Mgr Cailean MacAonghais
Seirbheis Ghà idhlig còmhla ri Mgr Cailean MacAonghais. Gaelic religious service conducted by Fr Colin MacInnes.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
Amy NicAmhlaigh a’ seinn, Tha sinne Dhia a’ seinn do Chliù.
Tha Còisir Eaglais Naomh Barr ann am Barraigh a’ seinn , Mise Dia na Muir ‘s na Speur.
Gràs Dè is Grà dh Dhè air a sheinn le Mà iri NicAonghais.
Agus Mà iri NicIlleMhaoil a’ seinn, Sìn do Là mh a Mhoire.
Leughadh : Leabhar Genesis 1
Rugadh Maighstir Cailean MacAonghais ann an sgìre Bhòrnais an Uibhist a Deas ann an 1945. Fhuair e trèanadh airson na sagartachd ann an Obar Dheathain agus mu dheireadh anns an Spà inn. Thà inig e a-mach na shagart ann an 1970 a' cur seachad nan ciad bhliadhnaichean còmhla ri sagart Bhà gh a' Chaisteil agus an uairsin ùine san Òban mus do ghabh e thairis uallach paraiste. Bha Mgr Cailean na shagart san Iochdar airson sia bliadhna agus às an sin ghluais e gu paraiste Eaglais Naomh Bà rr sa Bhà gh a Tuath ann am Barraigh. Cho fad 's a bha e na shagart anns na h-eileanan rinn e an t-uabhas de dh'obair am measg na coimhearsnachd, a' cuideachadh nan daoine ann a bhith a' cur air chois Co-Chomainn, tallaichean coimhearsnachd, agus an lùib sin a bhith am measg an fheadhainn a chuir air chois Fèis Bharraigh. Cha robh an seo ach toiseach tòiseachaidh air obair nam Fèisean a tha air a bhith a' dol bho neart gu neart bhon a chaidh a' chiad tè a stèidheachadh anns na h-ochdadan.
Chuir Maighstir Cailean cùl ris na h-eileanan (ged a bha e fhathast na shagart airson na sgìr-easbaig) ann an 1985 agus ghabh e à ite air Comann Miseanaraidhean an Naoimh Seumas agus 's ann tron chomainn seo a chaidh a chur gu sgìr-easbaig ann an Ceann a Deas Ameireagaidh - gu Quito ann an Ecuador.
'S e beatha gu math eadar dhealaichte a bha air thoiseach air Mgr Cailean nuair a chaidh e a-null an sin - sgìre là n bochdainn agus ana-ceartas le foill is eucoir na lùib cuideachd. Bha sluagh mòr de Chaitligich anns an à ite - bho pharaiste anns an robh nas lugha na ceithir cheud, ghluais e gu paraiste anns an robh na mìltean agus glè bheag de shagartan airson an creideamh a' bhrosnachadh am measg an t-sluaigh. Nuair a chaidh e a-null, bha sagart eile an dùil a dhol a-null còmhla ris ach gu mì-fhortanach dh'fhàs an sagart eile bochd agus bha aig Mgr Cailean ri dhol ann na aonar.
A bharrachd air obair na sagartachd agus beatha spioradail nan daoine a bhrosnachadh, ghabh Mgr Cailean uallach cuideachd airson beatha shòisealta agus phoilitigeach nan daoine, le bhith a' sabaid airson an còirichean. Bhiodh e a' gabhail pà irt ann an iomadach prògram air reidio is telebhisean, a' bruidhinn anns a' Phà rlamaid, a' gabhail pà irt ann an caismeachdan agus eile, agus fad na h-ùine a' strì agus ag obair airson muinntir na paraiste. Aig an aon à m chuir e a bheatha fhèin ann am fìor chunnart.
Thairis nam bliadhnaichean a chuir Mgr Cailean seachad ann an Comite del Pueblo chaidh siostam uisge a stèidheachadh sa choimhearsnachd, fhuair e taic airgid air leth bho pharaistean na sgìr-easbaig aige fhèin agus chaidh eaglaisean is sgoiltean a thogail agus rathaidean a stèidheachadh - thug e misneachd dha na daoine a bhith ag obair còmhla ann a bhith a' leudachadh agus a' leasachadh phròiseactan agus a' dèanamh beatha na b'fheà rr dhaibh pèin agus an cuid chloinne.
Ann an 2005 ghluais Mgr Cailean gu sgìre eile ann an Ecuador, sgìre a bha a' fulang bochdainn a bharrachd. An turas seo bha e stèidhichte na b'fhaisg air a' mhuir, faisg air Guayaquil. Ghluais Mgr Cailean air ais a dh'Uibhist ann an 2017. Bha e na shagart paraiste air Eaglais Naomh Moire ann am Beinn na Fadhla gu bho chionn ghoirid. Tha e a-nise air uallach paraiste a leigeil seachad. An uiridh chomharraich Mgr Cailean leth-cheud bliadhna na shagart.
Last on
Broadcasts
- Sun 23 May 2021 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 23 May 2021 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal