25/01/2015
Tha Ruaraidh a' bruidhinn air Gilleasbuig MacDhòmhnaill à Uibhist a Tuath agus mar a chaidh e a thiodhlaigeadh ann a Cille Chuimein. Week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 506
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 810
Duration: 04:59
Litir 810: Argos, Epidavros agus Fear a’ Bhà ta
As t-fhoghar an-uiridh, bha mi ann an Argos. Nise, ’s dòcha gum bi sibh a’ faighneachd – ‘carson a tha Ruairidh a’ dol a dh’innse dhuinn mu rudeigin a cheannaich e ann am bùth-chatalog?’ No ’s dòcha nas fhaisge air an fhìrinn – ‘mo chreach, an robh Ruairidh ann am bùth nach robh na ²úù³Ù³ó-±ô±ð²¹²ú³ó°ù²¹¾±³¦³ó±ð²¹²Ô? Chan ann tric a thachras sin!’
           Ged a tha bùth aig Argos ann an Inbhir Nis, chan e sin an t-à ite a tha mi a’ ciallachadh. Gu dearbh, cha robh an Argos anns an robh mi eadhon ann an Alba. Bha mi air là ithean-saora anns a’ Ghrèig agus, air an rathad don cheann-uidhe, agam chaidh mi tro bhaile air an robh Argos mar ainm.
           Bha mi a’ smaoineachadh gun robh e car èibhinn aig an à m. Cha do thuig mi gu bheil ceangal ann eadar am baile Greugach agus a’ bhùth ann am Breatainn. Bha an duine a chuir a’ bhùth air chois, Ridseard Tomkins, air là ithean-saora anns a’ Ghrèig nuair a thà inig an smuain thuige mu ainm na bùtha. Bha e ann an Argos.
           Tha am baile gu math sean. Thathar a’ smaoineachadh gu bheil daoine air a bhith a’ fuireach ann, gun sgur, airson seachd mìle bliadhna. Tha e anns an sgìre ris an canar am Peloponnese, leth-eilean don iar-dheas air Baile na h-Àithne.
           Bha mi a’ seòladh timcheall uisgeachan a’ Pheloponnese. Am measg nam bailtean-puirt dhan deach mi, bha Epidavros. ’S e baile beag brèagha a th’ ann, suidhichte air a’ chladach aig ceann sà ilean. Aig aon à m, ge-tà , bha baile dhen dearbh ainm suidhichte còig mìle air falbh, taobh a-staigh na dùthcha. Agus bha e ainmeil air feadh saoghal nan Greugach.
           ’S iongantach mura d’ fhuair na seann lighichean Gà idhealach toradh an eòlais bho dhaoine de a leithid ann an Epidavros. Cha robh à ite na bu chudromaiche airson leigheas anns an t-saoghal chlasaigeach. Bha am baile stèidhichte faisg air à ite-breith mac Apollo, Asklepios. Anns a’ cheathramh agus treas ceud ro Chrìosd, bhiodh na mìltean mòr’ a’ dol ann airson leigheas, airson fèilltean-ealain agus, tha mi cinnteach, airson spòrs, marsantachd is suirghe.
           Chan eil cà il a’ dearbhadh sin barrachd na ’n taigh-cluiche a chaidh a thogail ann an nà dar de choire ri taobh a’ bhaile. Ghabhadh e ceithir mìle deug duine – airson dealbhan-cluiche is cuirmean mòra. Tha e ann an staid cho math ’s gum bi e air a chleachdadh chun an latha an-diugh.
           Nuair a chanas mi ‘taigh-cluiche’, chan eil mullach air, tuigidh sibh. Chan eil a leithid a dhìth anns a’ Ghrèig! Co-dhiù, sheas mi ann an teis-meadhan an à ite far am biodh na cluicheadairean a’ seasamh. Bha a’ bhean agam anns an t-sreath shuidheachan a b’ à irde anns an stèidiam. Agus bha e iongantach cho furasta ’s a bha e dhuinn bruidhinn ri chèile. Bha an fhuaimearrachd – sin a’ Ghà idhlig air acoustics – iongantach math.
           ‘Gabh òran Gà idhlig,’ thuirt i. Ghabh mi sèist de ‘Fear a’ Bhà ta’ ann an guth socair. Agus chuala i a h-uile facal gu furasta. ’S iomadh rud a thachair ann an Epidavros thairis air dà mhìle gu leth bliadhna, ach tha amharas agam gum b’ e sin a chiad turas a bha ‘Fear a’ Bhà ta’ air a sheinn ann. Agus, goirid an dèidh sin, leig mi soraidh slà n le Epidavros agus dh’fhalbh mi – ann am bà ta.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: leth-eilean: peninsula; iar-dheas: south-west; Baile na h-Àithne: Athens; uisgeachan: waters; taigh-cluiche: amphitheatre; dealbhan-cluiche: plays; cuirmean mòra: big concerts, events; teis-meadhan: the exact centre; fuaimearrachd: acoustics; ²õè¾±²õ³Ù: chorus.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: As t-fhoghar an-uiridh: in autumn last year; rudeigin a cheannaich e ann am bùth-chatalog: something he bought in a catalogue shop; nas fhaisge air an fhìrinn: closer to the truth; chan ann tric a thachras sin: that doesn’t happen often; bha mi air là ithean-saora anns a’ Ghrèig: I was on holiday in Greece; air an rathad don cheann-uidhe: on the way to the destination; tro bhaile air an robh Argos mar ainm: through a town called Argos; gun robh e car èibhinn: that it was quite funny; cha do thuig mi gu bheil ceangal ann eadar am baile Greugach agus a’ bhùth: I didn’t understand that there is a link between the Greek town and the shop; nuair a thà inig an smuain thuige mu ainm na bùtha: when a thought came to him about the shop’s name; gun sgur: without interruption; am measg nam bailtean-puirt dhan deach mi: among the ports I visited; suidhichte air a’ chladach aig ceann sà ilean: situated on the shore at the head of a small inlet; taobh a-staigh na dùthcha: inland; saoghal nan Greugach: the world of the Greeks; ’s iongantach mura d’ fhuair na seann lighichean Gà idhealach toradh an eòlais bho dhaoine de a leithid: it’s likely the old Gaelic physicians benefited from the knowledge of their peers; cha robh à ite na bu chudromaiche airson leigheas anns an t-saoghal chlasaigeach: there was no place more important for healing in the classical world; anns a’ cheathramh agus treas ceud ro Chrìosd: in the fourth and third centuries BC; spòrs, marsantachd is suirghe: fun, trading and courting; ceithir mìle deug duine: fourteen thousand people; ann an staid cho math ’s gum bi e air a chleachdadh chun an latha an-diugh: in such a good state that it is used to this day; a dhìth anns a’ Ghrèig: needed in Greece; anns an t-sreath shuidheachan a b’ à irde anns an stèidiam: in the highest row of seats in the stadium; tha amharas agam: I suspect.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: bùth nach robh na ²úù³Ù³ó-±ô±ð²¹²ú³ó°ù²¹¾±³¦³ó±ð²¹²Ô: a shop that wasn’t a bookshop. The literal meaning of this idiomatic expression is ‘a shop that wasn’t in its bookshop’. µþù³Ù³ó is a feminine word so the ‘its’ is the feminine third personal singular possessive pronoun which does not lenite the noun it commands. Thus ²úù³Ù³ó-±ô±ð²¹²ú³ó°ù²¹¾±³¦³ó±ð²¹²Ô is not lenited.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: leig mi soraidh slà n le: I bade farewell to.
Broadcasts
- Sun 25 Jan 2015 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 28 Jan 2015 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.