Farpais Dearbhaidh Euro 2025: Alba an aghaidh na S猫irbe, Slobhagia agus Iosrael
Tha fios aig Alba a-nis gun tèid iad an aghaidh na Sèirbe, Slobhagia agus Iosrael ann am Farpais Dearbhaidh Euro 2025.
Chaidh na dùthchannan a thaghadh còmhla ann am buidheann B2 is iad gus cluich an aghaidh a chèile thairis air a' bhliadhna seo, a' tòiseachadh sa Ghiblean.
Chaidh Cosobho a thaghadh san aon bhuidhinn ach air sgàth adhbharan poiliteageach co-cheangailte ris an t-Sèirb, chaidh an gluasad gu buidheann B4 còmhla ris a' Chuimrigh, an Ùgrain agus a' Chròthais.
Bidh slighe tro na play-offs a dhìth air Alba ma tha iad airson faighinn chun na Euros airson a' chiad uair bho 2017.
Airson pàirt a ghabhail san Eilbheis an ath-bhliadhna, bidh aca ri crìochnachadh san treas àite no nas fheàrr agus an uair sin tighinn am bàrr an aghaidh an dà sgioba às fheàrr eile.
Bhiodh àite aca ann an cuairt dheireannach na play-offs ma nì iad sin far am bhiodh aca ri tighinn am bàrr uair eile airson faighinn dha na Euros.
Seo às dèidh do dh'Alba call a-mach air àite aig Euro 2022 aig deireadh 2021 nuair a bha Shelley Kerr os cionn na sgioba.
Na dùthchannan eile
Bhiodh e ceart a ràdh gu bheil barrachd eòlais aig na h-Albannaich aig farpaisean coltach ris na Euros an coimeas ris na dùthchannan eile aca sa bhuidhinn.
Chan eil an t-Sèirb air pàirt a ghabhail a-riamh aig na Euros agus chan eil Iosrael air nochdadh aig na Euros no Cupa na Cruinne.
Cuideachd, chan eil Slobhagia air a bhith aig na Euros bhon a' chiad uair aca ann an 1993.
Mar sin, 's e slighe fhada agus chruaidh a tha gu bhith aig Alba ma tha iad gu bhith san Eilbheis an ath-bhliadhna ach, air pàipear co-dhiù, tha iad air faighinn tro fharpaisean dearbhaidh nas trice na na dùthchannan eile a bhios nan aghaidh.
Ach feumaidh piseach a thighinn orra às dèidh fìor dhroch iomairt ann an Lìg nan Nàiseanan an-uiridh fo stiùir Pedro Martinez Losa, nuair nach do bhuannaich iad geama a-mach à sia.