Main content
Bonn umha do Mhegan Keith aig Farpaisean na h-脠貌rpa
Ghlèidh Megan Keith à Inbhir Nis bonn umha ann an rèis an 10,000 meatair aig Farpaisean Lùth-chleasachd na h-Eòrpa anns an Ròimh.
'S i a' chiad lùth-chleasaiche bhon cheann a tuath a fhuair bonn air farpais mhòr eadar-nàiseanta.
Bha i air thoiseach airson greis san rèis a chriochnaich i ann an 31 mionaidean agus 4.77 diogan.
Bha i air àite a dhearbhadh mar-thà aig na Geamaichean Oilimpigeach ann am Paris aig an astar seo agus airson rèis 5,000 meatair.