29/08/2014
Litir do luchd-ionnsachaidh le Ruaraidh MacIlleathain agus cluinnidh sinn mu chlach a' choire ann a Tiriodh. The week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 789
Duration: 05:09
Litir 789: Clach a’ Choire, Tiriodh
Bha mi ag innse dhuibh mu Chlach a’ Choire – The Ringing Stone – ann an Tiriodh. Tha i faisg air cladach a tuath an eilein. ’S e clach iomrallach a th’ innte a thà inig bho Eilean Rùim ann an Linn na Deighe. Tha caogad ’s a trì là raichean cruinn no ugh-chruthach oirre a chaidh a dhèanamh le mac-an-duine. Thathar a’ smaoineachadh gun robh a’ chlach air a cur gu feum ann an cleachdaidhean diadhaidh còrr is ceithir mìle bliadhna air ais.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Agus ’s dòcha gun do lean an creideamh sin, gu ìre air choreigin, ann an linn nan Gà idheal. A rèir beul-aithris, co-dhiù, bha na Tiristich dhen bheachd gun robh rudeigin os-nà darrach mun chloich. Seo agaibh an stòiridh mu Chlach a’ Choire agus Lachlann am Bà rd.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý O chionn fhada bha gnothaichean truagh ann an Tiriodh. Bha na daoine bochd agus gann de bhiadh. Chaidh fear a bha seo a-mach a dh’ionnsaigh na cloiche. B’ esan Lachlann am Bà rd. Cha robh e ann riamh roimhe ach bha e air cluinntinn gun robh cumhachdan sònraichte aig a’ chloich. Bha e a’ dol a shireadh cobhair bhuaipe oir bha an sluagh ann an èiginn.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Le a dhòrn dùinte tharraing e buillean air a’ chloich. Ach cha tà inig fuaim sam bith aiste. Bha i mar chlach sam bith eile.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý An uair sin, thog e dòirneag bhon chladach. Bhuail e gu cruaidh air a’ chloich leatha trì tursan. Thà inig fuaim mòr à s a’ chloich, mar gur e clag iarainn a bh’ innte.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Sheas Lachlann air ais. An ceann ùine ghoirid, nochd ceann anns a’ chuan faisg air. Shaoil e an toiseach gur e ròn a bh’ ann. Ach mar a thà inig an creutair na b’ fhaisg’ air a’ chladach, chunnaic Lachlann gun robh ceann fir aige, le falt fada. Bha an t-eagal air an duine ach sheas e far an robh e.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Thà inig an creutair a-mach à s a’ mhuir. Choisich e suas an cladach a dh’ionnsaigh Lachlainn. Nuair a bha e faisg air a’ bhà rd, thuirt e, ‘Carson a ghairm thu orm, a Lachlainn?’
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Tha am mart agam bochd agus tha i air sguir a thoirt bainne,’ fhreagair an duine, agus eagal na ghuth. ‘Chan eil biadh agam airson mo leanaibh.’
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Sheas an creutair na thost. Bha e a’ gabhail beachd air an t-suidheachadh. Mu dheireadh, thuirt e, ‘Tha mòran daoine ann an eugmhais aig an à m seo. Ach thà inig thusa air mo thòir airson cobhair. Thalla dhachaigh agus thoir biadh dha do leanabh. Na inns do dhuine an reusan a thà inig thu an seo.’
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Thionndaidh an creutair air ais don chuan. Mus deach e fodha, thuirt e a-rithist, ‘Tha mòran daoine ann an eugmhais…’ Thionndaidh Lachlann air a shà il agus chaidh e dhachaigh.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Nuair a rà inig e an taigh, fhuair e am mart slà n agus là n de bhainne. Mar a bha e dhà san, ’s ann a bha e do na coimhearsnaich aige cuideachd. Bha pailteas bainne is bìdh aca bho sin a-mach.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Cha tuirt Lachlann guth ri duine mun turas aige do Chlach a’ Choire. Uill, cha tubhairt gus an robh e na sheann duine, agus na h-oghaichean timcheall air ri taobh an teine.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Nise, nuair a bha mi fhìn aig a’ chloich o chionn ghoirid, chunnaic mi ròn anns a’ mhuir faisg orm. Uill, tha mi a’ smaoineachadh gur e ròn a bh’ ann…
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
Sheas an creutair na thost: The creature stood in silence. The reason for the lenition of tost ‘silence’ is that it is preceded by na which contains the third person singular masculine possessive pronoun (because creutair is masculine); literally I was saying ‘the creature stood in his silence’. If it had been feminine I would have said sheas i na tost as the feminine possessive pronoun does not cause lenition. Other examples would be sheas mi nam thost, sheas thu nad thost, sheas sinn nar tost, sheas iad nan tost.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Tha mòran daoine ann an eugmhais aig an à m seo: many people are in want/suffering deprivation at this time.
Broadcasts
- Fri 29 Aug 2014 11:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 31 Aug 2014 14:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.