Main content

Tha toimhseachan a thaobh na sìde aig Ruaraidh san litir aige do luchd-ionnsachaidh. Week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Wed 4 Feb 2015 22:30

Clip

Litir 811: Aimsir a’ Gheamhraidh

Air an latha mu dheireadh dhen Mhòd Nàiseanta ann an Inbhir Nis an-uiridh, chuala mi beagan fealla-dhà a chòrd rium. Bha cuideigin a’ bruidhinn mun Òban, far am bi am Mòd am-bliadhna. Bha e ag ràdh gun robh fras no dhà ann fhad ’s a bha am Mòd ann an Inbhir Nis, ged a bha an aimsir an ìre mhath tioram. Nam biodh daoine a’ coimhead airson a leithid de dh’aimsir – fras no dhà – anns an Òban, bha deagh theans ann gum faigheadh iad i.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Dh’inns e naidheachd mu fhear Ameireaganach a bh’ anns an Ã’ban airson ceala-deug. Cha mhòr nach robh an t-uisge ann fad na h-ùine. Bha am fear air an t-sràid agus chunnaic e balach òg a bhuineadh don bhaile. ‘Nach bi an turadh ann an seo uair sam bith?’ dh’fhaighnich e dhen ghille.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Ciamar a bhiodh fios agamsa?’ fhreagair an gille. ‘Chan eil mi ach còig bliadhna a dh’aois!’

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tha e a’ cur nam chuimhne ro-shealladh na h-aimsir a chuala mi airson a’ Ghearasdain. ‘Coimhead a-mach air an uinneig,’ chaidh innse dhomh. ‘Mura faic thu Beinn Nibheis, tha an t-uisge ann. Ma chì thu a’ bheinn, tha an t-uisge gu bhith ann!’ Tha mi an dòchas gun gabh muinntir a’ Ghearasdain mo leisgeul airson sin!

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Aig an àm seo dhen bhliadhna, bidh an aimsir, mar as trice, fuar. Ach an coimeas, can, ris na dùthchannan Lochlannach no Canada no an Ruis, chan eil Alba cho fuar sin. Faodaidh aiteamh a bhith ann uair sam bith anns a’ gheamhradh.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý  A bheil sibh eòlach air an fhacal sin – aiteamh ‘t³ó²¹·É’? Bidh sinn ag ràdh ‘tha an latha ris an aiteamh’ no ‘tha i ag aiteamh’. Uill, seo agaibh dà sheanfhacal co-cheangailte ris:

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Cha mhair aiteamh ach bhon tuath, ’s cha mhair cur ach bhon deas ‘no thaw lasts except one from the north, and no snowfall lasts except one from the south’. Cha mhair aiteamh ach bhon tuath, ’s cha mhair cur ach bhon deas. Tha e a’ ciallachadh gum mair blàths anns a’ gheamhradh airson ùine a-mhàin nuair a tha a’ ghaoth a’ tighinn bhon àird a tuath. Ma thig àiteamh bhon deas, ’s dòcha gun tig reothadh a-rithist cho luath ’s a dh’atharraicheas a’ ghaoth gu bhith a’ tighinn bhon àird-a-tuath.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Seo seanfhacal eile a tha gu math eadar-dhealaichte. Aiteamh na gaoithe tuath air an t-sneachd – tuilleadh a chur na cheann ‘the north wind's way of thawing the snow is to add more to it’. Nise, tha mi an dùil gu bheil am fear seo a-mach air daoine, seach air an aimsir. Tha e a’ buntainn ri feadhainn a bhios a’ feuchainn ri rudan a dhèanamh nas fheàrr, ach a nì nas miosa e. Aiteamh na gaoithe tuath air an t-sneachd – tuilleadh a chur na cheann.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Airson crìoch a chur air an Litir, tha mi a’ dol a thoirt tòimhseachan dhuibh. Bheir mi am fuasgladh dhuibh an-ath-sheachdain. Tha e co-cheangailte ris a’ gheamhradh:

Cailleach bheag a’ chòta bhàin,

Mar as tighe thig i bhàn,

’S ann as fheàrr a laigheas i.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tha [a]-bhàn a’ ciallachadh ‘sìos’. Tha an abairt nas cumanta air dualchainntean tìr-mòr, seach anns na h-eileanan. Tha an tòimhseachan furasta gu leòr, nach eil? Cailleach bheag a’ chòta bhàin, mar as tighe thig i bhàn, ’s ann as fheàrr a laigheas i. Dè tha anns a’ chaillich? Beannachd leibh.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: an-uiridh: last year; fras: shower; ceala-deug: a fortnight; reothadh: frost, freeze; ³Ùò¾±³¾³ó²õ±ð²¹³¦³ó²¹²Ô: puzzle.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Air an latha mu dheireadh dhen Mhòd Nàiseanta: on the final day of the National Mod; chuala mi beagan fealla-dhà a chòrd rium: I heard a joke that I enjoyed; a’ bruidhinn mun Òban: speaking about Oban; ged a bha an aimsir an ìre mhath tioram: although the weather was largely dry; bha deagh theans ann gum faigheadh iad i: there was a good chance they would get it; cha mhòr nach robh an t-uisge ann fad na h-ùine: it rained almost all the time; balach òg a bhuineadh don bhaile: a young lad that belonged to the town; nach bi an turadh ann an seo uair sam bith?: don’t you ever get dry weather here?; ro-shealladh na h-aimsir: a weather forecast; coimhead a-mach air an uinneig: look out the window; mura faic thu Beinn Nibheis, tha an t-uisge ann: if you can’t see Ben Nevis, it’s raining; an coimeas, can, ris na dùthchannan Lochlannach: compared to, say, the Scandinavian countries; faodaidh aiteamh a bhith ann: a thaw can occur; gum mair blàths anns a’ gheamhradh airson ùine: that a thaw will last for a period; a-mhàin nuair a tha a’ ghaoth a’ tighinn bhon àird a tuath: only when the wind comes from the north; ach a nì nas miosa e: but who make it worse; cailleach bheag a’ chòta bhàin: the old woman of the white coat; mar as tighe thig i [a-]bhàn: the thicker she comes down; ’s ann as fheàrr a laigheas i: the better she lies; tha an abairt nas cumanta air dualchainntean tìr-mòr: the phrase is more common in mainland dialects.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Ma chì thu a’ bheinn, tha an t-uisge gu bhith ann: if you can see the mountain, it’s about to rain. Gu bhith is a useful phrase that can sometimes stand for ‘almost’. Tha mi gu bhith deiseil ‘I’m almost ready’. Dialectically it can be gus a bhith – tha mi gus a bhith deiseil.

Seanfhaclan na Litreach

Seanfhaclan na Litreach: Cha mhair aiteamh ach bhon tuath, ’s cha mhair cur ach bhon deas ‘no thaw lasts except one from the north, and no snowfall lasts except one from the south’. Aiteamh na gaoithe tuath air an t-sneachd – tuilleadh a chur na cheann ‘the north wind's way of thawing the snow is to add more to it’. : I bade farewell to.

Broadcasts

  • Sun 1 Feb 2015 22:00
  • Wed 4 Feb 2015 22:30

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast