Dè th' ann am beàrnan ùine?
Nuair a bhios tu ag obrachadh a-mach beàrn ùine, bidh agad ri obrachadh a-mach dè an ùine a bheir rud. 'S dòcha gur e an ùine a bhios cuideigin ag obair no dè cho fada 's a bheir turas air trèana.
Mar as trice, bidh sinn a' cunntadh leis an t-siostam dheicheach de aonadan, deichean, ceudan, msaa.
Ach cha bhi sinn a' cunntadh ùine san aon dòigh:
- \(60\,diog = 1\,mionaid\)
- \(60\,mionaid = 1\,uair\)
Cùm cuimhne air an seo nuair a bhios tu a' cur-ris no a' toirt-air-falbh dhiogan bho mhionaidean no mionaidean bho uairean a thìde.