Prìomh fhiosrachadh
Faodaidh a' ghaoth buaidh a thoirt air ar beatha làitheil ann an iomadh dòigh.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Mu bhuannachdan agus eas-bhuannachdan gaoithe
- Mar a ghabhas gaoth a chleachdadh airson lùth a ghintinn
- Mu aimsir ghaothach dhian mar èٱ agus ٴǰàdzٳ
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Aimsir airson Clas 2, Clas 3, Clas 4, Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (A' Chiad agus An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathais).
Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mar a bhios gaoth a' toirt buaidh air ar beatha agus air an t-saoghal mun cuairt oirnn.
Ciamar a bhios a' ghaoth a' toirt buaidh air ar beatha?
Buannachdan
- Tha sìde le oiteagan làidir math airson itealagan agus airson nigheadaireachd a thiormachadh a-muigh.
- Bidh gaoth a' gluasad teas agus taiseachd air falbh bho ar bodhaigean. Canaidh sinn factar fuachd na gaoithe ris a seo agus faodaidh e ar cumail fionnar air làithean teth.
- Tha gaoth cuideachd cudromach ann an à岹. Bidh i a' cuideachadh cuid de lusan sgaoileadh le bhith a' sèideadh an t-sìl aca gu talamh ùr.
- Bidh i a' sèideadh air falbh ceò agus truailleadh ann am bailtean-mòra agus ga dhèanamh nas fhasa dhuinn faicinn agus nas fhallaine a' tarraing anail.
- Thèid againn air dealan a ghintinn le tuirbinean gaoithe.
Eas-bhuannachdan
- Faodaidh gaoth làidir buaidh a thoirt air mar a bhios sinn a' siubhal. Faodaidh uspagGaoth làidir a shèideas gu h-obann agus nach sèid ro fhada. gaoithe dràibheadh a dhèanamh doirbh gu h-àraid do bhusaichean agus do làraidhean. Chan fhalbh èԲ, aiseagan no ٰèԲ ma tha i uabhasach fiadhaich chionn bidh gaoth mhòr a' ciallachadh nach bi e sàbhailte siubhal.
- Faodaidh factar fuachd na gaoithe toirt oirnn teas bodhaig a chall nas luaithe agus bidh sinn a' faireachdainn fiù 's nas fhuaire air latha fuar.
- Faodaidh fuachd na gaoithe lusan a mhilleadh agus 's dòcha gun tiormaich na duilleagan.
- Faodaidh gaoth mhòr ò- a chur far an cùrsa no an dèanamh sgìth.
- Faodaidh èGaoth uabhasach làidir. a bhith cho làidir 's gum falbh taidhlichean far nan taighean agus gum bris geugan chraobhan.
1 of 3
մǰàdzٳ
- Tha cuid dhe na gaothan as làidire air an clàradh air an Talamh rim faotainn ann an ٴǰàdzٳ.
- 'S e colbh èadhair a' toinneamh aig astar a th' ann an ٴǰà agus bidh e air a chruthachadh eadar sgòthan stoirme agus an talamh.
- Faodaidh iad tòrr millidh a dhèanamh le bhith a' leagail thogalaichean 's chraobhan.
- 'S ann anns na SA as motha a tha dhe na ٴǰàdzٳ air an t-saoghal.
- San RA, bidh mu 30-50 ٴǰà againn gach bliadhna ach 's àbhaist dhaibh a bhith gu math beag agus cha bhi iad uamhasach millteach.
- factar fuachd na gaoithe - Nuair a bhios gaoth a' sèideadh mun cuairt oirnn, 's dòcha gum fairich sinn i nas fhuaire na tha teòthachd na h-èadhair dha-rìribh chionn bidh gaoth a' gluasad teas agus taiseachd air falbh bho ar bodhaigean. Canar factar fuachd na gaoithe ris a seo.
- tuirbinean gaoithe - Muilnean-gaoithe mòr le lannan a bhios a' dol mun cuairt agus a' cur car de ghineadair agus a' dèanamh dealan.
- uspag - Gaoth làidir a shèideas gu h-obann agus nach sèid ro fhada.
- è - Gaoth uabhasach làidir.
- ٴǰà - Seòrsa de stoirm anns am bi a' ghaoth a' cur charan ann an colbh eadar na sgòthan agus an talamh.
Ceistean
Dealbhaich itealag cho-chothromach
Tha gaoth lag uabhasach math airson itealagan. Feuch fhèin ri itealag a dhealbh airson latha gaothach. Feuch a-mach diofar dhathan 's phàtrain!
ܾԾ…
Bidh cumadh 2sh co-chothromach ma ghabhas loidhne a tharraing troimhe 's gum bi gach taobh dhen loidhne a' coimhead an aon rud.
Faigh a-mach mar as urrainn dhuinn gaoth a chleachdadh airson dealan ath-nuadhachail a ghintinn.
Lùth na gaoithe. revision-guideLùth na gaoithe
'S e bun-lùtha ath-nuadhachail a th' ann an lùth na gaoithe a tha air a chleachdadh airson dealan a ghintinn. Faigh a-mach mar a bhios tuirbinean gaoithe ag obrachadh agus mar a dh'fhaodas iad ar cuideachadh gus a bhith beò ann an dòigh nas seasmhaiche.
More on Aimsir
Find out more by working through a topic
- count1 of 21
- count2 of 21
- count3 of 21