ý

Prìomh fhiosrachadh

'S e stuth organach bho lusan is bheathaichean a th' ann am bith-thomad. Gabhaidh seo a chleachdadh mar bhun-lùtha.

Gabhaidh far-stuthan bho choilltearachd, lusan agus sgudal bheathaichean bho thuathanasan, fiù 's òtrachas agus cuid de sgudal bho lìonadh-talmhainn a losgadh na chonnadh no a chleachdadh airson dealan a ghintinn.

Peileidean bith-thomaid
Image caption,
Gabhaidh peileidean bith-thomaid a losgadh ann an stèiseanan cumhachd airson dealan a ghintinn.

Lùth bith-thomaid agus a' bhuaidh aige

Faigh a-mach mar a ghabhas sgudal bho thuathanasan agus bho choilltean a dhèanamh nan connaidhean.

Mar a tha bith-chonnadh ag obrachadh

An aon rud ri , mar gual no gas, tha tòrr lùth ceimigeach ann am bith-thomad. Gabhaidh bith-thomad a ghiullachd gu bhith na dhiofar bhunan-lùtha:

  • Gabhaidh bith-chonnaidhean a tha nan lionn, mar bith-eatanol, a chleachdadh ann an càraichean agus còmhdhail eile, an aon rud ri peatroil agus dìosail.
  • Gabhaidh bith-chonnaidhean cruaidh mar na peileidean fiodha a losgadh airson dachaighean agus togalaichean eile a theasachadh no airson dealan a ghintinn.
  • Gabhaidh bith-ghas, glè thric measgachadh de 𲹳à agus de charbon dà-ogsaid, a losgadh airson teasachadh no airson dealan a ghintinn.

Tha stèiseanan cumhachd bith-thomaid ag obrachadh san aon dòigh ri stèiseanan cumhachd-fosail:

  1. Bidh bith-thomad ga losgadh agus a' cur a-mach teas – tha lùth ceimigeach air aiseag gu bhith na lùth teas.
  2. Tha an teas ga chleachdadh airson uisge a ghoil gus stioma a chruthachadh.
  3. Tha an stioma a' meudachadh agus a' cruthachadh bruthadh a thionndaidheas - tha lùth teas air aiseag gu bhith na lùth cineataigeach.
  4. Tha na tuirbinean a' tionndadh ghineadairean anns a bheil eileagtromhagnaitean. Tha seo a' cruthachadh sruth dealain - tha lùth cineataigeach air aiseag gu bhith na lùth dealain.
  5. Tha dealan a' dol chun a' ghriod airson a chleachdadh aig an taigh, aig an obair no san sgoil.

Factaran suidheachaidh

An aon rud ri connaidhean-fosail, tha connaidhean bith-thomaid furasta an giùlan.

Gabhaidh bith-chonnaidhean a tha cruaidh, nan leann no nan gas a ghiùlan air an rathad, air an rèile no air bàta. Ann an cuid a dh'àitichean tha bith-ghas air a ghiùlan ann am ìDz gu far a bheil feum air.

Glè thric, bidh na h-ionadan airson a bhith a' giullachd agus a' losgadh bhith-chonnaidhean faisg air far a bheil bun an lùth a' fàs, mar eisimpleir faisg air coilltean fiodha no planntachasan cuilc-shiùcair. Chan eil mar sin uiread a dh'fheum air còmhdhail.

Stèisean Cumhachd Bith-chonnaidh Steven's Croft, Locarbaidh
Image caption,
Stèisean Cumhachd Bith-chonnaidh Steven's Croft, Locarbaidh.

'S e Stèisean Cumhachd Steven's Croft, faisg air Locarbaidh, Dùn Phris agus Gall-Ghàidhealaibh, an stèisean cumhachd bith-thomaid as motha san RA. 'S e sgudal bho ghnìomhachas ionadail an fhiodha a tha sa chuid as motha dhen chonnadh a bhios e a' losgadh.

Tha Stèisean Cumhachd Steven's Croft a' dèanamh an dà chuid dealan agus lùth teas do dhachaighean agus do ghnìomhachas ionadail, agus tha e cuideachd a' cur dealan ris a' Ghriod Nàiseanta.

Stèisean Cumhachd Bith-chonnaidh Steven's Croft, Locarbaidh
Image caption,
Stèisean Cumhachd Bith-chonnaidh Steven's Croft, Locarbaidh.

Mar as trice, bidh stèiseanan measgaichte de chumhachd 's de theas, a bhios a' cruthachadh dealan agus teas bho bhith a' losgadh sgudal, faisg air na bailtean agus na mòr-bhailtean anns a bheil an sgudal air a chruthachadh. Feumaidh iad a bhith faisg air deagh cheanglaichean còmhdhail. Far a bheil taigheadas faisg, gabhaidh an teas a thèid a dhèanamh a chur gu dìreach ann am ìDz mar phàirt de shiostam teasachaidh na sgìre.

Sgrùdadh cùise: bith-eatanol ann am Brasil

Cuilc-shiùcair aig fìneadair bith-eatanol, Brasil
Image caption,
Cuilc-shiùcair aig fìneadair bith-eatanol, Brasil.

Gabhaidh siùcair bho lusan atharrachadh gu eatanol agus carbon dà-ogsaid ann am pròiseas ris an canar a' cleachdadh nam beirmearan ann am beirm. Tha eatanol uabhasach lasanta; 's e stòr de lùth ceimigeach a th' ann a tha ag atharrachadh gu diofar sheòrsaichean lùth (teas nam measg) nuair a thèid a losgadh.

Nuair a thig eatanol bho lus, faodar a ràdh gur e bith-chonnadh a th' ann.

Ann an cuid a dhùthchannan, mar Brasil, 's e cuilc-shiùcair am bun-lùth aig siùcar, agus thèid aig beirm air a bhrachadh gu dìreach gu eatanol. Tha Brasil air a bhith a' cleachdadh bith-eatanol mar chonnadh ann an càraichean bho na 1970an. Tha Brasil a' fàs tòrr cuilc-shiùcair agus tha mar sin gu leòr ri fhaotainn an-còmhnaidh airson a dhèanamh na eatanol.

Gabhaidh bith-eatanol a losgadh ann an einnsean càir, ach tha feum air beagan atharrachaidh a dhèanamh air an einnsean. Thèid aig einnseanan peatroil an latha an-diugh air peatroil le suas gu 10% de eatanol a chleachdadh gun fheum air atharrachadh, agus tha eatanol sa mhòr-chuid dhen pheatroil a tha ga reic san RA.

Ann am Brasil, bidh iad tric a' cleachdadh connadh sa bheil 25% eatanol agus 75% peatroil ged a tha cuid de chàraichean a' ruith air 100% eatanol.

Seo aon dòigh air a thoirt à diofar sheòrsaichean còmhdhail. Tha seo ag obrachadh gu math ann am Brasil chionn tha a' ghnàth-shìde freagarrach airson cuilc-shiùcair fhàs agus tha peatroil daor agus feumar a thoirt a-steach dhan dùthaich.

Càr a tha a' ruith air bith-eatanol ga lìonadh aig stèisean peatroil, Norwich
Image caption,
Càr a tha a' ruith air bith-eatanol ga lìonadh aig stèisean peatroil, Norwich.

Seasmhachd chonnaidhean bith-thomaid

Ionad Ath-bhuannachd Lùth Dhùn Barra
Image caption,
A h-uile bliadhna, bidh Ionad Ath-bhuannachd Lùth Dhùn Barra a' losgadh 300,000 tunna sgudail airson teas agus dealan a ghintinn.

Airson gum bi seasmhachd againn san àm ri teachd, feumar smaoineachadh air feumalachdan an latha an-diugh a shàsachadh agus an àԲԱ𲹳 agus ò a dhìon airson an àm ri teachd.

Gabhaidh bith-chonnadh a chleachdadh ann an dòighean gu math coltach ri connaidhean-fosail. Mar sin, dh'fhaodadh e bhith feumail ann a bhith a' gearradh sìos air na tha sinn a' cladhach agus a' losgadh de chonnaidhean-fosail.

Tha e math sgudal atharrachadh gu lùth le bhith a' cleachdadh bith-thomad chionn faodaidh sinn sgudal ath-chuairteachadh agus a bhith beò ann an dòigh nas seasmhaiche.

Ma dh'atharraicheas sinn sgudal gu bhith na bhith-chonnadh, dh'fhaodadh nach tèid uiread gu lìonadh-talmhainn a tha ag adhbharachadh a' ghas taigh-glainne 𲹳à.

Tha bith-chonnadh ath-nuadhachail bhon a dh'fhàsas tuilleadh lusan an àite feadhainn a chaidh a chleachdadh airson a dhèanamh. Mas ann bho shalchar dhaoine no bheathaichean a thàinig e, tha stuth eile a' dol nan àite sin cuideachd fad na h-ùine.

Ach 's dòcha nach bi bith-chonnadh seasmhach chionn faodaidh gun caillear fearann le bhith a' fàs bharran airson bith-chonnadh a bhitheamaid air a chleachdadh airson biadh a dhèanamh, no a bhiodh air fhàgail fiadhaich. Chanadh mòran dhaoine gur e biadh as cudromaiche agus gum bu chòir a bhith a' fàs connadh ann an àitichean anns nach fàsadh barran eile. Mar eisimpleir, gabhaidh muran no agave fhàs airson connadh ann an sgìrean a tha ro thioram do dh'iomadh lus.

Fiù 's nuair a thèid rudan an àite barran bith-chonnaidh, tha iad fhathast a' toirt mathachadh às an ùir. Cuideachd, faodaidh todhar agus stuthan-phlàighean airson am fàs cur ri teasachadh cruinneil agus àԲԱ𲹳an ionadail a mhilleadh.

Buannachdan agus eas-bhuannachdan bith-chonnaidh

Buannachdan

  • Tha bith-chonnadh ath-nuadhachail bhon a tha sgudal againn an-còmhnaidh. Gabhaidh barran fhàs a dh'aon ghnothaich airson bith-chonnadh seach a bhith a' cleachdadh
  • Tha bith-thomad saor agus furasta fhaotainn
  • Ged a tha bith-chonnaidhean a' leigeil carbon dà-ogsaid mu sgaoil nuair a thèid an losgadh, tha na lusan bho bheil iad air an dèanamh a' sùghadh an aon uiread de charbon dà-ogsaid nuair a tha iad a' fàs

Eas-bhuannachdan

  • Tha bith-thomad air a losgadh agus a' leigeil carbon dà-ogsaid mu sgaoil dhan àile agus tha sin a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde
  • Nuair a tha barran gam fàs airson bith-chonnadh, tha iad a' cleachdadh fearann a ghabhadh a chleachdadh airson bharran eile no fiadh-bheatha. Faodaidh dèanamh bhith-chonnaidhean a lùghdachadh agus mathachadh a thoirt às an ùir a ghabhadh cleachdadh airson biadh fhàs
  • Tha adhbhar moralta aig cuid de dhaoine an aghaidh a bhith a' cleachdadh bharran bìdh airson connadh a dhèanamh. Mar eisimpleir, dh'fhaodadh e cuid de bhiadh a dhèanamh gann no prìsean bìdh a chur suas

Feuch dè nas aithne dhut

More on Bunan lùtha is seasmhachd

Find out more by working through a topic