ìDz cruthachail
-à
Am Measadh Aonaid
- Bidh measadh sgrìobhaidh mar as trice ceangailte ri measadh èisteachd, measadh labhairt no measadh leughaidh. Bidh cuspair nam measaidhean ceangailte ann an dòigh air choireigin.
- 'S dòcha gum faigh thu cothrom a bhith a' beachdachadh air a' cheist ron mheasadh. Ma gheibh, dèan cinnteach gum bi deagh phlan agad mus dèan thu am measadh fhèin. Tha plana feumail airson rian a chumail air do smuaintean - feumaidh an leughadair na sgrìobh thu a leantainn. Tha mapa-inntinn feumail airson seo.
- Bidh thu mar as trice a' faighinn suas ri uair a thìde gus am measadh a dhèanamh.
- Bu chòir gum bi am pìos a sgrìobhas tu co-dhiù 300 facal a dh'fhaid. Ach na gabh cus uallaich mun àireamh de dh'fhaclan. 'S e cho math 's a tha an sgrìobhadh agad an rud as cudromaiche.
- Feumaidh tu freagairt a sgrìobhadh a tha a' cumail ri cuspair na ceiste.
Structar na h-aiste
- Cuimhnich gu bheil toiseach agus deireadh aiste cudromach.
- Tha thu airson aire an leughadair a tharraing aig an toiseach.
- Cuimhnich seantansan agus earrannan a chleachdadh.
Dè bhios ann an deagh aiste?
- ìDz a tha soilleir agus furasta a thuigsinn.
- ìDz a tha a' cumail ris a' cheist.
- ìDz a tha a' sealltainn gu bheil stòras de dh'fhaclan agad.
- ìDz a tha a' cleachdadh abairtean a bhuineas dhan Ghàidhlig agus air nach eil blas na Beurla.
- ìDz a tha a' cleachdadh diofar structuran cànain, me diofar thràthan - 's e/feumaidh/faodaidh/bu chòir/'s urrainn...
- ìDz a tha ann an cruth freagarrach airson na ceist.
- ìDz a tha a' cumail ri riaghailtean litreachaidh, gràmair agus cruth seantains na à.
- ìDz a tha a' sealltainn gu bheil thu a' cleachdadh nan smuaintean 's nam beachdan agad fhèin.