Obar Dheathain agus Slighe Taobh Dè
'S e Obar Dheathain an treas baile as motha ann an Alba. 'S ann ann a tha gnìomhachas na h-ola agus a' ghas stèidhichte, ach tha e a' gluasad gu bhith a' leasachadh lùth nas glaine.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
dè th' ann an Slighe Taobh Dè
mar a dh'fhàs agus a dh'atharraich Obar Dheathain
mu ghnìomhachas na h-ola, a' ghas agus lùth ath-nuadhachail
mu sgrìrean bailteil, iomall-bhailteil agus ùٳ
mu phàircean poblach Alba
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Daoine, Àite agus Àrainneachd do C5, C6 agus C7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Bhidio - Obar Dheathain agus Slighe Taobh Dè
Coimhead Isla agus Connor a' gabhail cuairt air Slighe Taobh Dè agus faigh a-mach mar a tha Obar Dheathain air atharrachadh thar nan 900 bliadhna a dh'fhalbh.
Dè th' ann an Slighe Taobh Dè?
'S e ceum 41 mìle a dh'fhaid, a tha a' ceangal Obar Dheathain agus Bealadair, a th' ann an Slighe Taobh Dè. 'S e slighe sgoinneil a th' ann do luchd-coiseachd agus do luchd-bhaidhsagalan.
Tha Slighe Taobh Dè a' leantainn slighe seann Rèile Rìoghail Taobh Dè. Tha e mar sin air leth bho rathaidean agus bho thrafaig agus tha an caisead socair a' ciallachadh gu bheil e a' freagairt air comasan a h-uile duine.
Ciamar a tha Obar Dheathain air fàs agus atharrachadh?
Dè na gnìomhachasan lùth a th' ann an Obar Dheathain?
Tha buaidh mhòr, mhòr aig gnìomhachas na h-ola is a' ghas air Obar Dheathain.
Deireadh nan 1960an, chaidh ola agus gas a lorg fo ghrunnd a' Chuain a Tuath. Thòisich an ola a' sruthadh a-steach a dh'Alba ann an 1975. Stèidhich companaidhean ola iad fhèin ann an Obar Dheathain agus b' e cala Obar Dheathain an uair sin am prìomh phort a bha anns an Roinn Eòrpa a bha a' toirt taic agus goireasan dha na crainn-ola a bha anns a' Chuan a Tuath.
Bho timcheall air 2000, chan eil uiread de dh'ola air a bhith a' tighinn às a' Chuan a Tuath. Theirig an ola agus an gas a bha anns an uisge nach robh cho domhainn. Mar sin, feumaidh companaidhean drileadh fo phàirtean nas doimhne dhen Chuan a Tuath. Tha seo nas dorra a dhèanamh agus nas daoire.
'S e connaidhean-fosail a th' ann an ola agus ann an gas agus bidh iad a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde. Tha Alba a' gluasad gu stòran-lùth nas glaine.
Tha companaidhean agus luchd-obrach ann an Obar Dheathain a tha a' gluasad gu bhith a' gintinn lùth ath-nuadhachail. Tha togail agus ruith thuathan-gaoithe far-thìr a' cleachdadh mòran dhe na sgilean a tha a' cumail taic ri crainn ola agus gas.
Tha tuath-gaoithe Bàgh Obar Dheathain dìreach far cladach Obar Dheathain agus tha e a' cuideachadh le bhith a' gintinn pàirt de lùth ath-nuadhachail Alba.
Faigh a-mach barrachd mu lùth ath-nuadhachail agus neo-ath-nuadhachail.
Pàircean poblach Alba
Tha tòrr àitichean gorm, poblach ann am bailtean is ann am mòr-bhailtean Alba. Chaidh mòran dhiubh a chruthachadh ann an linn Bhictòria agus thug iad àitichean a-muigh a bhiodh tlachdmhor do dhaoine anns na mòr-bhailtean a bha làn dhaoine.
An-diugh, tha na pàircean sin fhathast a' dèanamh obair chudromach – tha iad math airson deagh shlàinte-inntinn, toileachas, fiadh-bheatha agus nàdar. Thoir sùil air an taisbeanadh agus gheibh thu a-mach barrachd mu phàircean poblach ann an Alba.
Ionnsaich barrachd mu mar a dh’atharraich Alba ri linn Bhictòria an seo: Mar a dh'atharraich Alba ann an Linn Bhictòria
1 of 4
Sgìrean bailteil, iomall-bhailteil agus ùٳ
Tha còrr is trian de mhuinntir Alba a' fuireach ann am mòr-bhailtean no ann am bailtean. Tha a h-uile mòr-bhaile agus an sgìre mun cuairt orra eadar-dhealaichte, ach gabhaidh a' mhòr-chuid dhiubh a roinn ann an trì seòrsachan sgìrean:
- bailteil
- iomall-bhailteil
- ùٳ
Bailteil
Canar gu bheil mòr-bhailtean agus bailtean mòra bailteil.
Glè thric bidh meadhan trang le gnothachasan nas motha, ùٳٱ agus oifisean ann an sgìrean bailteil, agus àitichean mar taighean-dhealbh, taighean-bìdh no taighean-tasgaidh. Bidh iad sin glè thric ann an togalaichean nas àirde bhon a tha rùm gann. Faodaidh sràidean fàs trang le trafaig bhon a tha mòran a’ tighinn a dh’obair no a thadhal air meadhan a’ bhaile no a’ mhòr-bhaile.
Faodaidh rùm airson thaighean a bhith gann ann an sgìrean bailteil cuideachd. Mar sin, bidh cuid a’ fuireach ann am flataichean, ann an teanamaintean no ann an taighean-barraide a tha air an togail faisg air a chèile le gàrraidhean beaga.
Iomall-bhailteil
Bidh sgìrean iomall-bhailteil a' fàs mun cuairt mhòr-bhailtean is bailtean mòra. 'S àbhaist gum bi ùٳٱ annta, oifisean agus gnothachasan eile, ach 's e taighean a th' air a' chuid as motha dhen talamh. 'S e togalaichean nas ìsle a bhios annta sin mar as trice agus tha iad nas sgapte, le gàrraidhean nas motha, barrachd àite gorm agus sràidean nas sàmhaiche.
Bidh DzԲ岹-ùٳٱ agus supermarcaitean cuideachd anns na h-iomall-bhailtean agus tha e nas fhasa do dhaoine dràibheadh thuca seach a mheadhan a' bhaile.
ùٳ
Tha sgìrean ùٳ a' ciallachadh gu bheil iad air an ùٳ. Tha a' mhòr-chuid dhen talamh na àite fosgailte, agus 's dòcha gur e talamh tuathanais a bhios ann, coille no àitichean fiadhaich.
Bidh daoine ann an sgìrean ùٳ glè thric a' fuireach ann an clachain no ann am bailtean beaga. Faisg air mòr-bhailtean, 's dòcha gur e bailtean choimiutairean a bhios an sin – bidh daoine a' fuireach a seo ach a' siubhal dhan mhòr-bhaile airson obair no airson nam bùithean agus nan seirbheisean.
Tha gnothachasan ann an sgìrean ùٳ a' gabhail a-steach nan tuathanasan agus ùٳٱ agus seirbheisean ionadail ann am bailtean agus ann am bailtean beaga. Uaireannan bidh gnothachasan nas motha annta mar factaraidhean no taighean-stòraidh a gheibh air barrachd rùm a thoirt suas air fearann nas saoire.
connaidhean-fosail - Chaidh connaidhean-fosail a chruthachadh thar nam milleanan bhliadhnaichean bho fhuigheall bheathaichean is lusan marbh. Chaidh iad sin a thiodhlacadh fon talamh agus dh'atharraich bruthadh agus teas iad gu bhith nan ola, gas agus gual.
lùth ath-nuadhachail - Seòrsachan lùth nach teirig, mar lùth na gaoithe, lùth nan tonn, lùth an làin agus lùth na grèine.
atharrachadh na gnàth-shìde - An t-atharrachadh anns an t-sìde àbhaisteach (teòthachd, gaoth, sileadh-uisge msaa) air an Talamh thar ùine mhòr. Tha a' ghnàth-shìde air atharrachadh fad eachdraidh na Talmhainn, ach tha an t-atharrachadh sa ghnàth-shìde a th' ann an-dràsta mu dheidhinn teòthachd na cruinne a bhith a' dol suas.
ùٳ - Air no bhon ùٳ seach ann am mòr-bhaile no baile.
iomall-bhailteil - Ann no bho sgìre mun cuairt taobh a-muigh mòr-bhaile.
bailteil - Ann no bho mhòr-bhaile no baile mòr.
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean
ù
Lorg sgìrean bailteil, ùٳ agus iomall-bhailteil faisg air far a bheil thu a' fuireach.
Gabh cuairt ann an sgìre ionadail na sgoile agad a' coiseachd, air-loidhne no le mapaichean.
An obraich thu a-mach an e sgìre bhailteil, dhùthchail no iomall-bhailteil a th' innte?
Dè tha a' sealltainn seo dhut?
More on ܳٳ-ì
Find out more by working through a topic
- count6 of 24
- count8 of 24