´óÏó´«Ã½

Robbie Druiminneach a' fàgail ChalMac

Robbie Druiminneach
  • Air fhoillseachadh

Tha Àrd-Stiùiriche ChalMac, Robbie Druiminneach, a' fàgail a dhreuchd.

Tha Mgr Druiminneach air a bhith san obair bho 2018.

Ann am brath-naidheachd a sgaoil a' chompanaidh, thuirt iad gun robh iad airson aire a thoirt air mar a tha an cabhlach a th' ann ga chur am feum, air seasmhachd nan seirbheisean-aiseig, agus air conaltradh nas fheàrr leis na coimhearsnachdan a tha iad a' frithealadh.

Thuirt iad gu bheil iad dha-rìribh mun dleastanas a th' orra an cùmhnant a choileanadh, agus gu bheil fìor-dhùbhlain air a bhith mu choinneimh choimhearsnachdan eileanach sa bhliadhna mu dheireadh.

Tha dùil, thuirt iad, gun lean na dùbhlain seo gus an tig soithichean ùra thuca sna bliadhnaichean ri thighinn.

Ri linn sin, an dèidh do bhòrd ChalMac ath-sgrùdadh a dhèanamh air àrd-cheannas na buidhne, dh'fhoillsich iad gu bheil Mgr Druiminneach a' fàgail a dhreuchd sa bhad.

Fo-thiotal an deilbh,

Robbie Druiminneach a' bruidhinn air thuras a dh'Uibhist a Deas as t-Samhradh 2023 is mì-thoileachas mòr ann mu sheirbheisean-aiseig.

Tha connspaid air a bhith a' cuairteachadh ChalMac anns na bliadhnaichean mu dheireadh is uallach mòr air seirbheisean ri linn 's cho aosta 's a tha tòrr de na bàtaichean.

Tha mì-thoileachas air a bhith cuideachd aig amannan le mar a chleachd CalMac na bàtaichean aca nuair a bha staing ann, is cuid de choimhearsnachdan a' faireachdainn gun robh iadsan a' fulang barrachd na bha feadhainn eile.

Thog luchd-iomairt ann an Uibhist fianais mun sin nuair a bha Mgr Druiminneach san eilean an-uiridh.

'S e Donnchadh Mackison, a bha roimhe na Àrd-Stiùiriche air Daibhidh Mac a' Bhriuthainn Eta, a dh'ainmich iad dhan dreuchd san eadar-ama, gus an tèid Àrd-Stiùiriche ùr làn-ùine ainmeachadh.

Thug am bòrd taing do Mhgr Druiminneach airson a chuid oidhirpean, 's ghuidh iad soirbheachas dha.