Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Oll Urr Dùghlas Mac a' Mhaoilein

Seirbheis à tasglann a' BhBC bho 1984 còmhla ris an Oll Urr Dùghlas Mac a' Mhaoilein. Gaelic religious service from ´óÏó´«Ã½ archives 1984 conducted by Professor Douglas MacMillan.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 118: 15-16 air fonn Coleshill agus ‘s e Alasdair Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.

Salm 91: 1-2 air fonn St Paul agus ‘s e Aonghas Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phartaig.

Leughadh : Isaiah 49: 1-16

Ceann-teagaisg: Isaiah 49: 16

Rugadh Dùghlas Mac a' Mhaoilein ann an Siorrachd Earra-Ghàidheal anns a' bhliadhna 1933. B' e an neach a b' òige de shianar a theaghlach, agus rugadh is thogadh e ann an dachaigh Chrìosdail, far an cuala e an soisgeul agus far an deach na sgriobtaran a theagasg dha. Dh'fhàs e eòlach air obair croitearachd agus dh'ionnsaich e a' Ghàidhlig.

Chaidh e dhan àrd-sgoil ann an Eilean Mhuile airson dà bhliadhna, ach ghluais e air falbh bho na teagasgan Crìosdail a chuala e na òige. Ach ri linn bàs a mhàthar thàinig e gu bhith toirt aire na bu ghèire dhaibh a-rithist, agus an dèidh dha neach a chluinntinn a' searmonachadh air Eòin 3:16 – 'oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e aon-ghin Mhic fhèin, a-chum is ge b' e neach a chreideas ann nach sgriosar e, ach gum bi a bheatha shiorraidh aige' – chaidh iompachadh. Bha seo ann an 1955, agus bhon àm sin, bha an duine mòr, làidir seo a-nis coisrigte do Chrìosd.

Shearmonaich e airson a' chiad uair ann an Ceann Loch Gilb ann an 1957 – a' bhliadhna a bhàsaich athair – agus bha e mothachail air gairm Dhè ga threòrachadh chun na ministrealachd. An dèidh dha a dhol tron fhoghlam leis a' mhinistrealachd san amharc, chaidh a phòsadh ri coitheanal na h-Eaglaise Saoire ann an Obair Dheathain ann an 1966. Bhon àm sin, b' ann am measg oileanaich bu motha a chaith e a shaothair mar mhinistear agus mar fhear-teagaisg, a' gluasad gu coitheanal St Vincent Street ann an Glaschu ann an 1974. Bha e air a shuidheachadh mar Phroifeasair Eachdraidh Eaglaise ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an 1982, agus chaidh e air ais dhan mhinistrealachd ann an coitheanal Buccleuch ann an Dùn Èideann ann an 1990.

Phòs e Màiri Chaimbeul, a bha i fhèin na nighean mansa (b' e a h-athair am ministear Gàidhealach ainmeil, an t-Urr. Murchadh Caimbeul, Ruith Sholais), agus bha còignear theaghlach aca: Eilidh, Mhàiri, Niall, Murchadh, agus Dùghlas.

Bha Dùghlas tarraingeach, cumhachdach mar theachdaire agus mar shearmonaiche Chrìosd, an dà chuid ann am Beurla agus ann an Gàidhlig. Thàinig mòran gu eòlas pearsanta a chur air Crìosd tro a mhinistrealachd.

30 minutes

Broadcast

  • Sun 28 Mar 2021 21:00