ý

Obar Dheathain agus Slighe Taobh Dè

'S e Obar Dheathain an treas baile as motha ann an Alba. 'S ann ann a tha gnìomhachas na h-ola agus a' ghas stèidhichte, ach tha e a' gluasad gu bhith a' leasachadh lùth nas glaine.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • dè th' ann an Slighe Taobh Dè

  • mar a dh'fhàs agus a dh'atharraich Obar Dheathain

  • mu ghnìomhachas na h-ola, a' ghas agus lùth ath-nuadhachail

  • mu sgrìrean bailteil, iomall-bhailteil agus ùٳ󳦳󲹾

  • mu phàircean poblach Alba

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Daoine, Àite agus Àrainneachd do C5, C6 agus C7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Bhidio - Obar Dheathain agus Slighe Taobh Dè

Coimhead Isla agus Connor a' gabhail cuairt air Slighe Taobh Dè agus faigh a-mach mar a tha Obar Dheathain air atharrachadh thar nan 900 bliadhna a dh'fhalbh.

Back to top

Dè th' ann an Slighe Taobh Dè?

Map a' sealltainn cuid dhe na prìomh sgìrean air Slighe Taobh Dè
Figure caption,
Tha am map seo a' sealltainn cuid dhe na prìomh sgìrean air Slighe Taobh Dè.

'S e ceum 41 mìle a dh'fhaid, a tha a' ceangal Obar Dheathain agus Bealadair, a th' ann an Slighe Taobh Dè. 'S e slighe sgoinneil a th' ann do luchd-coiseachd agus do luchd-bhaidhsagalan.

Tha Slighe Taobh Dè a' leantainn slighe seann Rèile Rìoghail Taobh Dè. Tha e mar sin air leth bho rathaidean agus bho thrafaig agus tha an caisead socair a' ciallachadh gu bheil e a' freagairt air comasan a h-uile duine.

Back to top

Ciamar a tha Obar Dheathain air fàs agus atharrachadh?

Back to top

Dè na gnìomhachasan lùth a th' ann an Obar Dheathain?

Àrd-ùrlar drileadh ola Claymore
Image caption,
Tha raon-ola Claymore air a bhith a' dèanamh ola agus gas bho 1977. Tha e ceud mìle an ear-thuath air Obar Dheathain. (Simon Price / Alamy Stock Photo)

Tha buaidh mhòr, mhòr aig gnìomhachas na h-ola is a' ghas air Obar Dheathain.

Deireadh nan 1960an, chaidh ola agus gas a lorg fo ghrunnd a' Chuain a Tuath. Thòisich an ola a' sruthadh a-steach a dh'Alba ann an 1975. Stèidhich companaidhean ola iad fhèin ann an Obar Dheathain agus b' e cala Obar Dheathain an uair sin am prìomh phort a bha anns an Roinn Eòrpa a bha a' toirt taic agus goireasan dha na crainn-ola a bha anns a' Chuan a Tuath.

Bho timcheall air 2000, chan eil uiread de dh'ola air a bhith a' tighinn às a' Chuan a Tuath. Theirig an ola agus an gas a bha anns an uisge nach robh cho domhainn. Mar sin, feumaidh companaidhean drileadh fo phàirtean nas doimhne dhen Chuan a Tuath. Tha seo nas dorra a dhèanamh agus nas daoire.

Àrd-ùrlar drileadh ola Claymore
Image caption,
Tha raon-ola Claymore air a bhith a' dèanamh ola agus gas bho 1977. Tha e ceud mìle an ear-thuath air Obar Dheathain. (Simon Price / Alamy Stock Photo)
Trì tuirbin gaoithe far a' chladaich ann an Tuath-gaoithe Bàgh Obar Dheathain
Image caption,
Tha aon-deug tuirbin gaoithe ann an Tuath-gaoithe Bàgh Obar Dheathain agus tha iad trì cileameatairean far cladach Obar Dheathain. (Marine Construction Photos / Alamy Stock Photo)

'S e connaidhean-fosail a th' ann an ola agus ann an gas agus bidh iad a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde. Tha Alba a' gluasad gu stòran-lùth nas glaine.

Tha companaidhean agus luchd-obrach ann an Obar Dheathain a tha a' gluasad gu bhith a' gintinn lùth ath-nuadhachail. Tha togail agus ruith thuathan-gaoithe far-thìr a' cleachdadh mòran dhe na sgilean a tha a' cumail taic ri crainn ola agus gas.

Tha tuath-gaoithe Bàgh Obar Dheathain dìreach far cladach Obar Dheathain agus tha e a' cuideachadh le bhith a' gintinn pàirt de lùth ath-nuadhachail Alba.

Faigh a-mach barrachd mu lùth ath-nuadhachail agus neo-ath-nuadhachail.

Trì tuirbin gaoithe far a' chladaich ann an Tuath-gaoithe Bàgh Obar Dheathain
Image caption,
Tha aon-deug tuirbin gaoithe ann an Tuath-gaoithe Bàgh Obar Dheathain agus tha iad trì cileameatairean far cladach Obar Dheathain. (Marine Construction Photos / Alamy Stock Photo)
Back to top

Pàircean poblach Alba

Tha tòrr àitichean gorm, poblach ann am bailtean is ann am mòr-bhailtean Alba. Chaidh mòran dhiubh a chruthachadh ann an linn Bhictòria agus thug iad àitichean a-muigh a bhiodh tlachdmhor do dhaoine anns na mòr-bhailtean a bha làn dhaoine.

An-diugh, tha na pàircean sin fhathast a' dèanamh obair chudromach – tha iad math airson deagh shlàinte-inntinn, toileachas, fiadh-bheatha agus nàdar. Thoir sùil air an taisbeanadh agus gheibh thu a-mach barrachd mu phàircean poblach ann an Alba.

Ionnsaich barrachd mu mar a dh’atharraich Alba ri linn Bhictòria an seo: Mar a dh'atharraich Alba ann an Linn Bhictòria

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 4, Pàirc Duthie air latha grianach, Pàirce Duthie, Obar Dheathain Chaidh Pàirce Duthie fhosgladh ann an 1883 an dèidh dha Elizabeth Crombie Duthie a thoirt dhan bhaile mar thiodhlac ann an 1880 airson 'sunnd agus cur-seachad do mhuinntir Obar Dheathain.' (Anastasia Yakovleva / Alamy Stock Photo)
Back to top

Sgìrean bailteil, iomall-bhailteil agus ùٳ󳦳󲹾

Tha còrr is trian de mhuinntir Alba a' fuireach ann am mòr-bhailtean no ann am bailtean. Tha a h-uile mòr-bhaile agus an sgìre mun cuairt orra eadar-dhealaichte, ach gabhaidh a' mhòr-chuid dhiubh a roinn ann an trì seòrsachan sgìrean:

  • bailteil
  • iomall-bhailteil
  • ùٳ󳦳󲹾
Map a' sealltainn nan sgìrean bailteil, ùٳ󳦳󲹾 agus air iomall-bhailteil ann an Obar Dheathain agus Uisge Dè
Figure caption,
Tha am map seo a' sealltainn nan sgìrean bailteil, iomall-bhailteil agus ùٳ󳦳󲹾 ann an Obar Dheathain agus mun cuairt air.

Bailteil

Canar gu bheil mòr-bhailtean agus bailtean mòra bailteil.

Glè thric bidh meadhan trang le gnothachasan nas motha, ùٳٱ𲹲 agus oifisean ann an sgìrean bailteil, agus àitichean mar taighean-dhealbh, taighean-bìdh no taighean-tasgaidh. Bidh iad sin glè thric ann an togalaichean nas àirde bhon a tha rùm gann. Faodaidh sràidean fàs trang le trafaig bhon a tha mòran a’ tighinn a dh’obair no a thadhal air meadhan a’ bhaile no a’ mhòr-bhaile.

Faodaidh rùm airson thaighean a bhith gann ann an sgìrean bailteil cuideachd. Mar sin, bidh cuid a’ fuireach ann am flataichean, ann an teanamaintean no ann an taighean-barraide a tha air an togail faisg air a chèile le gàrraidhean beaga.

Iomall-bhailteil

Bidh sgìrean iomall-bhailteil a' fàs mun cuairt mhòr-bhailtean is bailtean mòra. 'S àbhaist gum bi ùٳٱ𲹲 annta, oifisean agus gnothachasan eile, ach 's e taighean a th' air a' chuid as motha dhen talamh. 'S e togalaichean nas ìsle a bhios annta sin mar as trice agus tha iad nas sgapte, le gàrraidhean nas motha, barrachd àite gorm agus sràidean nas sàmhaiche.

Bidh DzԲ岹-ùٳٱ𲹲 agus supermarcaitean cuideachd anns na h-iomall-bhailtean agus tha e nas fhasa do dhaoine dràibheadh thuca seach a mheadhan a' bhaile.

ùٳ󳦳󲹾

Tha sgìrean ùٳ󳦳󲹾 a' ciallachadh gu bheil iad air an ùٳ󲹾. Tha a' mhòr-chuid dhen talamh na àite fosgailte, agus 's dòcha gur e talamh tuathanais a bhios ann, coille no àitichean fiadhaich.

Bidh daoine ann an sgìrean ùٳ󳦳󲹾 glè thric a' fuireach ann an clachain no ann am bailtean beaga. Faisg air mòr-bhailtean, 's dòcha gur e bailtean choimiutairean a bhios an sin – bidh daoine a' fuireach a seo ach a' siubhal dhan mhòr-bhaile airson obair no airson nam bùithean agus nan seirbheisean.

Tha gnothachasan ann an sgìrean ùٳ󳦳󲹾 a' gabhail a-steach nan tuathanasan agus ùٳٱ𲹲 agus seirbheisean ionadail ann am bailtean agus ann am bailtean beaga. Uaireannan bidh gnothachasan nas motha annta mar factaraidhean no taighean-stòraidh a gheibh air barrachd rùm a thoirt suas air fearann nas saoire.

Back to top

  • connaidhean-fosail - Chaidh connaidhean-fosail a chruthachadh thar nam milleanan bhliadhnaichean bho fhuigheall bheathaichean is lusan marbh. Chaidh iad sin a thiodhlacadh fon talamh agus dh'atharraich bruthadh agus teas iad gu bhith nan ola, gas agus gual.

  • lùth ath-nuadhachail - Seòrsachan lùth nach teirig, mar lùth na gaoithe, lùth nan tonn, lùth an làin agus lùth na grèine.

  • atharrachadh na gnàth-shìde - An t-atharrachadh anns an t-sìde àbhaisteach (teòthachd, gaoth, sileadh-uisge msaa) air an Talamh thar ùine mhòr. Tha a' ghnàth-shìde air atharrachadh fad eachdraidh na Talmhainn, ach tha an t-atharrachadh sa ghnàth-shìde a th' ann an-dràsta mu dheidhinn teòthachd na cruinne a bhith a' dol suas.

  • ùٳ󳦳󲹾 - Air no bhon ùٳ󲹾 seach ann am mòr-bhaile no baile.

  • iomall-bhailteil - Ann no bho sgìre mun cuairt taobh a-muigh mòr-bhaile.

  • bailteil - Ann no bho mhòr-bhaile no baile mòr.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

Back to top

ù

Ìomhaigh air a bheil am facal 'ù' sgrìobhte

Lorg sgìrean bailteil, ùٳ󳦳󲹾 agus iomall-bhailteil faisg air far a bheil thu a' fuireach.

Gabh cuairt ann an sgìre ionadail na sgoile agad a' coiseachd, air-loidhne no le mapaichean.

An obraich thu a-mach an e sgìre bhailteil, dhùthchail no iomall-bhailteil a th' innte?

Dè tha a' sealltainn seo dhut?

Back to top