Grand Slam do Cheann a' Ghi霉thsaich agus g脿irdeachas sa Ghearasdan
Tha Grand Slam aig Ceann a' Ghiùthsaich 'son an dàrna turas ann an trì bliadhna is iad air a' Phrìomh Lìog a bhuannachadh air an deireadh-sheachdain.
Bha Kings air a dhol a Phort Rìgh is fios aca gun dèanadh dà phuing an gnothach dhaibh - seachdain às dèidh dhaibh Cupa na Camanachd a thogail.
Chaidh iad air thoiseach tro Thòmas Borthwick sa chiad leth is rinn dà thadhal san dàrna leth bho Ruairidh MacAnndrais cinnteach air na puingean agus an tiotal - a' fàgail gu bheil an sgioba air na duaisean uile a bhuannachadh am-bliadhna.
Is bònas eile Disathairne le Cupa Cuimhneachaidh Ali Mhoireasdain dhan sgioba a bhuannaich am Port Rìgh.
Seo Grand Slam eile 'son a dhol còmhla ris an fhear a bhuannaich Ceann a' Ghiùthsaich ann an 2022.
Gu dearbh tha Kings a-nise air 11 de na 12 prìomh dhuaisean ann an iomain nam fear a bhuannachadh san trì bliadhna mu dheireadh is smachd làidir aca air an spòrs.
'S e a' cheist a-nise cò tha comasach air stad a chur air sgioba a tha fhathast an ìre mhath òg?
Tha ceist fhathast an e Cabar Fèidh no Ceann Loch Seile a chrìochnaicheas san dàrna àite air an cùl sa Phrìomh Lìog am-bliadhna.
Chaill Cabers 2-1 ri Caol Bhòid Disathairne - rud a bha a' ciallachadh gun robh an tiotal a' dol a Cheann a' Ghiùthsaich fiù 's ged nach biodh iad air buannachadh am Port Rìgh - is rinn Ceann Loch Seile an gnothach 2-0 air Baile Ùr an t-Slèibh.
Sa gheama eile thàinig seusan dùbhlanach aig Gleann Urchadain sa Phrìomh Lìog gu ceann le droinneadh 9-0 bho Chamanachd an Òbain.
Dràma san Lìog Nàiseanta
Eu-coltach ris a' Phrìomh Lìog, bha car ris nach robh dùil aig mullach na Lìge Nàiseanta.
Bha a' Mhanachainn feumach air buannachadh an aghaidh Inbhir Aora aig an taigh gus an tiotal a dhearbhadh, is iad air a bhith aig mullach na lìge fad an t-seusain.
Ach chaidh cùisean ceàrr orra is dà thadhal bho Fhriseal Watt san dàrna leth a' cur nam puingean a dh'Earra-Ghàidheal.
Rud a chuir iongnadh fiù 's air manaidsear Inbhir Aora, Scott Robasdan.
"Air ar dòigh is cha robh sinn an dùil ris.
"Cha robh dad a' crochadh air na geamaichean mu dheireadh againn is a bhith a' tighinn an seo is a bhith a' cluich mar sin - dìreach air ar dòigh".
Rinn co-mhanaidsearan na Manachainn, Griogair MacCormaig agus Niall MacIllinnein, moladh air an sgioba à deas, ged a dh'aidich iad gur e briseadh-dùil a bh' ann aig deireadh bliadhna a tha air a bhith cho math dhan sgioba.
Dh'fhàg sin an doras fosgailte dhan Ghearasdan is ghabh iad brath air, a' tarraing air falbh bho Eilean Bhòid le trì tadhail anns na 15 mionaidean mu dheireadh gus buannachadh 5-2.
Tha seo a' cur crìche air seusan fìor mhath dhaibhsan le tiotal a-nise aca, a thuilleadh air adhartas anns na cupanan.
Tha e a h-uile coltas ann gum bi an dà chuid iad fhèin agus a' Mhanachainn gu math farpaiseach sa Phrìomh Lìog an ath-sheusan.
Bha là trang ann Didòmhnaich an iomain òigridh.
Aig ìre Fo 17 rinn balaich a' Chinn a Tuath a' chùis air na Deasaich 6-1.
Aig ìre Fo 14 's e 15-0 a bh' ann dhan Cheann a Tuath.
Ann an iomain nam ban rinn an Taobh Siar an gnothach air an Taobh Sear ann an ùine a bharrachd 2-0, na tadhail a' tighinn bho Eilidh Chamshron aig Dùn Ad is Beth NicIllinnein bho GMA.
Aig ìre fo 16 's e sgiobaidhean taghte a bh' ann feuch geama farpaiseach fhaighinn seach stèidhichte air sgìrean. Rinn na Deargaich an gnothach air na Gormaich 5-4.