Ag obrachadh a-mach beàrnan ùine
Tha trì dòighean ann air beàrnan ùine obrachadh a-mach.
Chan eil e gu diofar dè an dòigh a thaghas tu, fhad 's a bhios tu cofhurtail ga chleachdadh.
Ach ge bith dè an dòigh a thaghas tu, feuch gun seall thu d' obrachadh. Nì e feum dha na freagairtean agad mu ùine ma bhios iad soilleir.
Eisimpleir
Bidh Daniel a' tòiseachadh san sgoil aig \(8.25m\) agus bidh e a' crìochnachadh aig \(3.15f\). Dè cho fada 's a tha e san sgoil?
Faodaidh tu seo obrachadh a-mach ann an dà dhòigh, a' cleachdadh Loidhneachan ùine no A' cunntadh air adhart.
Loidhneachan ùine
Seo far a bheil beàrn ùine air a shealltainn air loidhne ùine.
Ceum a h-Aon
An toiseach tarraing loidhne le \(8.25m\) (nuair a thòisich Daniel san sgoil) aig aon cheann agus \(3.15f\) (nuair a chrìochnaidh Daniel san sgoil) aig a' cheann eile.
Ceum a Dhà
An uair sin seall \(9m\) agus \(3f\) air an loidhne.
Ma thogras tu, seall \(\text{meadhan-là}\).
Ceum a Trì
A-nis obraich a-mach am beàrn ùine airson gach earrainn.
Ceum a Ceithir
Cuir-ris iad a-nis.
\(3\,u + 3\,u + 35\,mion + 15\,mion = 6\,uairean\, 50\,mionaid\)