Main content

D脿 thadhal aig Dessers a' cur Rangers troimhe gu cuairt dheireannach Chupa na h-Alba

Chuir Cyriel Dessers dà thadhal do Rangers an aghaidh Hearts airson an sgioba aige a chur troimhe gu cuairt dheireannach Chupa na h-Alba an aghaidh Celtic.

Thug e dìreach còig mionaidean do Rangers a dhol air thoiseach agus chuir e às do dhòchas sa bith aig Hearts le faisg air 80 mionaidean air a' ghleoc.

Tha 19 tadhail aig Dessers do Rangers a-nis air an t-seusan seo agus trì sa dhuibh sa chupa.

Tha seo a' tighinn às dèidh droch sheachdain sa Phrìomh Lìog do Rangers is iad a' call an aghaidh Ross County agus a' crìochnachadh co-ionann le Dùn Dè oidhche Chiadain.

Abair gun robh fuam aig Pàirce Hampden le luchd-taic Rangers agus Hearts a' dèanamh an dìcheall an sgioba aca a bhrosnachadh air là fliuch agus dorcha.

B' ann aig Rangers a bha a’ chiad cothrom ceart nuair a chuir Sima ball cho cunnartach sa ghabhas a-steach dhan bhogsa bhon taobh dheas.

Ach a dh’aindeoin ’s gun do lorg e Dessers, cha d' fhuair a' chas air culaibh a' bhall gu ceart agus chaidh am ball àrd seachad air a' phost.

Faochadh do Craig Gordon eadar na puist aig Hearts.

Cha do mhair am faochadh sin ro fhaide, ge-tà.

Thug an loidhne dìon cus ùine do Dessers agus às dèidh dha dannsa seachad orra gu furasta dhan taobh chlì, cha robh aige ach ris a' bhall fhaighinn seachad air Gordan le a' chas chlì.

Bha Rangers air thoiseach agus dh'fheumadh freagairt a thighinn bho Hearts.

Bha coltas caran mì-chofhurtail air loidhne dìon Hearts às dèidh sin gach uair a chur Rangers cuideam orra agus bha e doirbh dhaibh am ball fiù 's fhaighinn air falbh aig amannan.

Bha John Lundstrum a' dèanamh obair mhath aig meadhan na pàirce le bhith a' goid a' bhall air ais do Rangers agus ga chur sìos a' phàirce.

Agus dh'fheuch e fhèin oidhirp air tadhal fhaighinn bhon taobh chlì ach chaidh an oidhirp aige fada ro àrd.

Dh’fhàs Hearts nas cofhurtaile ge-tà agus bha sreath pasaichean aca mu 10 mionaidean a-steach dhan gheama, ach fhuair Rangers am ball air ais gun mhòran oidhirp.

Bha aig Clement ris a' phlana aige atharrachadh rud beag mu chairteal na h-uaireach a-steach dhan gheama le Sima, a bha air cùl dhà no thrì chothroman math aig Rangers, ri tighinn dheth is e air a ghoirteachadh.

Bha cothrom aig Ross McAusland pàirt a ghabhail sa gheama.

Shocraich an geama agus shocraich an luchd-taic beagan airson greis agus thug e còrr is 20 mionaid mus d'thàinig a’ chiad oidhirp aig Hearts - Vargas le oidhirp bho astar nach do chuir dragh sam bi air neach-glèidhidh Rangers Jack Butland.

Bha coltas gun robh Frankie Kent offside co-dhiù goirid às dèidh sin ach sheas Butland an àirde le sàbhaladh cho math sa ghabhas.

Feumaidh gun d'thug seo air co-chluicheadairean aige cuimhneachadh gun robh iad a’ cluich ann an iar-chuairt dheireannach agus gun robh iad tadhal air dheireadh.

Bhris Forrest a-steach gu bogsa Rangers agus bha aig Butland ri a' chas a chur a-mach airson a' bhall a chur a-mach airson breab-oisean.

Rinn McAusland math sìos ceann a deas na pàirce le bhith a’ faighinn timcheall air Kingsley agus Rowles agus ball cunnartach fhaighinn a-steach dhan bhogsa - ach cha robh cluicheadair Rangers faisg gu leòr air.

Bha aig Rangers ri suidhe air ais rud beag nas fhaisge air leth-ùine agus Hearts a' cur beagan a bharrachd chuideam orra.

Ghoid Rangers am ball bho Hearts aig meadhan na pàirce agus chaidh Cantwell leis suas a’ phàirce le Matondo còmhla ris.

Chuir Cantwell am ball gu Matondo, dh’èirich an luchd-taic aig Rangers.

Bha ’s dòcha còir aige am ball a bhreabadh nas tràithe. Chùm e a' dol sìos taobh clì a' bhogsa agus rinn e cùisean nas duilghe dha fhèin.

Mar sin, b’ e sàbhaladh sìmplidh a bh’ ann do Gordan.

An dàrna leth

Feumaidh gun robh cus ùine aig Soutar smaoineachadh nuair a bha am ball aige mu chòig mionaidean a-steach dhan dàrna leth oir chaidh a ghoid le Vargas.

Chosg Vargas cùs ùine leis a' bhall e fhèin a' dol suas a' phàirce agus a-steach dhan bhogsa.

Ach bha còrr aige 's dòcha am ball a thoirt gu Shankland nas tràithe is esan a' feitheamh aig meadhan a' bhogsa.

Mar sin, fhuair Rangers am ball air falbh gu sàbhailte.

Thàinig a' ghrian a-mach agus dhùisg luchd-taic Hearts.

Bha Hearts airidh air rud beag a bharrachd brosnachaidh bhuapa air sgàth 's cho faisg sa bha iad air tadhal fhaighinn agus a bhith co-ionann.

Ged a chruthaich Rangers a' mhòr chuid dhe na cothroman às fheàrr le na mearachdan a bha iad a' dèanamh aig a' chùl bha cothromana aig Hearts.

Ach mu 20 mionaid a-steach dhan dàrna leth bha faireachdainn ann gun dùbhlaicheadh Rangers an sgòr.

Bha sàbhaladh a dhìth bho neach-glèidhidh Hearts Craig Gordan gus oidhirp Sterling a stad ach cha robh an luchd-taic aig Rangers a' creidsinn dè thachair às dèidh sin.

Fhuair Dessers e fhèin air beulaibh Craig Gordon ann am bogsa Hearts leis a' bhall aig a' chasan - 's dòcha ro fhaisg air a' chasan.

Rinn e oidhirp is e a' tionndadh mun cuairt aig an aon àm. Chaidh a shàbhaladh le Gordon agus dh'fhàg sin gun mòran eadar Dessers agus na puist - ach ruith am ball air falbh bhuaithe.

B' ann às dèidh sin a bha an cothrom às fheàrr aig Hearts.

Thàinig am ball a-steach gu bogsa Rangers às dèidh breab-oisean agus bha am ball a' tuiteam faisg air Lawrence Shankland a bha na aonar aig a' phosta chùil.

Dh'adhbhraich a' bhuille-chinn a rinn e gàirdeachas am measg luchd-taic Hearts - ach cha robh fios aca gun deach am ball a-steach gu taobh cheàrr an lìon.

Le beagan a bharrachd na 10 mionaidean air fhàgail dhen gheama, thàinig an dàrna tadhal.

Chruthaich Cantwell cothrom sa bhogsa agus le cus chluicheadairean Hearts air a' bheulaibh chuir e am ball gu Dessers air taobh clì a' bhogsa.

Shabhail Gordon a' chiad oidhirp ach chuir Dessers am ball dhan lìon leis an dàrna oidhirp aige.

Bha e a' coimhead coltach gun robh an iar-chuairt dheireannach seachad. Agus bha.

Thàinig Rangers faisg air an treasamh tadhal fhaighinn le strì ann am bogsa Hearts.

Bha aig Fábio Silva ris a' bhall a stobadh a-steach dhan lìon is e glè fhaisg air.

Ach thuit e le cluicheadairean Hearts mun cuairt air.

Cha robh e gu diofar ge-tà. Bha Rangers air faighinn troimhe gu an iar-chuairt dheireannach an aghaidh Celtic.

Agus tha ceist ann a-nis.

An tèid aig Rangers na trì cupannan as motha ann an Alba a bhuannachadh - agus Cupa an Lìog aca mur thà?

/naidheachdan/sgeulachdan/cd1wkk4292vo