16/11/2014
Tha Ruaraidh a' bruidhinn air Gilleasbuig MacDhòmhnaill à Uibhist a Tuath agus mar a chaidh e a thiodhlaigeadh ann a Cille Chuimein. Week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
An Litir Bheag 496
Corresponding Litir Bheag
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 800
Duration: 05:00
Litir 800: Claigeann a’ Bhrusaich
Bha fear-gnothaich Ameireaganach ann an Dùn Èideann turas. Bha e ann an clobhsa ri taobh na Mìle Rìoghail. Thà inig fear thuige a-mach às an dorchadas. Bha còta fada dubh air, agus ad mhòr dhubh.
           Thòisich am fear dorch air a chòta fhuasgladh, gun guth a rà dh. Chlisg am fear-gnothaich. Bha e deiseil airson ruith no sabaid.
           ‘A dhuine chòir,’ thuirt am fear dorch, ‘tha sibh a’ coimhead coltach ri fear a tha soirbheachail. Bidh sibh ag iarraidh rudan anns an taigh agaibh a tha a’ comharrachadh sin.’
           ‘Seadh,’ thuirt an t-Ameireaganach. Bha e a’ cumail sùil air an fhear eile, eagal ’s nach toireadh e sgian no gunna a-mach.
           ‘Tha rudeigin agam an seo dhuibh,’ thuirt am fear dorch. Bha a chòta a-nise fuasgailte, agus chunnaic am fear-gnothaich claigeann. Thug am fear dorch an claigeann a-mach. Thug e sùil timcheall, airson dèanamh cinnteach nach robh duine eile ann. ‘Is e seo an claigeann aig Raibeart Brus, seann Rìgh na h-Alba,’ thuirt e ann an cagair. ‘Reicidh mi dhuibh e air mìle not.’
           ‘Raibeart Brus?’ dh’fhaighnich am fear Ameireaganach. ‘Am fear a bhuannaich aig Allt a’ Bhonnaich?’ Bha e air beagan eachdraidh na h-Alba a leughadh.
           ‘An dearbh dhuine,’ thuirt am fear dorch. ‘Cha robh e furasta fhaighinn, tha mi ag innse dhuibh.’
           ‘Chan eil mi gad chreidsinn,’ thuirt am fear-gnothaich. ‘Dh’fhaodadh tu claigeann sam bith a shealltainn dhomh, agus ag rà dh gur ann le Raibeart Brus a bha e.’
           ‘Ach,’ thuirt am fear eile, ‘ma chuireas tu beul a’ chlaiginn seo ri do chluais, bruidhnidh e riut ann am Fraingis is Gà idhlig.’
           ‘Aidh, aidh, agus dè chanas e?’ dh’fhaighnich am fear-gnothaich.
           ‘Vive l’Ecosse agus Alba gu Brà th!’ fhreagair am fear eile.
           ‘Thalla! Chan eil mi a’ creidsinn facal dheth.’ Thug am fear Ameireaganach a chasan leis sìos an clobhsa. Choimhead e às a dhèidh. Bha am fear dorch air a chòta a dhùnadh. Bha e a’ dèanamh air a’ Mhìle Rìoghail. ‘Annasach dha-rìreabh,’ thuirt am fear-gnothaich ris fhèin.
           Mu dhà bhliadhna an dèidh sin, bha am fear-gnothaich air ais ann an Dùn Èideann air ceann turais. Bha e ann an clobhsa eadar-dhealaichte an turas seo, ach thachair an aon rud a-rithist. Thà inig am fear dorch dha ionnsaigh. Bha còta fada dubh air, agus ad mhòr dhubh. Ach tha e coltach nach do dh’aithnich e am fear Ameireaganach.
           ‘Tha sibh a’ coimhead coltach ri fear a tha soirbheachail,’ thuirt e. Bha an aon duan aige ’s a bh’ aige dà bhliadhna roimhe. ‘Tha rudeigin agam an seo dhuibh.’ Agus dh’fhuasgail e a chòta. Na bhroinn bha claigeann. Mhothaich am fear-gnothaich sa mhionaid gun robh an claigeann seo na bu lugha na ’m fear a bh’ ann an turas roimhe. ‘Is e seo an claigeann aig Raibeart Brus, seann Rìgh na h-Alba,’ thuirt am fear dorch. ‘Reicidh mi dhuibh e air mìle not.’
           ‘Dh’fheuch thu seo orm o chionn dà bhliadhna,’ thuirt am fear-gnothaich, ‘agus innsidh mi seo dhut – tha an claigeann seo nas lugha na ’n claigeann a sheall thu dhomh an uair sin.’
           ‘A, uill,’ thuirt am fear eile, ‘a, uill, tha adhbhar airson sin.’
           ‘Agus dè an t-adhbhar?’ thuirt an t-Ameireaganach.
           ‘Uill,’ thuirt am fear dorch, ‘seo an claigeann a bh’ aig Raibeart Brus nuair a bha e na ghille.’ Agus chan inns mi dhuibh dè thuirt am fear eile!
Faclan na Litreach
fear-gnothaich: businessman; clobhsa: close; chlisg: started (with fear); soirbheachail: successful; claigeann: skull; Raibeart Brus: Robert Bruce. Â
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
‘Seadh,’ thuirt an t-Ameireaganach: ‘Uh huh,’ said the American. Do you use ‘seadh’ in your daily speech? It’s a very useful word. It means you are taking in what the person has said without disagreeing with it, but without committing yourself to full agreement until you’ve thought about if further.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Reicidh mi dhuibh e air mìle not:Ìý I’ll sell it to you
 for a thousand pounds.
Broadcasts
- Sun 16 Nov 2014 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 19 Nov 2014 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.