solais: ±ô¾±²µ³ó³Ù³ó´Ç³Ü²õ±ð;Ìý
Abairtean na Litreach
’S e soitheach ùr trì-chrannach a bh’ innte: she was a new three-masted vessel; b’ e Uilleam Mason an sgiobair oirre: William Mason was the captain (on her); bha e air a bhith na sheòladair fad trithead ’s a sia bliadhna: he had been a sailor for 36 years; air an taobh thall: on the other side; trì cheud tonna de bhathar eile: three hundred tons of other goods; a-steach don Chuan Siar: into the Atlantic; thòisich an long air luasgadh gu dona: the ship started to roll badly; bhris na crainn-mhullaich: the topmasts broke; rinn an sgioba obair-cà raidh oirre: the crew repaired it; bha eagal mòr air an luchd-siubhail: the passengers were very scared; fo-rùm airson faicinn mar a bha gnothaichean: below decks to see how matters were; cho dona ’s gun do dh’aontaich e tilleadh: so bad that he agreed to return; costa deas na h-Èireann: the south coast of Ireland; nach e soitheach comasach a bh’ innte: that she was not a seaworthy vessel; cus dhaoine air bòrd, ’s iad gun bhiadh gu leòr: too many people on board, without enough food; chaidh a toiseach a mhilleadh: her bow was damaged; bhruidhinn X ris a’ chiad mheit gu h-os ìosal: X spoke secretly to the first mate; nach ruigeadh iad Quebec: that they wouldn’t reach Quebec; athchuinge chun an sgiobair: a petition to the captain; dh’èirich gailleann: a terrible storm arose; chaidh crainn a bhriseadh: masts were broken; ceala-deug aig muir: a fortnight at sea; shocraich a’ ghaoth: the wind weakened; faisg air Beà rnaraigh, deas air Barraigh: near Berneray, south of Barra; nan rachadh iad air creagan à rda Bheà rnaraigh: if they went onto the cliffs of Berneray; gum faigheadh a h-uile duine bà s: that everyone would die; air an cùlaibh: behind them; an dòchas gum faigheadh daoine gu tìr ann am Bhatarsaigh: hoping that people would get to land on Vatersay; buileach cho soirbh sin: quite as easy as that.
Puing-chà nain na Litreach
a’ giùlain luchd de dh’iarainn: carrying a load of iron. Note that the word luchd for ‘load’ and luchd for ‘people’ are different and of different origin. A ship usually carries both type of ‘±ô³Ü³¦³ó»å’. Commonly, where people (and particularly professions) are concerned, we follow luchd with a hyphen eg luchd-siubhail ‘t°ù²¹±¹±ð±ô±ô±ð°ù²õ’, luchd-teagaisg ‘teachers’. But notice also the unhyphenated luchd na Beurla ‘English-speakers’ (with the genitive article)
Gnà thas-cainnt na Litreach
Chaidh cùisean am miosad: matters took a turn for the worse.
Broadcasts
- Fri 8 Mar 2013 11:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sat 9 Mar 2013 10:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 10 Mar 2013 14:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.