17/01/2014
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 757
Duration: 05:00
Litir 757: Clann an Oistir
Tha mi cinnteach gu bheil sibh gu math eòlach air an fhacal Ghà idhlig clann. ’S e sin tùs an fhacail Bheurla clan. A bharrachd air clann bheaga is clann mhòra is a leithid, canaidh sinn Clann Mhuirich, Clann an Tòisich, Clann Dòmhnaill is mar sin.
           Ach an cuala sibh riamh mu Chlann an Oistir? ’S e fine bheag a bh’ annta a bha a’ fuireach ann an Eilean Ì. Clann an Oistir. Chan e ainm duine a th’ ann an Oistir, ge-tà . B’ e ostuarii a bh’ annta ann an Laidinn – an fheadhainn a bha a’ cumail faire aig doras.
           Ma rinn sibh bith-eòlas aig à rd-ìre, bidh sibh eòlach air an fhacal Laidinn ostium. Tha e diofraichte bhon fhacal osteon ann an Seann Ghreugais, a tha a’ ciallachadh ‘cnà imh’, agus a tha a’ toirt dhuinn fhaclan Beurla mar osteoblast agus osteoporosis. Tha ostium a’ ciallachadh ‘doras, fosgladh, beul’. Ann am bith-eòlas, thathar a’ cleachdadh an fhacail airson nam pòraichean ann an spongan far am bi uisge a’ faighinn a-mach ’s a-steach, agus airson nam fosglaidhean ann an cridheachan mheanbh-chreutairean.
           Tha ostium cuideachd a’ ciallachadh beul aibhne. Nise, tha am facal ò²õ againn ann an Gà idhlig airson beul aibhne. Ged a thathar a’ smaoineachadh gun tà inig ò²õ bhon t-Seann Lochlannais, ’s iongantach mura h-eil ceangal ann eadar ò²õ agus ostium.
           Buinidh Clann an Oistir do bheul-aithris mu Eilean Ì. Thathar ag rà dh gum b’ e dorsairean don mhanachainn anns an eilean sin a bh’ annta. Thà inig tùsaire na fine a-nall à Èirinn cuide ri Calum Cille fhèin agus chùm e faire air doras na manachainn don naomh ainmeil. Ach rinn e rudeigin airson an naomh a mhì-thoileachadh. Rinn Calum Cille mallachd air, ag rà dh nach bu chòir barrachd na còignear de a sheòrsa a bhith beò aig an aon à m.
           Leis a sin, nuair a rugadh siathamh duine don teaghlach sin, bha aig fear no tè dhen chòignear eile ri bàs fhaighinn. Chan eilear ag rà dh ciamar a thachair sin. Mu dheireadh thall, thà inig an fhine gu ceann. Thathar ag rà dh gun robh an tè mu dheireadh le buntanas teaghlaich do Chlann an Oistir beò anns an ochdamh linn deug – fhathast ann an Eilean Ì.
           ’S iomadh stòiridh a th’ ann mu Chalum Cille agus dorsan. Bha comas thar chà ich aige ann a bhith a’ fosgladh dhorsan a bha glaiste na aghaidh. Thathar ag innse mun turas ainmeil a rinn e a dh’Inbhir Nis airson tadhal air Brùid, Rìgh nan Cruithneach anns a’ cheann a tuath. Rà inig Calum Cille agus a chompanaich lùchairt an Rìgh. Bha Brùid à rdanach, ge-tà (oir ’s e rìgh cumhachdach a bh’ ann) agus chan fhosgladh e doras a lùchairt don fhear naomh.
           Nuair a chunnaic Calum Cille seo, rinn e comharra de chrois an Tighearna. An uair sin, ghnog e an doras mòr agus chuir e a là mh air. Gu h-obann dh’fhuasgladh na glasan le neart agus dh’fhosgail an doras air a’ chlab mar gun robh là mh mhòr air a phutadh gu cruaidh. Chaidh Calum Cille agus a chompanaich tron doras fhosgailte. Nuair a chuala e mar a thachair, thà inig Brùid gu h-iriosal a choinneachadh ris an naomh. Bhon latha sin a-mach ghabh Brùid ri Calum Cille mar fhear urramach, ionnsaichte, beannaichte.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
Broadcasts
- Fri 17 Jan 2014 11:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sat 18 Jan 2014 10:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 19 Jan 2014 14:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.