ý

'S e bun-lùtha ath-nuadhachail a th' ann an lùth na gaoithe agus gabhaidh a chleachdadh airson dealan a ghintinn.

San artaigil seo gheibh thu a-mach mu:

  • Cò às a tha gaoth a' tighinn
  • Dè bhios a' tachairt am broinn tuirbin gaoithe
  • Na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan aig lùth na gaoithe

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre dhen Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus gheibh thu a-mach cò às a tha lùth na gaoithe a' tighinn agus mar a ghabhas a chleachdadh mar bhun-lùtha

Back to top

Cò às a bheil gaoth a' tighinn?

Image caption,
Bidh a' ghrian a' teasachadh èadhar, a' toirt oirre èirigh agus èadhar fhuar a thighinn a-steach na h-àite. Canar gaoth ris a' ghluasad èadhair seo.

Tha gaoth air a cruthachadh nuair a bhlàthaicheas a' ghrian èadhar san àile againn.

Tha an èadhar air a teasachadh barrachd ann an àitichean sa bheil barrachd grèine. Nuair a thèid èadhar a theasachadh, bidh i ag èirigh. Bidh èadhar fhuar a' dol a-steach na deann airson a dhol na h-àite, agus a' dèanamh gaoth.

Tha an èadhar a' gluasad agus mar sin tha aice.

Image caption,
Bidh a' ghrian a' teasachadh èadhar, a' toirt oirre èirigh agus èadhar fhuar a thighinn a-steach na h-àite. Canar gaoth ris a' ghluasad èadhair seo.

Dè th' ann an lùth na gaoithe?

Tha daoine air a bhith a' cleachdadh lùth na gaoithe o chionn nam mìltean bhliadhnaichean, mar eisimpleir ann an siùil eathraichean, mar mhuilnean-gaoithe airson gràn a bhleith agus min a dhèanamh, agus ann am pumpaichean gaoithe airson uisge a phumpadh.

Tuirbinean gaoithe

Thèid aig tuirbinean gaoithe air lùth bhon ghaoith atharrachadh gu dealan.

Bidh tuirbinean a' tionndadh airson gum bi an aghaidh ris a' ghaoith. Tha sgiathan tuirbin air an cumadh airson gum bi fiù 's gaoth lag gam putadh mun cuairt. Tha lùth cineataigeach bho ghluasad na h-èadhair air aiseag gu na sgiathan a tha a' dol mun cuairt.

Bidh na sgiathan a' tionndadh cas a tha ceangailte ri ìǻ󲹰-Dz. Tha a' chas a' tionndadh gu slaodach agus tha seo air a chleachdadh gus dara cas a tha gu math nas luaithe a thionndadh.

Tha an dara cas ceangailte ri gineadair. Am broinn a' ghineadair tha magnaitean a bhios a' cur car gu luath timcheall cuibhleagan uèir chopair. Nuair a bhios na magnaitean a' cur car, bidh dealan a' tòiseachadh air sruthadh tron uèir chopair. Tha lùth cineataigeach air atharrachadh gu lùth dealain a bhios a' siubhal ann an càbaill chun a' .

Bidh tuirbinean gaoithe ag obrachadh nas fheàrr ann an àitichean fosgailte far nach eil cnapan-starra sam bith a chuireas bacadh air a' ghaoith. Tha iad tric nam pàirt de thuathan-gaoithe nas motha a tha glè thric shuas àrd air beanntan no a-muigh aig muir.

Gaoth ann an Alba

'S e gaoth am prìomh stòr lùth ath-nuadhachail ann an Alba. Ann an 2020 thàinig mu 70% dhen lùth ath-nuadhachail air a ghintinn ann an Alba bho ghaoth -ì.

'S e gaoth ڲ-ٳì an treas stòr as motha, an dèidh dealan-uisge. Bidh tuathan-gaoithe mar Tuath-gaoithe Far-thìr Beatrice a' toirt cumhachd dha na ceudan de mhìltean de dhachaighean.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, , Bidh a' ghaoth a' tionndadh sgiathan tuirbin, agus bidh iad sin a' cur car de chas. Bidh ìǻ󲹰-Dz a' cleachdadh na cois seo a tha a' cur car gu slaodach airson cas eile a thionndadh a tha a' cur car gu math nas luaithe. Tha an dara cas a' ceangal ri gineadair agus a' dèanamh dealan. Tha an dealan air a chur tro loidhnichean cumhachd gu fo-stèisean, agus an uair sin gu dachaighean, gnothachasan agus sgoiltean.

Buannachdan agus eas-bhuannachdan lùth na gaoithe

Buannachdan

  • 'S e stòr ath-nuadhachail nach teirig a th' ann an lùth na gaoithe – bidh gaoth againn gu bràth.
  • Cha bhi lùth na gaoithe a' cruthachadh eimiseanan carbon agus chan eil e dona dhan àrainneachd.
  • Tha dealan bho lùth na gaoithe saor aon uair 's gun tèid na tuirbinean a thogail.

Eas-bhuannachdan

  • Nuair nach eil gaoth ann, cha bhi tuathan-gaoithe a' gintinn dealan.
  • Ann an cuid a dh'àitichean faodaidh tuathan-gaoithe cron a dhèanamh air eòin a bhios a' neadachadh no ag itealaich tron sgìre.
  • Tha cuid dhen bheachd gu bheil tuathan-gaoithe a' milleadh an t-seallaidh chun na mara no air an dùthaich.
Back to top

lùth cineataigeach – Lùth a tha ann an nì air sgàth 's gu bheil e a' gluasad. Nuair a shadas tu ball dhan adhar, tha lùth cineataigeach aige air sgàth 's gu bheil e a' gluasad. Bidh lùth cineataigeach na gaoithe a' tionndadh nan sgiathan air an tuirbin gaoithe agus a' gintinn dealan.

cas – Pòla fada. 'S e a' chas pàirt dhen tuirbin gaoithe a bhios a' tionndadh, agus a' cuideachadh gus dealan a ghintinn. Bidh an lùth sa ghaoith a' tionndadh nan sgiathan a tha ceangailte ris a' phrìomh chois, agus tha sin an uair sin a' tionndadh dara chas, a bhios a' cur car de ghineadair gus dealan a ghintinn.

gineadair – Inneal airson dealan a dhèanamh. Nuair a thèid ceann a' ghineadair a thionndadh, tha an lùth seo air atharrachadh gu lùth dealain.

cuibhleagan copair – Tha cuibhleagan de uèir chopair ann an gineadair. Nuair a chuireas cearcall mhagnaitean car dhiubh, tòisichidh dealan a' sruthadh tro na uèirichean.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

Back to top

ù

Tarraing diagram a bheir cunntas air mar a tha:

  1. Gaoth air a cruthachadh bhon ghrèin.
  2. Tuirbin gaoithe a' gintinn dealan.
Back to top

More on Bunan lùtha is seasmhachd

Find out more by working through a topic