![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p0hydr10.jpg)
16/09/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 324
Duration: 05:22
Litir 324: B脿illidh Throndairnis agus a鈥 Bhana-bhuidseach
Bha mi ag innse dhuibh anns an Litir mu dheireadh mu Bh脿illidh Throndairnis agus a鈥 Bhana-bhuidseach. 鈥橲 e sin seann sgeulachd bhon t-siathamh linn deug 脿s an Eilean Sgitheanach. Ach cha do nochd a鈥 bhana-bhuidseach innte fhathast 鈥 bidh i a鈥 nochdadh an-diugh. Nuair a dh鈥檉h脿g sinn an sgeulachd, bha na gillean air b貌 na banntraich agus each a鈥 bh脿illidh a chur a-null gu Eilean Thuilm, gun fhiosta don bh脿illidh is don mhaor. Nuair a r脿inig am b脿illidh agus am maor am buaile, cha robh sgeul air a鈥 bhoin no air an each.
Choimhead am b脿illidh agus am maor mun cuairt. R霉raich iad thall 鈥檚 a-bhos. Ach cha robh sgeul air a鈥 bhoin no air an each. Chaidh iad suas don chreig far an robh na gillean. 鈥淎m faca sibh neach sam bith a鈥 buntainn don bhoin no don each?鈥 dh鈥檉haighnich iad.
Fhreagair na gillean nach robh iad air a bhith ann a sin fada, agus nach robh duine sam bith eile air a bhith ann bho th脿inig iad. Bha sin f矛or, gun teagamh. Thuirt fear de na gillean gun robh cailleach san taigh bheag ud sh矛os aig an robh fiosachd. Dh鈥檌nnseadh ise ca鈥 robh a鈥 bh貌 agus an t-each. 鈥淩ach s矛os ga h-iarraidh,鈥 ars鈥 am b脿illidh.
Dh鈥檉halbh dithis de na gillean nan deann a dh鈥檌onnsaigh na caillich. 鈥橲 e Ciorstaidh an t-ainm a bh鈥 oirre. R脿inig na gillean an taigh aice agus dh鈥檌nnis iad dhi an cleas a rinn iad. 鈥淎n d猫an sibh tuilleadh sp貌rs dhuinn?鈥 dh鈥檉haighnich iad.
鈥溾橲 mi a n矛,鈥 arsa Ciorstaidh.
Sgeadaich i i fh猫in mar bhana-bhuidseach. Chuir i s霉gan mu a casan mar ghartanan. Chuir i s霉gan eile mu a meadhan mar chrios. Chuir i craiceann gobhair mu a guailnean. Chuir i bonaid leathann air a ceann agus leig i a falt s矛os a druim. Chuir i bata m貌r na l脿imh. Bha i deiseil agus, gu dearbh, bha coltas bana-bhuidsich oirre! Dh鈥檉halbh i an uair sin air a socair c貌mhla ris na gillean. Is chaidh iad suas don 脿ite far an robh c脿ch nan seasamh, a鈥 feitheamh riutha. Chaidh i a dh鈥檌onnsaigh a鈥 bh脿illidh.
鈥淎n urrainn dhut innse dhomh,鈥 dh鈥檉haighnich am b脿illidh dhith, 鈥渃脿ite a bheil a鈥 bh貌 agus an t-each a chuir sinne a-steach don bhuaile?鈥
鈥淐貌 bu leis iad?鈥 ars鈥 an t-seann bhean.
鈥淭ha a鈥 bh貌 leis an R矛gh, agus an t-each leamsa,鈥 thuirt am b脿illidh.
鈥淭ha thu breugach,鈥 ars鈥 ise. 鈥淒猫 bhiodh b貌 leis an R矛gh a鈥 d猫anamh ann am buaile ann an D霉n Tuilm?鈥
鈥淭hug am boireannach sin dhomh i mar a m脿l,鈥 ars鈥 esan.
鈥淭ha thu breugach a-rithist,鈥 thuirt Ciorstaidh. 鈥淐ha tug. Ach thug thusa bhuaipe i. Agus tha sin a-nis ag innse dhomhsa ciod e bu chiall don rud a chunnaic mi o chionn tacain. Chunnaic mi sgaoth mh貌r de na s矛thichean a鈥 tighinn a-steach tro ch霉l an taighe. Bha iad a鈥 saodachadh b貌 agus each romhpa, agus ghabh iad tron teine agus a-mach tro aghaidh an taighe. Agus chaidh iad a-steach don chnoc ud thall. Nam biodh sibhse cho e貌lach air na daoine beaga ud 鈥檚 a tha mise, cha tigeadh sibh do Chille Mhoire a chreach bhanntraichean bochda 鈥檚 a thoirt bhuapa an cuid cruidh.鈥
Nuair a chuala am b脿illidh seo, thug e a chasan leis. Is thathar ag r脿dh nach tug e b貌 bho bhanntrach tuilleadh cho fad 鈥檚 a bha e na bh脿illidh air Trondairnis.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ch脿nain na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.