"Na G猫illibh an Long"
"Don't Give Up the Ship!" dh' èigh Oliver Perry thairis air fuaim nan gunnaichean aig cabhlach nan Stàitean Aonaichte agus Bhreatainn.
Bha Perry na Chomodoir Cabhlaich dha taobh nan Stàitean Aonaichte ann an Cogadh 1812, a' stiùireadh chùisean ann am Bàgh Presque Isle, Erie, Pennsylvania.
Bha am blàr seo deatamach anns a' chogadh do dh'Aimeireaga, agus rinn e cinnteach gun robh smachd aca air Lake Erie is na Lochan Mòra.
Choisinn seo neo-eisimeileachd dhan dùthaich aca bho Bhreatainn, agus bho sin a-mach, threabh an dà dhùthaich na sgìoban aca fhèin, ag ionnsachadh agus a' cruthachadh nàiseanan fa-leth.
Seo far an d' fhuair Erie Commodores FC an t-ainm aca, agus an ceann-sgrìobhaidh air suaicheantas na sgioba.
Tha an ceò bho bhlàr Lake Erie a-nis seachad, ach tha fhathast ceangal làidir ann eadar na dà dhùthaich, agus cothrom rudan ionnsachadh bho chèile. Fiù 's a thaobh ball-coise...
Tha Erie Commodores FC a' cluich anns an NPSL - National Premier Soccer League - anns a' cheathramh ìre de bhall-coise Aimeireaganach.
Tha structar a' gheama anns na Stàitean gu math eadar-dhealaichte bho an dealbhadh traidiseanta Eòrpach.
Tha dà roinn diofraichte stèidhichte a tha "fo shealbh lìge" - an MLS (Major League Soccer) agus an USL (United Soccer League).
A bharrachd air sin tha lìogan "fo shealbh chluba" ann cuideachd - NISA (National Independent Soccer Association) agus an NPSL (National Premier Soccer League).
'S e siostam eadar-dhealaichte a th' ann le buannachdan agus uireasbhaidhean, ach aon rud a tha foillaiseach 's e a' mhargaideachd a tha na lùib.
Ge b' e dè an roinn ball-coise sa bheil thu a' cluich, tha an dòigh-obrach aca ùr-nodha - tha na h-Aimeireaganaich ag amas air bathar a thaisbeanadh agus a reic anns gach àite.
Bho là gu là aig Erie Commodores FC, bha cùisean a' cuairteachadh Oilthigh Gannon ann am baile Erie.
Bha an t-ionad-cluiche againn, "McConnell Family Stadium" air campas far an robh sinn a' trèanadh agus bha goireasan taobh a-staigh againn cuideachd aig an "Dome" a bha faisg oirnn.
Cuairt bheag air falbh, bha an t-Ionad Trèanaidh Bodhaige, far an robh an sgioba ag obair air cardio agus a' togail chuideaman agus bha leigheas-bodhaige ri fhaighinn cuideachd. Goireas a chosg $1m, nach urrainn don chluba an leithid a cheannach gu ceart.
Bha an clàr-ama againn air a dhèanamh suas le dà sheisean thrèanaidh eadar a' mhadainn agus am feasgar le seisean san diom eadarra - dà là air agus aon là dheth tron t-seachdain, a bharrachd air geama gach seachdain.
Mar a ghluais an seusan air adhart, gheàrr sinn an clàr-ama sìos airson 's gum biodh ach aon seisean-trèanaidh agus seisean dioma gach latha gus ar lòd a dhèanamh nas fhreagarraiche.
Bha poit leaghaidh Aimeireaga a' fàgail gun robh daoine à farsainneachd de chultaran san sguad. Pòsadh de 12 nàisean: Ameireaganach, Canadianach, Albannach, Èireannach, Sasannach, Fraingeach, Iameugannach, Astràilianach, Columbannach, Pearuthach, Hondùrannach, agus Argantainach. Bha an Commodore Crew ioma-chultarach agus eadar-mheasgaiche.
Bha sgioba nan Commodores air a dèanamh suas le balaich a bha uile a' cluich airson adhbharan eadar-dhealaichte: sàr-eòlaichean a bha a' sireadh cluba ùir, oileanaich lùth-chleasachd a' coimhead airson cothrom leasachaidh agus tar-aiseag oilthighe, cluicheadairean òga a bha a' coimhead airson gnàth-eòlais phroifeiseanta, cluicheadairean ionadail NPSL agus cluicheadairean à thall-thairis.
Bha am bàta làn armachd, le gach rud a bha a dhìth air a' chriutha ri fhaighinn, ach chan e seo an aon rud a tha a dhìth gus sgioba sheasmhach a dhèanamh.
An rud a tha a' tarraing dhaoine ri chèile 's e spiorad agus iomairt - rudan a tha a' ceangal chultaran ri chèile.
Cha do rinn na h-Erie Commodores na bha sinn an dùil a dhèanamh, agus chaill sinn a-mach air àite sna "play-offs". Chan urrainn dhut soirbheachas fhaighinn le airgead a-mhàin.
Tha pàirt mhòr aig spòrs anns an dòigh-bheatha Aimeireaganaich, agus tha brosnachadh ann do chloinn pàirt a ghabhail ann an iomadh diofar spòrs aig an aon àm.
Tha mòran airgid ri chleachdadh anns na h-oilthighean agus na colaistean, agus gu follaiseach, chì thu sin san t-saoghal spòrs phroifeiseanta a th' aca cuideachd.
Ach ann an Alba, tha sinn tric a' dìochuimhneachadh na neartan a th' againn - na rudan as cudromaiche do bhall-coise na h-Alba... eachdraidh, cultar agus dòigh-bheatha.
Chaidh atharrachadh a dhèanamh air a' gheama againn thairis air a' cheud bliadhna a dh'fhalbh.
Chan urrainn dhut sin a chruthachadh sa bhad, agus cha dèan airgead a' chùis nas luaithe a bharrachd.
Tha fios gu bheil airgead fhathast a dhìth san spòrs, ach nì e barrachd feum dhuinn a bhith a' cur cuideim air ar cuid neartan an àite laigsean sna planaichean againn.
Chan eil earbsa san t-siostam am measg an luchd-taic againn, agus tha sinn gu tric ga chàineadh - canaidh neach-taic spòrs sam bith ann an Aimeireaga gur e seo an dòigh as miosa ball-coise a reic ri companaidhean TBh agus luchd-seilbheachd.
Alba
Thairis air an uìne agam còmhla ris na h-Erie Commodores anns na Stàitean Aonaichte, bha Sgioba Nàiseanta nam Fear aig Alba a' cluich anns a' chiad cho-fharpais mhòir aca airson 23 bliadhna.
Sgaoil teas nàiseanta ball-coise tro Alba ri linn Farpais Lìog na h-Eòrpa, agus sinn a' cur romhainn gur e sinne "an nàisean a-rithist".
Thàinig ball-coise gu bith bho choimhearsnachdan clas-obrach air feadh na h-Alba, 's e air a chumadh leis na mèinnean guail, 's air a ghleusadh leis na gàrraidhean-iarainn.
B' e seo an cultar a thug dhuinn Jock Stein, Matt Busby, Bill Shankly agus, gu dearbha, Sir Alex Ferguson.
B' iadsan a rinn Celtic, Manchester United agus Liverpool. B' iadsan a rinn ball-coise an là an-diugh.
Tha Ball-coise na h-Alba àraid. Sònraichte. 'S dòcha nach eil am beartas againn, ach 's e seo fìor luach a' gheama againn.
Ann am briathran Bill Shankly: "Tha cuid de dhaoine a' creidsinn gur e cùis beatha is bàis a th' ann am ball-coise. Dhomhsa, 's e briseadh-dùil a th' ann sa bheachd sin. Tha mi ag ràdh ribh gu bheil e fada, fada nas cudromaiche na sin!"
Tha mi a' creidsinn nach eil e a' bruidhinn mu thiotalan lìge, airgead no beartas shaoghalta sam bith. 'S ann a tha e a' bruidhinn air coimhearsnachd, a' cho-bhuidheann, cultar agus adhbhar gu math nas fharsainge.
Mar sin, ann an spiorad a' Chommodore Aimeireaganaich Oliver Perry, na gèilleamaid an long againn.
Biodh seo na àm tionndaidh dhuinn, dìreach mar bhlàr Lake Erie.
Ionnsaicheamaid bho ar caraidean Aimeireaganach agus stiùireamaid am bathar àraid Albannach againn fhèin air ais dhan bhlàr.