Main content

D脿il air seusan na h-iomain

Dh'innis Comann na Camanachd gu bheil gach cluba a chluich ann an 2019 air clàradh airson 2021, ged a dh'aidich iad 'son a' chiad turas gum bi dàil air an t-seusan ùr.

Bha an Comann air innse aig toiseach na Dùbhlachd gun robh iad ag amas air làn-sheusan a chluich am-bliadhna, a' tòiseachadh air an 6mh den Mhàrt.

Dh'innis iad aig an àm cuideachd ge-tà, gun robh plana aca farpaisean ionadail a chur air dòigh nan tigeadh cnapan-starra san rathad orra.

Leis mar a tha suidheachadh a' Choròna-bhìorais air a dhol bhuaithe anns na seachdainean mu dheireadh, tha an Comann a-nise air innse gu poblach gum bi dàil air an t-seusan ùr.

Thuirt iad nuair a tha e sàbhailte iomain a thòiseachadh às ùr gun cuir iad fios air na clubaichean le clàr-ama 'son ro-sheusan mar ullachadh airson lìogaichean sgìreil.

Misneachd

Thuirt iad gu bheil na planaichean sin fhathast gan deasbad le Comataidh nam Farpaisean is gun tèid iad air beulaibh Bòrd Chomann na Camanachd aig deireadh na mìos.

Tha iad ag ràdh ge-tà, gu bheil iad air am misneachadh gu bheil clubaichean air leigeil fhaicinn gu bheil iad airson tilleadh dhan phàirc am-bliadhna.

"'S e dìon a chur air iomain am prìomh amas a th' aig Comann na Camanachd is cha dèan sinn sin gun taic nan clubaichean againn", thuirt ceann-suidhe na buidhne, Steafan MacCoinnich.

"Mar sin, bha mi air mo dhòigh cluintinn gu bheil na clubaichean uile air clàradh airson 2021.

"Tha sinne aig Comann na Camanachd ullaichte agus tha sinn air bhioran a thaobh tilleadh gu farpais nuair a tha e sàbhailte sin a dhèanamh", thuirt e.

/naidheachdan/55647722