Main content
Kara Hanlon troimhe chun ath chuairt
Tha an snàmhadair Kara Hanlon à Leòdhas air àite san iar-chuairt dheireannaich den 50m breaststroke a ghlèidheadh aig Geamaichean a' Cho-fhlaitheis ann am Birmingham.
Chriochnaich i san treas àite san rèis dearbhaidh ann an 30.99 diogan.
B' e an uair a b' fheàrr a bh' aice roimhe thairis air an astar sin 31.09 diogan.
Bidh an iar-chuairt dheireannaich ann oidhche Haoine aig 20.18f leis a' chuairt dheireannach ann Disathairne.
Thuirt Kara: "Tha e math a' chiad rèis fhaighinn seachad oir bha mi a' smaoineachadh gur e a' chiad fharpais as motha a bha gam fhàgail nearbhach agus a bhith air beulaibh sluaigh cho mòr.
"Tha mi gu math moiteil àsam fhèin gun do chùm mi socair, agus tha mi air bhioran airson na h-oidhche nochd."