Mgr Earraig le Seirbheis Didòmhnaich na Cà isge
Seirbheis Didòmhnaich na Cà isge còmhla Mgr Earraig às a' Phòlainn. Fr Earraig brings us our Easter Sunday Service from Poland.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh seo :
Chaidh na laoidhean a leanas an clà radh ann an Eaglais Bhatarsaigh : 'Regina Caeli, Celtic Alleluia' agus 'Glòir do Dhia, tha sinne seinn do chliù'.
A’ seinn Solas na Grèine bha Còisir Sgoil Lionacleit agus a’ seinn O Seinneamh don Tighearna bha Còisir Eaglais Naomh Barr.
A' seinn Èirigh Bileag ùr Ghorm bha Sìneag Nic an t-Saoir agus Norrie MacÌomhair.
Soisgeul : Lùcas 24
'S ann à baile Koszalin air a’ chosta Bhaltaigich ann an ceann a tuath na Pòlainne, a tha Mgr Earraig. Tha e air a bhith na shagart o chionn cha mhòr naoi bliadhna deug. Bha e an toiseach ann am paraiste mhòr san sgìr'-easbaig aige agus às dèidh dà bhliadhna chaidh a chuir dhan Ròimh. Bha e anns an Ròimh airson seachd bliadhna agus thug e a-mach dotaireachd (Ph.D.) ann am patristics (athraichean na h-Eaglaise, eachdraidh is diadhachd na h-Eaglaise sna ciad linntean). Nuair a thill e dhan Phòlainn deich bliadhna air ais, thòisich e air obair anns a’ cholaiste far am bithear a’ trèanadh oileanaich a tha ag ullachadh airson a bhith nan sagairt. Bidh e cuideachd a’ teagasg patristics agus Laidinn ann. An-uiridh chaidh ainmeachadh mar cheannard na Colaiste.
A thaobh a' cheangal a th’ aig Mrg Earraig ris a’ Ghà idhlig, mar a thuirt e fhèin 's e 'sgeul gaoil a tha seo'.
Nuair a bha e anns an Ròimh dh’fhuirich e ann an Colaiste nan Albannach agus bhon a’ chiad bhliadhna a bha e ann a sin, thòisich e air tighinn a dh’Alba gus cobhair a thoirt do shagairt ann an diofar pharaistean agus tha e fhathast a’ dèanamh seo nuair a gheibh e an cothrom. Bha Alba a’ còrdadh ris gu mòr agus thairis air na seachd bliadhna deug tha e air tadhail air tòrr à iteachan an Alba agus air tòrr charaidean a’ dhèanamh. Beagan bhliadhnaichean air ais, mar a thuirt e, 'là ndaig mi anns na h-eileanan agus thachair mi ris a’ Ghà idhlig.'
Bhon uair sin tha e air a bhith ga h-ionnsachadh, rinn e cùrsaichean aig an t-Sabhal Mhòr, am Flòdaigearraidh agus air-loidhne agus ged a tha e anns a’ Phòlainn, tha e ag rà dh 'gu bheil a’ chridhe ann an Alba.'
Last on
Broadcasts
- Sun 4 Apr 2021 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Apr 2021 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal