´óÏó´«Ã½

Eileanach òg eile a' dèanamh adhartais aig Ross County

  • Air fhoillseachadh
Dylan Mac a' Ghobhainn, Connall Ewan, Anndra MacLeòid, is Seòras Robesten.Tùs an deilbh, Ross County
Fo-thiotal an deilbh,

Dylan Mac a' Ghobhainn, Connall Ewan, Anndra MacLeòid, is Seòras Robesten.

Tha fear òg eile às na h-Eileanan an Iar air ainm a chur ri preantasachd le Ross County.

'S ann bhon Bhac ann an Leòdhas a tha Anndra MacLeòid is bidh e a' cluich ann am meadhan na pàirce.

Tha e a' leantainn dithis Leòdhasach eile, Mata Wright is Adhamh MacFhionghuin, a tha air tighinn tro sgioba òigridh Chounty agus air cluich 'son na ciad sgioba.

Bha Seumas Greumach à Leòdhas cuideachd ann an siostam òigridh Chounty mus deach e gu Rangers.

Chuir Anndra MacLeòid ainm ri preantasachd làn-ùine dà bhliadhna ann an Inbhir Pheofharain.

Còmhla ris bidh Seòras Robesten, a' chiad duine à Sealtainn a tha air tighinn tro shiostam òigridh Chounty, is Dylan Mac a' Ghobhainn is Connal Ewan à Inbhir Nis.

°Õà±ô²¹²Ô³Ù

Chuir manaidsear Chounty, Malky MacAoidh, fàilte air na balaich.

"Tha sinn cho toilichte cothrom a thoirt dha na cluicheadairean òga seo. Tha tàlant aca is tha iad deònach obrachadh cruaidh.

"Bha iad còmhla rinn bho thòisich trèanadh ro-sheusan is tha a' dèanamh math dha-rìribh.

"Tha e cho cudromach do chluba mar Ross County gu bheil tàlant òg às a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan a' tighinn tron t-siostam againn, is tha traidisean againn cluicheadairean òga a leasachadh", thuirt e.

Chuir sgioba a' Bhac meal a naidheachd air Anndra. Chluich e an geama mu dheireadh aige 'son sgioba a' Bhac aig Ìre fo 18 nas tràithe air a' mhìos.

"Tha sinn a' guidhe gach soirbheachas dha Anndra is bidh sinn a' leantainn mar a thèid leis. Gura math a thèid leat!", thuirt an club.