´óÏó´«Ã½

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2011-06

Caillte anns an eadar-theangachadh

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-06-17, 7:53

Beachdan (1)

Dè a' Ghàidhlig a chuireas sibhse air 'Sectarianism'?

'S e 'gràin-chreidimh' a chleachdas sinne aig ´óÏó´«Ã½ Alba agus Ràdio nan Gàidheal.

Ach, an ann mu dheidhinn creidimh a bhios sinn a' bruidhinn agus sinne a' deasbad na claon-bhàigh a tha air cùl an fhòirneirt airson a chleachas cuid am ball-coise mar leisgeul?

Nuair a chaidh a' chùis a dheasbad le Seanadh Èirinn a Tuath, chuireadh i don dàrna taobh as dèidh mar a dh'fhàilig orra tighinn gu aonta mu na bha am facal a' ciallachadh.

'S dòcha gur e sin an t-adhbhar nach eil e ann an tiotal .

Ach as bith dè an t-ainm a tha air, tha connspaid mun bhile seo agus gu sònraichte mun chlàr-ama.

³§²µ°ùù»å²¹»å³ó

Tha an riaghaltas airson am bile fhaighinn troimhe ro thoiseach seasan ùr a' bhuill-coise.

Fàgaidh sin dìreach cola-deug mus falbh BPA air saor-làithean an t-samhraidh.

Gu h-àbhaisteach, gabhaidh e grunn sheachdainnean airson bile ùr fhaighinn tron phàrlamaid Albannaich, gus cothrom a thoirt do na comataidhean sgrùdadh a dhèanamh air agus fianais a chluinntinn bhon t-sluagh.

A-nis tha ceannard comataidh a' cheartais, am ball nàiseantach Cairistiona Ghreumach, a-measg na daoine a tha draghail gu bheil cus cabhaig air a' bhile.

Còmhla rithe, tha Moderator Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba, agus labhraiche na h-Eaglaise Caitligiche ann an Alba.

Tha Cairistiona Ghreumach airson 's gun tèid am bile atharrachadh gus am bi na gnìomhan seo a' tighinn gu crìch agus gum bidh aig BPA ri sùil eile a thoirt orra.

¹óò¾±°ù²Ô±ð²¹°ù³Ù

Fon bhile, thèid dà lagh ùr a chruthachadh.

Feuchaidh a' chiad fhear ri dèiligeadh ri fòirneart agus dol a-mach mì-shoisealta aig, no mun cuairt air, geamanan buill-coise.

Tha an dàrna fear ag amas air gràin-chreidimh air loidhne.

Dh'fhaoidte gun tèid daoine a bhriseas nan laghan seo a chur don phrìosan fad coìg bliadhna.

Tha an riaghaltas a' creidsinn gu bheil na gnìomhan seo a dhìth gus dèiligeadh ri trioblaid mhòr ann an Alba.

Mar sin tha iad ag iarraidh taic bho gach taobh.

Trioblaid

Gheibh iad an taic sin anns an farsaingeachd.

Tha daoine a' creidsinn gu bheil trioblaid ann agus gu feum rudeigin a dhèanamh mu deidhinn.

Ach airson an taic a tha iad ag iarraidh fhaighinn, feumaidh Riaghaltas na h-Alba toirt air daoine creidsinn gur e seo an dòigh as fheàrr gus dèiligeadh rithe, agus nach d' rinn cabhag cron air a' bhile.

Thug Ailig Salmond prìomhachas don trioblaid seo anns an òraid aige don phàrlamaid nuair a chaidh ainmeachadh mar phrìomh mhinistear as dèidh an taghaidh.

Tha esan - agus am ministear, Roseanna Choinneagan - airson sealtainn gur urrainn dhaibh dèiligeadh ri trioblaidean mar seo agus sin gu luath.

Mar sin, tha tòrr obrach aca ri dhèanamh mus tig a' Bhànrigh gu Holyrood an ceann cola-deug.

Prìomh Mhinistear gun leisgeul

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-06-16, 12:38

Beachdan (0)

Cha robh ach aon cuspair bho na ceannardan dùbhlanach aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh.

Uair agus a-rithist dh'iarr iad air Ailig Salmond leisgeul a thoirt seachad airson cuid dhe na rudan a thuirt e an t-seachdainn-sa mu dheidhinn bhritheamhan.

Uair agus a-rithist dhiùlt am prìomh mhinistear sin a dhèanamh.

Is tric a chluinneas mi gearanan mu fhaid nam freagairtean aig Mgr Salmond gach Diardaoin.

Ach an-duigh, bha cuid a' gearan gun robh iad ro ghoirid agus e a' freagairt aon ceist le dìreach aon facal.

Ach cha bhi am facal sin gu leòr gus stad a chur air an trot seo.

Pearsanta

Tha an trot sin air a bhith a' ruith fad sheachdainnean a-nis, ach an-duigh thàinig e do sheòmar na pàrlamaid fhèin.

Sin as dèidh mar a chaidh agallamh le Mgr Salmond fhoillseachadh anns an d' rinn e iomradh air britheamh agus eòlaiche lagh nan còireachan daoine.

Am beachd Iain Gray, Annabel Goldie agus Willie Rennie, chaidh am prìomh mhinistear ro fhada.

Thuirt ceannard nan Làbarach gun robh na h-ionnsaighean seo bho Mhgr Salmond pearsanta agus neo-iomchaidh, agus gum bu chòir dha leisgeul a thoirt seachad air an son.

Fhreagair Mgr Salmond gun deach an t-agallamh a dhèanamh o chionn cola-deug agus on uair sin bha e air panal a chur air dòigh gus sùil a thoirt a' chuspair.

B' e sin,Ìýa-rèir Mhgr Salmond, an dòigh as fheàrr gus dèiligeadh ris a' chùis.

Leisgeul

Am beachd ceannard nan Tòraidhean, ge-tà, bha cainnt a' phìomh mhinistear a' dèanamh cron air an deasbad.

Dh'iarr ise leisgeul bho Mhgr Salmond, agus dhiùlt e turas eile.

Bha ceannard na buidhne Lib Deamaich, Willie Rennie airson 'cothrom eile' a  thoirt don phrìomh mhinistear leisgeul a thoirt seachad.

Mhol Mgr Salmond gun toireadh e sùil air an fhreagairt a thug e do dh'Annabel Goldie.

Thuirt Mgr Rennie gun robh am prìomh mhinistear air nàire a thoirt airsan, air a' phàrlamaid Albannaich agus air Alba fhèin.

Cha do chuir sin dragh air Mgr Salmond.

Prionnsabal

Tha an SNP a' creidsinn  gu bheil prionnsabal bunaiteach aig cridh an deasbaid seo - sin saorsa nan cùirtean Albannach.

Thuirt am prìomh mhinistear nach bu chòir do Phrìomh Chùirt na Rìoghachd Aonaichte còirichean daonna a chleachdadh gus dol an sàs ann an cùisean eucoireach an Alba - rud nach tachair mu dheas.

Tha iad a' creidsinn cuideachd gun tèid an luchd-bhòtaidh a chur air an taobh acasan le saoradh eucoireach.

Ach tha tòrr dhaoine a-nis - taobh a-staigh agus taobh a-muigh na pàrlamaid - a' creidsinn gu bheil dol a-mach a' phrìomh mhinisteir a' cur na saorsa sin ann an cunnart.

Thèid sùil a thoirt air a' chàirdeas eadar Prìomh Chùirt na Rìoghachd Aonaichte agus lagh na h-Alba mar phàirt dhen chòmhradh air Bile na h-Alba a tha a' dol tro phàrlamaid Westminster an-dràsta.

Anns an eadar-ama, cumaidh am prìomh mhinistear air a' cur cuideam air na còmhraidhean sin, a dh'aindeoin beachd nan dùbhlanach aig Holyrood.

Cia mheud referendum?

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2011-06-07, 13:29

Beachdan (0)

Ron taghadh, bha pàrtaidhean an aonaidh ag ràdh nach bu chòir referendum a chumail air neo-eisimileachd do dh'Alba.

A-nis, 's cotach gu bheil cuid dhiubh dhen bheachd nach biodh aon referendum gu leòr.

Sin as dèidh mar a thuirt Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Moore, ri luchd-naidheachd gun robh e a' creidsinn gum biodh dàrna referendum a dhìth.

Sin air sgàth 's gu bheil bun-reachd na dùthcha glèidhte do Westminster agus mar sin chan urrainn do Riaghaltas na h-Alba ach ceist fhaighneachd air a' phrionnsabal.

Mar sin, thuirt Mìcheal Moore gun robh e dhen bheachd gu feumadh dàrna referendum a bhith ann - fo stiùireadh Westminster - gus taic fhaighinn airson an aonta eadar Dùn Èideann agus Lunainn.

Mar a bhiodh dùil cha do chòrd sin ris an SNP idir.

Amaideas

B' e 'amaideas' am facal a chleachd labhraiche a' phrìomh mhinisteir airson nam faclan aig Mìcheal Moore.

Tha beachd an SNP stèidhichte air na thachair anns an referendum a thug fèin-riaghlaidh do dh'Alba.

An uair sin chaidh an referendum a chumail gus taic fhaighinn airson a' phrionnsabail, mus deach aonta a ruighinn air na puingean as mionaidiche.

Tha iad ag ràdh cuideachd gu bheil seo a' sealtainn gu bheil eagal air Mgr Moore gun cailleadh luchd-taic an aonaidh an referendum - mura cailleadh, cha bhiodh dàrna bhòt a dhìth.

Dhòmhsa, tha e a' sealtainn nach eil aonta taobh a-staigh riaghaltas Bhreatainn mun dòigh as fheàrr gus dèiligeadh ri toradh an taghaidh Albannaich agus na planaichean aig Ailig Salmond gus referendum a chumail.

Feumaidh sin atharrachadh gu luath.

Ceistean don Oifigear Riaghlaidh

Am faca sibh Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir?

B' e seo a' chiad uair a b' fheudar do dh'Ailig Salmond ceistean a fhreagairt o chaidh ath-thaghadh.

Chaidh ceistean cudromach a thogail - mu dheidhinn sheirbhisean cùram, mar eisimpleir, no neo-eisimileachd nan cùirtean.

Ach bha ceistean eadar-dhealaichte aig an fheadhainn a bha a' coimhead bho ghalaraidh nam meadhanan.

B' iad - dè mar a bhiodh Ceistean a' Phrìomh Mhinistear agus mòrchuid a-nis aig an SNP?

Agus, dè mar a dhèanadh Tricia Marwick mar oifigear riaghlaidh?

Deasbad

Ann an dòigh, b' e seisean neònach a tha seo.

Tha fios againn - agus aig Mgr Salmond - nach iad Iain Gray agus Annabel Goldie a thogas na ceistean as dèidh an t-samhraidh, a' fàgail a' chòmhraidh eatorra car sàmhach.

(Thog Willie Rennie Ceist an-diugh ged a chuir Tricia Marwick roimhpe nach faigh ceannard ùr nan Lib Deamach an cothrom sin ach dà sheachdainn anns gach trì).

Ach fiù 's le sin, cha bhi an t-oifigear riaghlaidh ùr ro thoilichte le ciad diardaoin-se anns a' chathair.

Ruith e thairis, bha tòrr fuaim anns an t-seòmar agus cha robh cothrom aig cùl-bheingearan cur ris an deasbad mar a tha i ag iarraidh.

Mar sin, ceistean don oifigear riaghlaidh as dèidh nan ciad cheistean den phàrlamaid ùir.

Farchluais na h-oifise

Bha Mìcheal Ruiseal dìreach anns an oifis gus bruidhinn ri Radio Alba mun iarrtas aige stad a chuir air dùnadh sgoiltean dùthchail fad bliadhna.

Bu choltach gur e naidheachd a bha ann dha nuair a dh'innis sinn dha gun robh Comhairle nan Eilean Siar a' dol a chumail orra leis an oidhirp lagha aca an aghaidh an riaghaltais air dùnadh sgoiltean anns na h-Eileanan.

Dhiùlt Mgr Ruiseal sùil eile a thoirt air a' cho-dhùnadh aige stad a chur air dùnadh ceithir sgoiltean aig Càrlabhagh, Seilebost, Siabost agus Lìonail.

A-nis tha ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, ag ràdh ma tha an riaghaltas airson na sgoiltean seo a chumail fosgailte, gur e an riaghaltas a dh'fheumas pàigheadh air an son.

Air an t-slighe don stiùidio an-diugh, thuirt Mìcheal Ruiseal nach b' urrainn dha tòrr a ràdh.

Ach thuirt e gur ann an urra ris a' Chomhairle fhèin an robh iad airson a' chùis a thoirt gu lagh, agus gun robh e cinnteach gun deigheadh a dìon gu cruaidh.

Trot

Ach tha an trot seo a' togail cheistean airson Ministeir ùir an Fhoghlaim cuideachd.

Chan e cola-deug o fhuair Alasdair Allan an dreuchd ùr aige agus a-nis tha e aig meadhan sabaid eadar an riaghaltas ùr agus comhairle na sgìre aige fhèin.

'S e sin na thachras.

Bidh Mgr Ruiseal agus An Dtr Allan an dòchas gun cuir muinntir na sgìre taic riuthasan airson nan sgoiltean a chumail fosgailte.

Ach tha sin fhathast a' fàgail na ceist aig Aonghas Caimbeul - an gabh pàigheadh airson nan sgoiltean seo, agus cò leis?

Tha am fear seo a' dol a leantainn.

´óÏó´«Ã½ iD

Stiùireadh a’ BhBC

´óÏó´«Ã½ © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.