Sean MacLe貌id os cionn Alba aig Iomain Cholmcille
Chaidh Sean MacLeòid ainmeachadh mar mhanaidsear na h-Alba air thoiseach air Iomain Cholmcille aig an deireadh-sheachdain.
Bidh an fharpais iomain do Ghàidheil na h-Alba is na h-Èireann ann an Leòdhas airson a’ chiad uair riamh Disathairne.
Tha Mgr MacLeòid cuideachd air sguad na h-Alba ainmeachadh is iad gu bhith a' cluich an aghaidh Fir Uladh ann an Siabost aig 1:30f.
Tha e fhèin eòlach gu leòr air Iomain Cholmcille an dà chuid mar chluicheadair agus manaidsear, is e air cluich sa chiad fharpais a bh' ann ann an 2007.
"Tha ochd clubaichean bho lìogan eadar-dhealaichte air an riochdachadh bhon Phrìomh Lìog sìos", thuirt Sean.
"Tha tòrr a tha anns an sguad seo gu math eòlach air cruth gheamannan eadar-nàiseanta le grunn chluicheadaran air cluich do dh’Alba ron a seo.”
“Tha e cuideachd a’ sealltainn cho làidir is a tha Camanachd Leòdhais air a bhith a thaobh camanachd agus Gàidhlig le ochdnar chluicheadairean an sàs ann an sguad na bliadhna agus cothrom aca seo a thaisbeanadh aig ìre eadar-naiseanta aig an taigh ann an Siabost".
Tha sguad na h-Alba mar a leanas:
Paddy Mac na Ceàrdaich (Leòdhas)
Pòl Duke (Leòdhas)
Donnie MacRath (Leòdhas)
Ronan Mac na Ceàrdaich (Leòdhas)
Donny Moireach (Leòdhas)
Willie MacLeòid (Leòdhas)
Calum MacRisnidh (Leòdhas)
Sean MacLeod (Leòdhas)
Conal MacDiarmid (Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal)
Jamie MacLeòid (Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal)
Cailean MacLeòid (Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal)
Graham Black (Oilthigh Obar Dheathain)
Mark Friseal (An Gearasdan)
Ailig Dunnings (Celtic an Òbain)
Ross MacFhionghain (Camanachd an Eilein Sgitheanaich)
Iosaph MacAonghais (Camanachd Uibhist)