Manaidsear 霉r aig Cabar F猫idh
Dh'innis Cabar Fèidh gur e Garry Reid am manaidsear ùr a bhios aca.
Thèid Reid an àite Jodi Gorski a bha air innse roimhe gun robh e a' leigeil dheth a dhreuchd.
Bha Gorski air obair mhòr a dhèanamh ann an Srath Pheofhair is e air Cabers a stiùireadh dhan Phrìomh Lìog is air an stèidheachadh am measg nan sgiobaidhean as fheàrr san dùthaich.
Tha Garry Reid air cliù a chosnadh roimhe mar mhanaidsear sgioba nàiseanta iomain na h-Alba.
Atharrachaidhean
Bidh luchd-amhairc 大象传媒 ALBA eòlach air cuideachd is e tric air a bhith ag aithris air an iomain air an telebhisean.
Dhearbh Cabar Fèidh cuideachd gu bheil Brian Dòmhnallach gus leantainn mar leas-mhanaidsear is gum bi Caoimhin Bartlett cuideachd na leas-mhanaidsear.
Bidh Gavin Caimbeul ann 'son na cluicheadairean a chumail fut is tha Jodi Gorski air leigeil fhaicinn gun cum e taic ris an sgioba choidsidh, cho math ri a bhith ag obair leis an sgioba aig ìre fo 17.
Bidh manaidsearan ùra gu leòr sa Phrìomh Lìog an ath-sheusan is Iain Gibson air innse mar-thà gu bheil e a' seasamh sìos aig Ceann a' Ghiùthsaich, is Johnston Gill air a dhreuchd aig Ceann Loch Seile fhàgail.