ìDz pearsanta
Anns an earrainn sgrìobhaidh seo coimheadaidh sinn air aon dòigh air ceist ìDz pearsanta a fhreagairt.
Seo ceist a dh'fhaodadh a bhith ann am measadh-aonaid:
Na cur-seachadan agam fhèin
Sgrìobh aiste phearsanta air a bheil an tiotal 'Na cur-seachadan agam fhèin'.
Nad phlana, dh'fhaodadh tu tiotalan a sgrìobhadh a dh'innseadh dè bhiodh anns gach paragraf (àireamhan 1-5).
Seo mar a bha mise a' smaoineachadh air an aiste a chur ri chèile:
Paragraf 1: Ro-ràdh
- Innsidh mi mu na tha mi a' dol a dhèanamh anns an aiste seo
- Ainmichidh mi na trì cur-seachadan a tha agam
Paragraf 2: Ball-basgaid
Innsidh mi mun chur-seachad seo, me:
- cuin a thòisich mi
- dè cho tric 's a bhios mi ris
- an sgioba dhan cluich mi
- an toileachas a tha e a' toirt dhomh
- am feum a tha e a' dèanamh dhomh a thaobh fallaineachd
- mar a tha mi a' cur eòlas air daoine eile
Paragraf 3: Leughadh
Innsidh mi mun chur-seachad seo, me:
- far am faigh mi leabhraichean (bùthan, eadar-lìon, leabharlann, e-leabhraichean)
- dè seòrsa leabhraichean as toigh leam
- an leabhar as fhèarr a leugh mi
- cho tric 's a bhios mi ris
- am feum a tha e a' dèanamh dhomh anns an sgoil
Paragraf 4: Togail dhealbhan
Innsidh mi mun chur-seachad seo, me:
- an camara ùr a tha agam
- na seòrsaichean dhealbhan as toigh leam a bhith a' togail
- cho tric 's a bhios mi ris
- co-fharpais a bhuannaich mi
Paragraf 5: Co-dhùnadh
Cuiridh mi crìoch air an aiste le bhith ag innse:
- mun eadar-dhealachadh a tha na cur-seachadan seo a' dèanamh rim bheatha agus mar a tha mi an dòchas leantainn orm leotha
Cruthaich mapa-inntinn dhut fhèin a-nis airson a' chuspair seo. An uair sin, sgrìobh aiste phearsanta air a' chuspair.