Camanachd Le貌dhais a' f脿gail na l矛og r猫 霉ine
Tha Camanachd Leòdhais a' tarraing a-mach à toiseach seusan na h-iomain air sgàth trioblaidean leis na h-aiseagan.
Bha còir aca a bhith a' tòiseachadh Disathairne sa tighinn, ach cha bhi e a-nis comasach dhaibh geamaichean sam bith a chluich air a' mhìos-sa neo an ath-mhìos, air sgàth 's nach eil àite air an aiseag dhaibh airson na h-ochd seachdainean a tha romhainn.
A thuilleadh air an aiseag, bhiodh astarachadh sòisealta a' ciallachadh gum biodh aca ri bus mòr a chleachdadh, rud a bhiodh gu math cosgail.
Tha iad dòchasach ge-ta gum faigh iad air geamaichean a chluich nas fhaide dhen t-samhradh.
Thuirt Pòl Duke bhon sgioba: "Chan eil na cluicheadairean airson seo, chan eil an sgioba gu lèir airson seo, ach tha sinn ag aontachadh le mar a tha cùisean agus gum feum sinn a thighinn a-mach às an lìog.
"'S e bristeadh-dùil mòr a tha seo dhan sgioba air fad, dhan chomataidh againn, dhan luchd-leantainn againn - tha sinn uile air a bhith a' trèanadh airson mìosan ... tha e gu math doirbh dhuinn mar sgioba a' smaoineachadh air an oidhirp a bha gach cluicheadair agus a' chomataidh againn a' dèanamh airson nan geamannan a chluich."
Bha e ag ràdh cuideachd: "Tha sinn an dòchas gum bi na riaghailtean air astarachadh sòisealta air atharrachadh air na h-aiseagan anns an Lùnastal."