14/06/2013
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain le cunntas beatha naoimh Albannaich. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
ProducerMaggie MacKinnon.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 726
Duration: 05:00
Litir 726: Am Fear a Fhuair na Trì Comhairlean - Pà irt 1
An rathad fada glan, ’s an rathad goirid salach. A bheil sibh eòlach air t-seanfhacal sin? Ma ghabhas tu rathad goirid, ’s dòcha gun landaig thu ann an eabar, mar a thuirt am fear eile. Ma dh’dhaodte gur e an rathad fada am fear as fheà rr aig a’ cheann thall. An rathad fada glan, ’s an rathad goirid salach.
           Tha an seanfhacal sin a’ nochdadh ann an seann stòiridh Gà idhlig – Am Fear a Fhuair na Trì Comhairlean. Bu mhath leam an stòiridh innse dhuibh.
           Bha fear a bha seo uaireigin, agus dh’fhalbh e o dhachaigh air a chosnadh. Bha gnothaichean gann aig an taigh. Fhuair e obair fad air falbh. Ged a bha e air falbh bho bhean agus bho dhachaigh, bha an obair a’ còrdadh ris math gu leòr. Cha robh an tuarastal aige mòr, ach rinn e a h-uile sian a dh’iarr am fear-fastaidh air.
           Bha e an impis falbh dhachaigh a-rithist. Thà inig am fear-fastaidh agus thuirt e ris, ‘Bheirinn comhairle dhut nan gabhadh tu i.’ Thuirt am fear eile gun gabhadh.
           ‘Tha i a’ dol a chosg dhut, ge-tà ,’ thuirt am fear-fastaidh, ‘trian dhen airgead a rinn thu fhad ’s a bha thu an seo.’
           Thug am fear eile tacan na thà mh, a’ meòrachadh. An uair sin, thuirt e gun gabhadh e ris a’ chomhairle.
           ‘Gabh an rathad fada glan,’ thuirt am fear-fastaidh, ‘seach an rathad goirid salach.’ B’ e sin a chomhairle.
           Thug am fear eile an t-airgead seachad. Thuirt am fear-fastaidh gun robh comhairle eile aige dha. ‘Seadh,’ fhreagair am fear eile.
           ‘Ach,’ thuirt am fear-fastaidh, ‘cosgaidh i leth dhen airgead a rinn thu fhad ’s a bha thu an seo.’ Thuirt am fear eile gun robh e a cheart cho math dha a’ chomhairle a ghabhail. Agus thug e an t-airgead seachad.
           ‘Uill,’ thuirt am fear-fastaidh, ‘’s e a’ chomhairle a bheirinn dhut gun oidhche a chur seachad ann an taigh anns am bi seann duine agus bean òg.’
           Thug am fear eile taing don fhear-fhastaidh airson na dhà chomhairle. Bha e an impis falbh, nuair a thuirt am fear-fastaidh ris, ‘Tha comhairle eile agam a bheirinn dhut nan gabhadh tu i. Ach cosgaidh i an còrr dhen tuarastal agad.’
           Chan eil fhios agam dè dhèanadh sibh fhèin no mi fhìn, ach thuirt am fear eile gun gabhadh e ris a’ chomhairle. Thug e seachad an còrr dhen airgead a chosnaich e anns an à ite sin.
           ‘’S e mo threas comhairle,’ thuirt am fear-fastaidh, ‘nach dèan thu sian idir air feasgar no oidhche gun a bhith a’ meòrachadh air co-dhiù bidh aithreachas ort air a shon air madainn an là rna-mhà ireach.’
           Rinn am fear deiseil airson falbh dhachaigh. Thug e taing don fhear-fhastaidh airson nan trì comhairlean. Thug am fear-fastaidh tuarastal dha airson na seachdain mu dheireadh dhen obair a rinn e – ged a bu bheag sin – agus lof mòr arain. Thuirt am fear-fastaidh ris a bhith cinnteach gun toireadh e an lof dhachaigh oir bhiodh a bhean a’ feitheamh ris.
           Dh’fhalbh am fear air an rathad dhachaigh. Thà inig marcaiche suas ’s bha iad a’ seanachas. Thà inig iad gu geà rr-rathad. Thuirt am marcaiche gun robh esan a’ dol a ghabhail an rathaid a bu ghiorra.
           Ach chuimhnich am fear eile a’ chiad chomhairle. Thug esan an rathad fada – agus chì sinn dè thachair don dithis aca an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
Bheirinn comhairle dhut nan gabhadh tu i: I would give you advice if you would take it. The verbs here are both in the conditional. The equivalent in the present tense, active voice would be bheir mi comhairle dhut ma ghabhas tu i ‘I will give you advice if you will take it’. Note that in the first person singular of the conditional, the pronoun is built into the verb itself. Other examples are chanainn ‘I would say’; rachainn ‘I would go’; chuirinn ‘I would put’; leughainn ‘I would read’.
Seanfhacal na Litreach
Broadcasts
- Fri 14 Jun 2013 11:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sat 15 Jun 2013 10:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Jun 2013 14:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.