07/07/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 53
Duration: 05:05
Litir 53: A mhuinntir mo dh霉thcha agus mo cho-shaighdeara!
鈥淎 mhuinntir mo dh霉thcha agus mo cho-shaighdeara!鈥 dh鈥櫭╥gh an ceannard Albannach, Galgacus, air an arm aige nuair a bha iad a鈥 deanamh deiseil airson sabaid an aghaidh nan R貌manach. Bha sin, a r猫ir aithris, anns a鈥 bhliadhna ceithir fichead 鈥檚 a ceithir (84) neo ceithir fichead 鈥檚 a c貌ig (85) as d猫idh Chr矛osta aig 脿ite air an robh 鈥淢ons Graupius鈥 mar ainm.
Lean Galgacus air mar seo: 鈥淣uair a tha mi a鈥 toirt fa-near an adhbhair gun do tharraing sinn ar claidhnean, agus am feum a th鈥 againn air buille tarbhach a bhualadh, mus cuir sinn a-rithist anns an truaill iad, tha mi a鈥 mothachadh d貌chas aoibhneach ag 猫irigh suas nam inntinn, gum bi air an latha an-diugh, slighe air a fosgladh chum saorsa Bhreatainn a thoirt air ais鈥︹
Uill, cha deach an latha cho math 鈥檚 a bha e an d貌chas. 鈥楽 d貌cha gu robh Galgacus na b鈥 fhe脿rr air 貌raidean na bha e air sabaid! Lorg mi an 貌raid ann an seann leabhar G脿idhlig a chaidh fhoillseachadh ann an ochd ceud deug 鈥檚 a tr矛-deug (1813). Chaidh a sgr矛obhadh le fear P. MacPh脿rlain. Chan eil fhios a鈥檓 c貌 bh鈥 ann neo d猫 a鈥 chiad ainm a bh鈥 air. P脿draig 鈥檚 d貌cha, neo P貌l? Co-dhi霉, d矛reach ron 貌raid fh猫in, sgr矛obh MacPh脿rlain tiotal air a son: 鈥淏rosnachadh Ghalgacuis, ceann-feadhna nan Gaidheal, nuair a bha iad a鈥 dol a chur cath ri feachd na R貌imhe.鈥
Mmm. Ceann-feadhna nan Gaidheal? An robh Galgacus dha-r矛reabh a鈥 bruidhinn G脿idhlig air an latha sin. Chanadh a鈥 chuid as motha de luchd-eachdraidh an-diugh nach robh. Bhiodh e na bu choltaiche gu robh e a鈥 bruidhinn Cruithnis, c脿nan nan Cruithneach. Ach c脿it鈥 an d鈥檉huair MacPh脿rlain na faclan aig Galgacus, air an do chuir e fh猫in G脿idhlig aig toiseach an naoidheamh linn deug?
鈥楽 e an fhreagairt 鈥 bho Chornelius Tacitus, fear de luchd-eachdraidh na R貌imhe, a bha na dhuine 貌g nuair a thachair Bl脿r Mhons Ghraupius. Sgr矛obh Tacitus leabhar mun uachdaran R貌manach, Agricola, a bha na riaghladair air Breatainn airson seachd bliadhna agus a bha os cionn arm nan R貌manach aig Mons Graupius. Sgr矛obh e ann an Laidinn, agus feumaidh gun do dh鈥檈adar-theangaich MacPh脿rlain don Gh脿idhlig e.
鈥橲 e Tacitus a sgr矛obh an earrann ainmeil mu dheidhinn nan R貌manach a chluinnear gu math tric ann an diofar ch脿nanan 鈥 鈥溾bi solitudinem faciunt, pacem appellant鈥︹ 鈥 nuair a n矛 iad f脿sach, canaidh iad s矛th ris. Chan eil fhios a鈥檓 an robh Galgacus cho pongail sin agus, co-dhi霉, cha do rinn na faclan aige diofar m貌r sam bith air latha a鈥 bhatail. Bha arm na b鈥 fhe脿rr aig na R貌manaich. Ged a bha carbadan aig na h-Albannaich, rinn marc-shluagh nan R貌manach a鈥 ch霉is orra. Agus bha cabhlach m貌r R貌manach aig muir, a鈥 cumail biadh is bathar ris na saighdearan.
Chan eil fios le cinnt aig duine an-diugh c脿it鈥 an robh Mons Graupius. Tha mons a鈥 ciallachadh beinn neo monadh ann an Laidinn. Ach chan eil fios aig duine d猫 bha Graupius a鈥 ciallachadh. Tha a鈥 chuid as motha de sgoilearan dhen bheachd gur ann anns an ear-thuath a bha e, 鈥檚 d貌cha ann an Siorrachd Obair Dheathain neo Moireibh. Tha beachd ann cuideachd gu robh e ann an Inbhir Nis. 鈥橲 d貌cha nach bi fios againn a-chaoidh air a sin.
Dh鈥檉h脿g Tacitus d矛leab eile againn cuideachd. Tha e coltach nach do leugh fear-eachdraidh eile Mons Graupius gu ceart, agus sgr矛obh e fh猫in e mar 鈥淢ons Grampius鈥. Agus 鈥檚 ann 脿s a sin a th脿inig am facal Grampian ann am Beurla 鈥 fada mus robh guth air st猫isean-telebhisein! Agus 鈥檚 e sin is coireach nach eil facal G脿idhlig againn airson Grampian, ach Grampian fh猫in.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.