ý

ìDz󲹻 pearsantaìDz󲹻 pearsanta

Ciamar a b’ urrainn dhut do chuid sgrìobhaidh pearsanta a thoirt gu ìre nas àirde? Dè na diofar structairean cànain a dh’obraicheadh? Seo dòigh air na ceistean sin fhuasgladh.

Part of àìDz󲹻

ìDz󲹻 pearsanta

Am Measadh Aonaid

  • Bidh measadh sgrìobhaidh mar as trice ceangailte ri measadh èisteachd, measadh labhairt no measadh leughaidh. Bidh cuspair nam measaidhean ceangailte ann an dòigh air choireigin.
  • 'S dòcha gum faigh thu cothrom a bhith a' beachdachadh air a' cheist ron mheasadh. Ma gheibh, dèan cinnteach gum bi deagh phlan agad mus dèan thu am measadh fhèin. Tha plana feumail airson rian a chumail air do smaointean - feumaidh an leughadair na sgrìobh thu a leantainn. Tha mapa-inntinn feumail airson seo.
  • Bidh thu mar as trice a' faighinn suas ri uair a thìde gus am measadh a dhèanamh.
  • Bu chòir gum bi am pìos a sgrìobhas tu co-dhiù 300 facal a dh'fhaid. Ach na gabh cus uallaich mun àireamh de dh'fhaclan. 'S e cho math 's a tha an sgrìobhadh agad an rud as cudromaiche.
  • Feumaidh tu freagairt a sgrìobhadh a tha a' cumail ri cuspair na ceiste.

Structar na h-aiste

  • Cuimhnich gu bheil toiseach agus deireadh aiste cudromach.
  • Tha thu airson aire an leughadair a tharraing aig an toiseach.
  • Cuimhnich seantansan agus earrannan a chleachdadh.

Dè bhios ann an deagh aiste?

  • ìDz󲹻 a tha soilleir agus furasta a thuigsinn.
  • ìDz󲹻 a tha a' cumail ris a' cheist.
  • ìDz󲹻 a tha a' sealltainn gu bheil stòras de dh'fhaclan agad.
  • ìDz󲹻 a tha a' cleachdadh abairtean a bhuineas dhan Ghàidhlig agus air nach eil blas na Beurla.
  • ìDz󲹻 a tha a' cleachdadh diofar structuran cànain, me diofar thràthan - 's e/feumaidh/faodaidh/bu chòir/'s urrainn...
  • ìDz󲹻 a tha ann an cruth freagarrach airson na ceist.
  • ìDz󲹻 a tha a' cumail ri riaghailtean litreachaidh, gràmair agus cruth seantains na à.
  • ìDz󲹻 a tha a' sealltainn gu bheil thu a' cleachdadh nan smuaintean 's nam beachdan agad fhèin.

Related links