´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2010-10

³§±ôྱ²Ô³Ù±ð, foghlam

Tha foghlam agus ²õ±ôྱ²Ô³Ù±ð a-measg nam roinnean as motha a tha fo smachd na Pàrlamaid Albannaich.

Bu bheag an t-iognadh, mar sin, gum b' ann air an dà chuspair sin a bha an deasbad aig a' chiad Cheistean don Phrìomh Mhinistear as dèidh an fhosaidh.

Thog Iain Gray ceist mu thidsearan sgoile.

Bha Mgr Gray fhèin na thidsear agus cleachdaidh e na ceistean aigesan gu tric airson bruidhinn mu stait nan sgoiltean.

An-diugh, dh'iarr ceannard nan Làbarach air Ailig Salmond leisgeul a thoirt seachad do thidsearan nach d' fhuair cosnaidhean.

Thuirt e gun robh am prìomh mhinistear air 3000 cosnadh teagaisg a ghearradh mar-thà, agus sin mus buaill na gearraidhean buidseit.

Oilthighean

Dh'aidich am prìomh mhinstear gun robh suidheachadh duilich ro thidsearan a bha a' feuchainn ri obair a lorg

Cha robh Mgr Salmond deònach, ge-tà, leasanan a ghabhail bho Mhgr Gray air a' chùis ag ràdh gum b' ann an sgìrean fo smachd chomhairlean Làbarach a bha cùisean a bu mhiosa.

Thog Annabel Goldie ceist mu dheidhinn ionmhas nan oilthighean.

Chuir ceannard nan Tòraidhean a taic-se ri gairm bho Oilthighean na h-Alba gum bu chòir do dh'oileanaich pàigheadh airson an cuid foghlaim.

Carson, dh'fhaighnich i, nach robh an SNP deònach gabhail ri beachd nan oilthighean fhèin?

Thuirt am prìomh mhinistear nach biodh aig oileanaich ri ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô oileanach a phàigheadh ro riaghaltas an SNP - ach tha fios aige nach tèid a' chùis seo air falbh.

Manaidsearan

Ghluais Tavish Scott don bhuidseat as motha a tha fo smachd Holyrood.

Tha mu aon not anns gach trì a chosgas Riaghaltas na h-Alba ga chosg air ²õ±ôྱ²Ô³Ù±ð.

Aig a' cho-labhairt aca ann am Peart, thuirt an SNP gun robh iad airson na bha ann de mhanaidsearan anns an NHS a ghearradh.

Carson, mar sin, a bha an àireamh de dhaoine a bha a' cosnadh còrr is £50,000 air a dhol an àirde fon SNP?

Thuirt Mgr Salmond gun robh barrachd dhaoine ag obair anns an NHS na bha ann an 2007.

Agus thug air slaic air làimhseachadh an NHS leis an riaghaltas Albannach mu dheireadh, anns an robh Mgr Scott an sàs.

Gearraidhean

As dèidh nan gearraidhean a dh'fhoillsich Seòras Osborne an t-seachdainn a chaidh, tha gach duine aig Holyrood a-nis a' feitheamh airson a' bhuidseit Albannaich.

Tha Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, ga ullachadh an-dràsta, agus tha dùil ris an ath-mhìos.

An uair sin, bidh aig Mgr Swinney ri mìneachadh don phàrlamaid ciamar a dhèiligeas e ris na gearraidhean anns a' bhuidseat aige.

Thuirt e gun dìonadh e AN NHS, agus cha bhi e airson airgead a thoirt far sgoiltean.

Bidh aig na pàrtaidhean eile ri mìneachadh dè dhèanadh esan na àite.

'S ann air an deasbad sin a bhios taghadh na h-ath-bhliadhna an crochadh.

Dùbhlan do na Làbaraich air òrdughan-cungaidh

Dearbhaidh Nicola Sturgeon an-diugh gun tèid cur às do chìsean òrdughan-cungaidh.

Chan e seo ach coilionadh gealltanas a rinn iad roimhe - tachair e an ath-bhliadhna, mar a bha dùil.

Ach tha an SNP air a bhith fo uallach mòr am polasaidh a chur don dàrna thaobh airson airgead a shàbhaladh.

Tha na Tòraidhean, mar eisimpleir, air a bhith a' cumail a-mach nach bu chòir airgead a chosg air òrdughan-cungaidh saora do dhaoine beartach.

Thuirt Nicola Sturgeon fhèin nach sàbhaileadh sin tòrr airgid agus mar sin tha e nas ciallaich cur às do na ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô uile gu lèir.

'S i a' cheist, ge-tà, dè their na Làbaraich mun pholasaidh.

Roghainn

Aig a' cho-labhairt seo tha an SNP a' feuchainn ri smachd fhaighinn air na ceistean a thèid a chur ris an luchd-bhòtaidh an ath-bhliadhna.

Tha iad air sin a dhèanamh mar-thà leis a' chìs chomhairle, a' tabhainn roghainn don luchd-bhòtaidh eadar cìs reòthte fo riaghaltas an SNP no cìs nas àirde fo riaghaltas Làbaraich.

'S e an aon chleas a tha iad a' feuchainn ri dèanamh air òrdughan-cungaidh.

Tha an SNP a' toirt dùbhlain do na Làbaraich agus iad an dòchas gun can iad gun deidheadh na ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô a chumail nan robh iadsan ann an cumhachd as dèidh an taghaidh.

'S i ceist eile ciamar a ghabhas pàigheadh airson nam polasaidhean seo agus gearraidhean mòra air fàire.

Ach leis an taghadh dìreach mìosan air falbh tha ceistean poileataigeach co-dhiù cho cudromach agus a tha ceistean ionmhais.

Cosg an Aonaidh

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-10-15, 16:41

Beachdan (0)

B' e argamaid luchd taic an aonaidh fad bhliadhnaichean nach gabhadh pàigheadh airson neo-eisimileachd.

Chaidh sin a chluinntin gu tric as dèidh tuiteam nam bancaichean agus cuid ag ràdh gum biodh Alba ro bheag gus dèiligeadh ri tubaist mar sin.

An-diugh, ge-tà, bha Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, a' feuchainn ris an argamaid sin a thionndadh air a ceann.

Thuirt Mgr Swinney nach e neo-eisimileachd ach an t-aonadh a bha ro chosgail.

Na bheachdsan, 's ann le Westminster a tha na gearraidhean a thig a dh'aithghearr.

Mar sin dheth, thuirt e, nach gabhadh pàigheadh airson an aonaidh nas motha.

Ro luath

Bha Mgr Swinney a' bruidhinn beagan làithean mus foillsich an Seansalar, Seòras Osborne, toradh làn-sgrùdadh ionmhas na dùthcha.

Dh'iarr e air Mgr Osborne smaoineachadh a-rithist mu na gearraidhean a bha air fàire.

Thuirt e gun robh riaghaltas na co-bhanntachd a' gearradh ro luath agus ro dhomhainn agus anns na h-àiteachan ceàrr.

Mar sin dheth, tha Mgr Swinney ag ràdh gu feum barrachd cumhachdan a thoirt do Holyrood airson eaconamaidh an h-Alba a chur am feabhas.

Anns an eadar-ama, tha aige ri buidseat ullachadh agus e a' creidsinn gum bi mu £1.1bn nas lugha aige ri cosg.

Bidh deasbad an taghaidh Albannaich gu ìre mhath an crochadh air na bhios anns a' bhuidseat sin.

Sgaradh air a' chìs chomhairle

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-10-14, 20:07

Beachdan (0)

Tha fios againn a-nis mu thè de na cuspairean a bhios aig cridhe iomairt an taghaidh Albannaich an ath-bhliadhna.

Tha a' chìs chomhairle air a bhith reòthte o 2007, o thòisich a' chiad riaghaltas SNP aig Holyrood.

Ach, tha na Làbaraich air a bhith a' cumail a-mach o chionn greis nach gabh pàigheadh air a shon nas motha, agus an t-uallach air an sporan phoblach air fàs cho trom.

An-diugh, ge-tà, dhearbh an SNP gun cumadh iad a' dol leis an reòthadh fad co-dhiù bliadhna eile nan deidheadh a thoirt air ais gu cumhachd as dèidh an taghaidh.

A' bruidhinn ri co-labhairt a' phàrtaidh am Peart an-diugh,Ìýthuirt an leas-phrìomh mhinister, Nicola Sturgeon, gun robh iad ceart teachd a-steach "theaghlaichean-àbhaisteach" a dhìon.

Agus, tha iad a' creidsinn gun còrd am polasaidh ris an luchd-bhòtaidh.

Buidseat

Dhearbh an leas-phrìomh mhinistear gum biodh airgead airson a' chìs chomhairle a reòthadh an ath-bhliadhna anns a' bhuidseat a dh'fhoillsicheas Iain Swinney a dh'aithghearr.

Bidh a h-uile duine an seo ag èisteachd gu cruaidh a-màireach, nuair a bhruidhneas Mgr Swinney fhèin ris a' cho-labhairt.

Ach thuirt Nicola Sturgeon gun deidheadh airgead a lorg airson a' chìs a chumail reòthte ann an 2012-2013 cuideachd.

Bidh seo na chuideachadh don SNP taic fhaighinn bho na Tòraidhean airson a' bhuidseit - tha iad air fàilte a chur ris an naidheachd mar-thà.

'S i a' cheist am bi am polasaidh na chuideachadh don SNP nuair a thèid an luchd-bhòtaidh do na bogsaichean-baileit.

B' e seo an là a thòisich iomairt an SNP airson dàrna theirm gu ceart.

Trot air fàire mu chìsean oileanach

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-10-12, 12:58

Beachdan (0)

Tha trot mòr air fàire mu chìsean nan oileanach.

Ron t-samhradh, dh'innis Lib Deamach Albannach aig Westminster dhomh gur iad ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô nan oileanach agus Trident an dà rud a dh'adhbhraicheadh sgaraidhean anns a' cho-bhanntachd.

An-diugh, dh'fhoillsich am Morair Browne .

Ann an Alba, tha oilthighean fo smachd mhinistearan Albanach.

Ach, mar a thuirt Rector Oilthigh Ghlaschu, Teàrlach Ceanadach dhomh beagan sheachdainnean air ais, bidh buaidh mhòr air oilthighean mu thuath cuideachd.

Agus chan e dìreach an Ceanadach a tha draghail mu na tha am Morair Browne a' moladh.

Gealltanas

Fo na planaichean aigesan, bidh cead aig oilthighean mu dheas na thogras iad iarraidh bho oileanaich gus pàigheadh airson an cuid foghlaim.

Ach tha sin na thrioblaid do na Lib Deamaich, a gheall ron taghadh gun bhòtadh iad an an aghaidh àrdachadh chìsean.

Fo aonta na co-bhanntachd, tha cead aig buill Lib Deamach bhòtadh a sheachnadh air a' chùis.

Cha bhi sin gu leòr dhaibh uile, ge-tà, agus bhòtaidh co-dhiù cuid dhiubh na aghaidh.

Dhearbh Ministear Albannach an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal, nach tèid ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô a chur air Albannaich aig oilthighean mu thuath.

Ach le gearraidhean mòra air fàire do bhuidseat nan oilthighean, tha an deasbad sin a' dol a leantainn.

Òraid na Coimhearsnachd Mòire

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-10-06, 16:30

Beachdan (0)

B' fheudar do Dhàibhidh Camshron am pàrtaidh aige a bhrosnachadh aig deireadh seachdainn frionasaich ann am Birmingham.

Agus ann an dòigh, cha bu dhuilich dha sin a dhèanamh.

Tha muinntir a' phàrtaidh seo air a bhith a' feitheamh o 1996 gus prìomhaire Tòraidheach fhaicinn air àrd-ùrlar na co-labhairt.

Bho thoiseach na h-òraid, nuair a rinn Mgr Camshron iomradh air sin, bha iad air an dòigh.

Tha an t-seachdainn seo air a bhith duilich dhaibh, gun teagamh.

Ach b' fheàrr leotha sreath sheachdainnean mar seo na aon sheachdainn gun chumhachd.

"Coimhearsnachd mhòr"

Dhìon Mgr Camshron na h-atharrachaidhean do shochairean soisealta a chuir an ceòl air feadh na fìdhle an t-seachdainn-sa.

Thuirt e gun robh sin - agus gearraidhean eile - a dhìth gus dèiligeadh ri droch fhiachan na dùthcha.

Thug e slaic, mar a bhiodh dùil, air an riaghaltas Làbarach mu dheireadh airson sin.

Ach cha robh an òraid seo mu dheidhinn ghearraidhean a-mhàin, ach mun "choimhearsnachd mhòir" a mhol e ron taghadh.

Nan robh an stàit gu bhith a' dèanamh nas lugha, dh'fheumadh an sluagh a bhith a' dèanamh nas motha.

Bidh meud na beàrn sin nas fhollaisiche nuair a thèid na gearraidhean uile fhoillseachadh an ceann cola-deug.

An trioblaid le fònaichean-làimhe

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2010-10-05, 11:10

Beachdan (0)

Cha robh cead againn camara a thoirt a-steach do choinneamh nan Tòraidhean Albannach aig a' cho-labhairt am Birmingham a-raoir.

Bu bheag an diofar anns na làithean seo,Ìý agus fòn le camara aig a h-uile duine.

B' ann mar sin a ghlac mi am prìomhaire air camara a' toirt dùbhlain don SNP air neo-eisimileachd.

Thuirt Mgr Camshron gun robh e a' coimhead air adhart ri sabaid ann an iomairt an referendum nan robh an SNP deònach a thoirt air adhart.

Bidh cuimhne agaibh gun do chuir an SNP bile an referendum don dàrna thaobh as dèidh dha fàs follaiseach gun bhòtadh na dùbhlanaich aig Holyrood na aghaidh.

A-measg na feadhna sin,Ìýbha Annabel Goldie agus càraidean eile Mhgr Chamshroin aig Holyrood.

Cumhachd

Air an rèidio sa mhadainn, dh'atharraich am prìomhaire an loidhne aige, ag ràdh gun robh e an aghaidh neo-eisimileachd agus an aghaidh referendum air a' chùis cuideachd.

Tha an SNP ag ràdh gu bheil na Tòraidhean troimhe-chèile leis gur iad a chuir stad air an referendum anns a' chiad dol a-mach.

Chan eil cumhachd aig Riaghaltas na h-Alba, tha na nàiseantaich ag ràdh, referendum a thoirt air adhart gun thaic na pàrlamaid.

Ach an e an fhìrinn nach robh am prìomhaire gu tur soileir na inntinn fhèin mun dòigh anns an robh cùisean ag obair mu thuath?

No, 's dòcha, gun robh Mgr Camshron dìreach a' bruidhinn ris an luchd-taic aige fhèin?

An ath-thuras, 's dòcha gum bi againn ris na fònaichean againn fhàgail an aig an doras cuideachd.

Aig a' cheann thall...

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-10-04, 10:15

Beachdan (0)

Tha barrachd fios againn a-nis mu na gearraidhean a tha an riaghaltas ag ullachadh.

O chionn fhada tha luchd-poileataigs air a bhith a' bruidhinn mun dèidhinn gun sguir.

Ach, tro iomairt an taghaidh cha robh na pàrtaidhean deònach innse dhuinn dè dìreach a gheàrradh iad, air eagal 's gun dèidheadh am peanasachadh leis an luchd-bhòtaidh.

Fiù 's as dèidh an taghaidh, aig a' chiad bhuidseat aig Seòras Osborne, cha d' fhuair sinn ach an dealbh a b' fharsainge mu na bha air fàre.

Gheibh sin am fiosrachadh as mionaidiche nuair a bruidhneas an Seansalar air beulaibh Thaigh nan Cumantan air an 20mh là den Damhair.

Ach an-diugh aig a' cheann-thall, ionnsaich sinn mu fhear de na gearraidhean sin.

Sochair-chloinne

Bho 2013, chan tèid sochair-chloinne a phàigheadh do dhaoine a phàigheas a' chìs cosnaidh aig an àrd-ìre - sin 40% no 50%.

Thuirt an Seansalar gun toireadh sin buaidh air daoine a bhios a' cosnadh £44,000 no nas motha - a' fàgail gum bi aige ris an ìre aig am bi daoine a' pàigheadh na h-àird-ìre a chur suas.

Tha Mgr Osborne ag ràdh gu bheil seo a dhìth gus pàigheadh airson atharrachaidh mhòr do siostam nan sochairean sòisealta.

Tha Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn airson buidseat nan sochairean a thoirt anuas - ach bidh aige an riaghaltas ri airgead a chosg mus faigh iad sàbhalaidhean air ais.

'S i a' cheist a-nis dè their na pàrtaidhean eile mu dheidhinn seo, gu h-àraid na làbaraich fon cheannard ùr aca, Ed Miliband.

Agus, am bi seo am patran a leanas an riaghaltas leis na gearraidhean eile a thèid fhoillseachadh anns na beagan sheachdainnean a tha romhainn.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.