29/11/2013
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 750
Duration: 05:00
Litir 750: E貌ghann na Mara
Bha mi ag innse dhuibh mu 脌irigh na h-Aon Oidhche faisg air Siabost ann an taobh an iar Le貌dhais. Uill, seo agaibh sgeulachd eile 脿s an aon sg矛re. Chan ann mun mh貌intich a tha i, ach mun chladach. 鈥橲 e an t-ainm a th鈥 oirre E貌ghann na Mara.
听听听听听听听听听听听 Bha E貌ghann a鈥 fuireach faisg air a鈥 chladach. Bhiodh e gu tric a鈥 falbh don chladach aig muir-tr脿igh, feuch fiodh no rudan eile a lorg. Latha a bha seo, chaidh e s矛os gu bonn geodha. Bha e cas cas agus cunnartach faighinn ann 鈥檚 faighinn 脿s.
听听听听听听听听听听听 R脿inig E貌ghann am bonn. Chunnaic e boireannach, agus a c霉l ris. Bha falt fada aice. Ri a taobh, air muin cloiche, bha se貌rsa de dh鈥檃odach, le earball-猫isg agus itean-猫isg air. Thuig E貌ghann gum b鈥 e seo maighdeann-mhara. B鈥 e a craiceann a bh鈥 air a鈥 chloich.
听听听听听听听听听听听 Chuala a鈥 mhaighdeann cas-cheum an duine. Thionndaidh i gu grad. Dh鈥檉heuch i ri a cuid aodaich a thogail. Ach bha E貌ghann ro luath dhi. Thog esan an t-aodach. Choimhead e air a鈥 mhaighdinn. 鈥楥貌 thu agus d猫 an gnothach a th鈥 agad an seo?鈥 dh鈥檉haighnich E貌ghann.
听听听听听听听听听听听 鈥業s mise banrigh an aiginn,鈥 thuirt i. 鈥Thoir dhomh mo chuid aodaich.鈥
听听听听听听听听听听听 鈥楢 bhanrigh,鈥 thuirt E貌ghann, 鈥榥a bithibh feargach leam. Tha mi airson faighinn a-mach a bheil e na rabhadh dhuinn 鈥 gun t猫id ar coimhearsnachd a sgrios 鈥 gu bheil sibh an seo?鈥
听听听听听听听听听听听 鈥楾ha mi a鈥 tuigsinn,鈥 thuirt a鈥 mhaighdeann-mhara, 鈥榞u bheil mac-an-duine dhen bheachd gu bheil mo leithid na rabhadh gun tig sgrios, agus mar sin gu bheil sinn olc. Ach 鈥檚 e r矛gh an aiginn a n矛 an sgrios. Chan urrainn do mhaighdeann-mhara ach rabhadh a thoirt do mhac-an-duine gu bheil sgrios a鈥 tighinn. Tha sinn a鈥 d猫anamh sin oir tha gr脿dh againn do mhac-an-duine.鈥
听听听听听听听听听听听 Dh鈥檌nns a鈥 mhaighdeann-mhara do dh鈥橢貌ghann nach robh droch naidheachd aice an turas seo. Thug E貌ghann taing dhi airson sin, agus thuirt e rithe gun robh i air a bheatha atharrachadh. Cha chanadh e tuilleadh gur e droch chreutairean a bha sna maighdeannan-mara. Bha e a鈥 dol a dh鈥檌nnse don a h-uile duine gur e creutairean math鈥 a bh鈥 annta.
听听听听听听听听听听听 鈥楢 dhuine,鈥 thuirt a鈥 mhaighdeann-mhara, 鈥榯ha mi toilichte sin a chluinntinn. Bheir mi duais dhut. Aig a鈥 ghealaich 霉ir gach m矛os, beagan ron chamhanaich, ma thig thu gu mullach a鈥 bhearraidh seo, os cionn a鈥 gheodha, gheibh thu iasg m貌r a chumas biadh ri do theaghlach. Ach tha c霉mhnant air 鈥 chan fhaod thu seo innse do dhuine sam bith gus am bi thu seachad air ochdad bliadhna a dh鈥檃ois.鈥
听听听听听听听听听听听 Leis a sin, thog i a cuid aodaich bho E貌ghann, chuir i oirre e agus thill i don fhairge. Agus mar a gheall i, 鈥檚 ann a thachair e. Cha do thuig a theaghlach d猫 bha air c霉l soirbheas E貌ghainn mar iasgair. Ach bha e ainmeil airson a bhith na iasgair math. Chuir daoine 鈥楨貌ghann na Mara鈥 air mar ainm. Gus an robh e ochdad bliadhna a dh鈥檃ois, cha robh a theaghlach riamh gann de dh鈥檌asg.
听听听听听听听听听听听 Air an ochdadamh ceann-bliadhna aige, dh鈥檌nns E貌ghann do a theaghlach mun mhaighdinn-mhara. Aig an ath ghealaich 霉ir, cha robh iasg sam bith aig mullach a鈥 gheodha. Agus chaochail E貌ghann d矛reach tr矛 m矛osan 脿s d猫idh sin.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gn脿thas-cainnt na Litreach
Thoir dhomh mo chuid aodaich: give me my clothes.
听
Tha 鈥淟itir do Luchd-ionnsachaidh鈥 air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 29 Nov 2013 11:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sat 30 Nov 2013 10:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 1 Dec 2013 14:55大象传媒 Radio nan G脿idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.