Seusan 霉r Pr矛omh L矛og na h-Alba
Ceithir tiotalan sreath chèile do Celtic? An obraich sguad ùr Rangers airson stad a chur orra? Agus cò bhios ann an cunnart?
Aig 12:30 Disathairne cuiridh fideag seusan ùr Prìomh Lìog na h-Alba gu dol is Rangers a' tòiseachadh na h-iomairt aca an aghaidh Hearts aig Tynecastle.
Bidh aire gu leòr air an dà sgioba sin - seo a' chiad seusan slàn aig Philippe Clement os cionn Rangers is an luchd-taic aca a' fàs mì-fhoighidneach mu shoirbheachas no 's dòcha mì-bhuaidh a' chluba thar nam beagan bhliadhnaichean.
Agus am bidh Hearts cho làidir 's a bha iad an-uiridh nuair a chrìochnaich iad san treasamh àite?
"Tòrr mòr obair aig Rangers ri dhèanamh"
Tha gu leòr gu bhith ùr do Philippe Clement os cionn Rangers aig toiseach an t-seusain ùir.
Cluichidh iad aig Pàirce Hampden airson greis, air sgàth 's gu bheil obair-leasachaidh a' leantainn aig Pàirce Ibrox.
Agus às dèidh do gu leòr atharrachadh thairis air an t-Samhradh a chaidh, tha dùil gum bi coltas eadar-dhealaichte air sgioba Rangers air an t-seusan seo, le seachd cluicheadairean ùra a' tighinn a-steach aig an ìre seo.
Feumaidh iad tighinn a-steach le brag a-rèir Marina Mhoirich a tha a' leantainn Rangers.
"Tha tòrr mòr obair aig Rangers ri dhèanamh agus tha mi a' smaoineachadh gur e seusan gu math dùbhlanach a bhios ann do Rangers," thuirt i 's i a' bruidhinn air Spòrscast.
"Bidh tòrr ualaich orra airson stad a chur air Celtic ach an ìre de chluich aca a thoirt suas ìre.
"Tha mi a' smaoineachadh gum bi [an seusan ùr] farpaiseach eadar na sgiobaidhean gu lèir, uill eadar Celtic agus Rangers co-dhiù, tha mi an dòchas gum bi."
Samhradh dòchasach do Celtic
Tha luchd-taic Celtic rud beag nas dòchasaiche - ach chan eil iad a' faireachdainn coltach ri sin gun adhbhar.
Choinnich iad ri D.C. United, Manchester City agus Chelsea anns na Stàitean Aonaichte - thàinig iad am bàrr anns gach geama càirdeach sin.
Thuirt Anton Di Cristina a tha a' cur taic ri Celtic nach eil e a' smaoineachadh cus mu gheamaichean càirdeach ge-tà is e a' bruidhinn air Spòrscast ach thug iad togail dha.
"Chan eil sinn cus atharrachadh a thoirt air an sguad," thuirt e.
"Tha iad a' coimhead math, tha iad a' coimhead gu math luath leis an dòigh 's a tha iad a' cluich agus 's e sin a tha mise ag iarraidh fo stiùir Brendan Rodgers aig toiseach an t-seusain."
Linn ùr do dh'Obar Dheathain
Tha gu leòr aire air Obar Dheathain agus ciamar a dh'obraicheas cùisean fo stiùir a' mhanaidseir ùir aca Jimmy Thelin.
Tha cluicheadair Obar Dheathain, Graeme Shinnie, ag ràdh gu bheil iad air a bhith ag obair gu cruaidh ag ionnsachadh mu stoidhle Thelin agus a dh'aindeoin 's gu bheil obair aca fhathast ri dhèanamh air, thuirt e gu bheil an stoidhle ùr air a bhith ag obrachadh gu ruige seo.
Ach an urrainn dha Thelin na Dons a' stùireadh air ais chun an treasamh àite no fiù 's an dàrna àite?
"Chan eil fios agam an e sin a tha mi ag iarraidh," thuirt Iain MacDiarmaid air Spòrscast.
"Tha foighidinn agamsa agus tha mi ag iarraidh faicinn gu bheil atharrachadh a' tighinn.
"Chòrd e rium glan nuair a bha sinn san Roinn Eòrpa an-uiridh agus bha na geamaichean sin sònraichte agus bha e math a bhith aig an ìre sin a-rithist ach thuit sinn air ais às dèidh sin agus cha robh manaidsear dòigheil againn," thuirt e.
"Tha mise ceart gu leòr ma tha sinn a' togail beag air bheag gach seusan.
"Ma tha sinn a' dol a dh'fhaicinn gu bheil na cluicheadairean a th' againn a' fàs nas fheàrr, gu bheil an stoidhle cluich a' fàs nas fheàrr, gu bheil sinn air gluasad suas san lìog, chan eil fios agam nan iarrainn a bhith air ais san Roinn Eòrpa mar sin.
"Bhiodh e math, ach tha mi ag iarraidh gun tachair e beag air bheag," thuirt Iain.
Ross County
Bha na h-aoighean air fad air Spòrscast ag aontachadh gun robh cùisean gu bhith doirbh do Ross County air an t-seusan seo.
Chan e beachd a-mach às an àbhaist a tha sin ge-tà is County a' crìochnachadh an t-seusain aca le playoff an aghaidh Raith Rovers, a bhuannaich iad, airson fuireach sa Phrìomh Lìog.
'S e a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' fuireach ann air an t-seusan seo cuideachd am prìomh amas a th' agam," thuirt am manaidsear Don Cowie ri làrach-lìn a' chluba.
"Ach chan eil siud a' ciallachadh nach bi sinn a' feuchainn ri crìochnachadh cho àrd 's as urrainn dhuinn san lìog.
"Bha mi toilichte le mar a dhèilig sinn leis an dùbhlan fuireach ann air an t-seusan a dh'fhalbh - gu h-àraid le bhith a' faighinn phuingean aig an taigh.
"Ach tha làn fhios agam gu bheil a h-uile duine an seo airson 's gum bi piseach a' tighinn oirnn - agus feumaidh sinn fàs nas fheàrr, gu h-àraid air falbh bhon taigh," thuirt Cowie.