![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p0hydr10.jpg)
23/09/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 325
Duration: 05:25
Litir 325: Lus a’ bhainne, lus an ime agus badan measgain
A bheil sibh eòlach air an lus air a bheil an t-ainm saidheansail Pinguicula vulgaris? ’S e an t-ainm oifigeil a th’ air ann am Beurla common butterwort. Ach ’s dòcha gum bi cuid eòlach air mar bog violet. ’S e a th’ ann lus a tha a’ fàs ann am boglaichean is à iteachan fliucha, gu h-à raidh far a bheil an talamh neo-thorrach. Tha e cumanta gu leòr air a’ Ghà idhealtachd.
’S dòcha gum faca sibh fhèin e. Tha e beag. Tha duilleagan buidhe-uaine air a tha a’ fàs ann an cròilean, faisg air an talamh. Tha na duilleagan fada agus tiugh. Tha na flùraichean purpaidh. Bidh iad a’ stobadh suas air gas chumhang.
Buinidh an lus seo don teaghlach Lentibulariaceae. ’S e teaghlach beag a th’ ann agus tha e car annasach. Bidh na lusan a bhuineas don teaghlach a’ glacadh mheanbh-fhrìdean. ’S ann mar sin a tha iad a’ faighinn nam mèinnearach a tha a dhìth orra, gu h-à raidh naitraidsean. ’S e sin a tha gan leigeil leotha fàs ann an à ite neo-thorrach. ’S iad na duilleagan, a tha leanailteach, a bhios a’ glacadh nam meanbh-chreutairean.
Tha caochladh ainmean air an lus seo ann an Gà idhlig. Tha cuid aca co-cheangailte ri bainne no ìm, mar a tha an t-ainm Beurla, butterwort. Mar eisimpleir, lus a’ bhainne, lus an ime agus badan measgain. Tha measgan a’ ciallachadh soitheach anns am bithear a’ cur ìm. Bidh an lus seo a’ binndeachadh bainne. ’S dòcha gu robh e air a chleachdadh airson sin anns an t-seann aimsir. Ach tha ainm eile, agus ainm nas cumanta air an lus seo ann an Gà idhlig – mòthan. Bha am mòthan air a chleachdadh mar sheun-gaoil.
Gu traidiseanta, bhiodh boireannach a’ dol don mhonadh. Bhiodh i a’ dol air a glùin chlì. Bhiodh i a’ spìonadh naoi freumhaichean dhen mhòthan agus bhiodh i gan snìomh còmhla mar chuach.
Chuireadh am boireannach a’ chuach seo air a beul, agus bhiodh fear a bheireadh pòg dhi a’ gabhail gaol dhi. Chuireadh boireannach a bha an impis leanabh a bhreith cuach mar sin foidhpe airson dèanamh cinnteach gun nochdadh an leanabh gu sà bhailte. Bheireadh daoine cuach mar sin leotha nuair a bha iad a’ siubhal airson an cumail sà bhailte. Bhathar ag rà dh gu robh bainne bho bhò a bh’ air am mòthan ithe math do leanabh a bh’ air ùr-bhreith. Bhathar a’ creidsinn gum biodh am mòthan a’ dìon daoine an aghaidh buidseachd.
Agus tha seanfhacal ann a tha ceangailte ris an lus seo. Dh’òl e bainne na bà baobh a dh’ith am mòthan. Dh’òl e bainne na bà baobh a dh’ith am mòthan. Thathar ag rà dh sin mu dheidhinn duine a th’ air faighinn a-mach à suidheachadh cunnartach air èiginn – mar gur e mìorbhail a bh’ ann.
’S e a’ Bheurla a tha cuid a’ cur air an t-seanfhacal: he drank the milk of the foolish cow which ate the bog-violet ach tha amharas agam gu bheil seo nas coltaiche: he drank the milk of the bewitched cow that ate the bog-violet. Dh’òl e bainne na bà baobh a dh’ith am mòthan.
Tha mi a’ smaoineachadh gun tà inig an seanfhacal gu bith leis gu robh daoine dhen bheachd gum biodh cumhachdan os-nà darrach aig duine a dh’òl bainne bho bhò a bh’ air am mòthan ithe. Agus gur iad na cumhachdan sin a leig leis an duine tighinn beò tro shuidheachadh cunnartach.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na seachdaine: gu h-à raidh far a bheil an talamh neo-thorrach: particularly where the ground is infertile. The prefix neo- is a very common one. It creates the opposite of the following element. Just as fertile becomes infertile with an in- prefix, torrach becomes neo-thorrach with a neo- prefix. But notice the lenition following neo-. There is a vast number of such examples. Here are two more: neo-cheangailte (unbound); neo-bhòidheach (unhandsome). Note that there is usually a hyphen following the neo and that the emphasis in speech is on the first syllable of the second element. But in a few words the neo has become fused to the second element to such an extent that the emphasis is now on the neo. In this case there is no hyphen eg neoni (zero, originally neo+nì ie no thing); neònach (curious, originally neo+ghnà thach) and neoghlan (impure, neo+glan). MacDonald and Robertson’s recent dictionary gives neo(i)chiontach for neo-chiontach (not guilty, innocent), reflecting its pronunciation.
Seanfhacal na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.