12/02/2017
Tha Ruairidh ag innse mu ainmean-cinnidh a tha ceangailte ris an ainm baistidh Finton.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 613
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 917
Duration: 05:00
Litir 917: Naomh Munnu (2)
Bha mi ag innse dhuibh mu Mhunnu, seann naomh Ceilteach. B’ e Finten ainm-baistidh. Dhiùlt Aba Ì, Baithéne, Finten a ghabhail mar mhanach. Thuirt e gun robh Calum Cille nach maireann air a rà dh ris gun tigeadh fear Finten mac Thalchain às Èirinn. ‘Bidh e ag iarraidh a bhith na mhanach dhut,’ thuirt e, ‘ach chan fhaod e. Tha e an dà n dha a bhith na aba, seach na mhanach – fear a bhios a’ stiùireadh dhaoine eile a dh’ionnsaigh rìoghachd Dhè.’
           Chan e sin a-mhà in a thuirt Calum Cille ri Baithéne. ‘Na leig le Finten fuireach ann an Ì,’ thuirt e. ‘Cuir air ais a dh’Èirinn e ann an sìth. Leig leis manachainn a thogail ri taobh na mara. An sin, bidh e na bhuachaille do threud chaorach aig Crìosd agus bheir e na h-uibhir de dh’anaman gu ruige an dachaigh ann an Nèamh.’
           Nuair a chuala e na briathran seo, thug Finten taing do Chrìosd. Sheòl e a dh’Èirinn. Thà inig an cunntas sin à Beatha Chaluim Chille, a chaidh a sgrìobhadh le ·¡Ã²²Ô²¹²Ô, naoidheamh aba ÃŒ.
           Tha cunntasan againn mu Fhinten, feadhainn às Èirinn. Nuair a bha e na ghille, bha e ri buachailleachd. Ach bhiodh e a’ fà gail a chruidh anns a’ choille fhad ʼs a bha e ag ionnsachadh aig manachainn. Agus bha a’ choille là n mhadaidhean-allaidh.
Thug athair trod dha. ‘Na biodh eagal oirbh, athair,’ thuirt Finten. ‘Ma leigeas sibh leam a bhith ag ionnsachadh an cois searbhantan Dhè, cha chaill sibh gin dhen chrodh agaibh do na madaidhean-allaidh.’ Agus air an là rna-mhà ireach, chunnaic athair Fhinten dà mhadadh-allaidh anns a’ choille. Bha iad a’ coimhead às dèidh a’ chruidh mar a bhiodh dà chù dròbhaidh!
           Ged a chuir e seachad a’ chuid mhòr de a bheatha ann an Èirinn, tha Finten – à no Munnu – air a chuimhneachadh cuideachd ann an Alba. Tha e a’ nochdadh ann an ainmean pearsanta, mar eisimpleir. Anns an t-seann aimsir, ghabh feadhainn an t-ainm Gille Mhunnu mar urram dha. Mar sin, nochd an t-ainm cinnidh Mac Gille Mhunnu. Ann an dreach na Beurla, tha sin a’ nochdadh anns na seann là mh-sgrìobhainnean mar a leanas: Macelmwyn, Makilmone, Mckilmoun, Makmun, Vellnund agus M’Ilfun.
Anns an latha an-diugh, tha na h-ainmean-cinnidh MacMunn agus Munn cumanta gu leòr. ʼS ann à MacMhunnu a thà inig iad. Bidh sibh a’ cuimhneachadh gum b’ e Finten – no Fintan – ainm-baistidh an naoimh. Mar sin, nochd an t-ainm Gille Fhintain mar urram dha – agus an t-ainm-cinnidh Mac Gille Fhintain. Às a sin, thà inig na h-ainmean-cinnidh a th’ againn an-diugh – MacClinton agus McAlinden. Tha dùil cuideachd gu bheil MacClintock – Mac Gill’ Fhionntaig – a’ comharrachadh an dearbh dhuine. Ma dh’fhaodte gu bheil McLentick agus McIllandag a’ tighinn bhon aon fhreumh – agus gun deach ainmean dhen t-seòrsa seo a ghiorrachadh gu Lindsay cho trà th ris an t-seachdamh linn deug.
An do mhothaich sibh do dh’aon rud? Tha an t-ainm MacClinton – agus Clinton – a’ cuimhneachadh Finten. Mar sin, tha ainm an naoimh Ghà idhealaich seo air a chuimhneachadh anns an tè a bha a’ strì o chionn ceithir mìosan airson ceannas nan Stà itean Aonaichte. ʼS dòcha gur e Hillary Nic Gill’ Fhiontain a bu chòir dhuinn a bhith a’ gabhail oirre ann an Gà idhlig!
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: an là rna-mhà ireach: the next day; ±ôà ³¾³ó-²õ²µ°ùì´Ç²ú³ó²¹¾±²Ô²Ô±ð²¹²Ô: manuscripts; Comhghall: Cowal.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Dhiùlt Aba Ì, Baithéne, Finten a ghabhail mar mhanach: Baithéne, the Abbot of Iona, refused to take Finten as a monk; a bhios a’ stiùireadh dhaoine eile a dh’ionnsaigh rìoghachd Dhè: who leads others to the Kingdom of God; cuir air ais a dh’Èirinn e ann an sìth: send him back to Ireland in peace; leig leis manachainn a thogail ri taobh na mara: let him build a monastery beside the sea; bidh e na bhuachaille do threud chaorach aig Crìosd: he will be a shepherd to a flock of Christ’s sheep; bheir e na h-uibhir de dh’anaman gu ruige an dachaigh ann an Nèamh: he will take a large number of souls to their home in Heaven; bhiodh e a’ fà gail a chruidh anns a’ choille: he would be leaving his cattle in the forest; bha a’ choille là n mhadaidhean-allaidh: the forest was full of wolves; thug athair trod dha: his father scolded him; ag ionnsachadh an cois searbhantan Dhè: learning along with the servants of God; mar a bhiodh dà chù dròbhaidh: as two droving dogs would; mar urram dha: to show him respect; far as là idire a tha dualchas Mhunnu: where Munnu’s heritage is strongest; ainm-baistidh an naoimh: the saint’s baptismal name; a’ comharrachadh an dearbh dhuine: marks (commemorates) the same man; gun deach ainmean dhen t-seòrsa seo a ghiorrachadh: that names of this nature were shortened; ceannas nan Stà itean Aonaichte: the leadership of the United States; a bu chòir dhuinn a bhith a’ gabhail oirre ann an Gà idhlig: that we should call her in Gaelic.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ·¡Ã²²Ô²¹²Ô is the most common Scottish Gaelic form of Adamnan, although you will also hear ‘Amhnan’ – the ‘d’ is not generally pronounced in Scottish tradition, although those who adhere solely to the written form will call him ‘Adam-nan’. It is the ·¡Ã²²Ô²¹²Ô form that is found in place-names in Perthshire, examples being Eilean Eònain and Milton Eonan (Baile Mhuilinn Eònain) in Glen Lyon, where the saint is reputed to have spent some time living, and where, according to oral tradition, he drove a plague from the glen and saved its people.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Tha e an dà n dha a bhith na aba: he is destined to be an abbot.
Broadcasts
- Sun 12 Feb 2017 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 15 Feb 2017 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.