Toiseach-t貌iseachaidh d貌chasach do dh'iomairt boireannaich na h-Alba
Chaidh an oidhche le Sgioba Ball-coise nam Ban aig Alba Dimàirt ann an Glaschu an aghaidh sgioba nan Eilean Fàrach san fharpais airson àite fhaighinn ann an Cupa na Cruinne.
Mus do thòisich an geam, b' e oidhche mhòr a bh' ann do na boireannaich Albannach agus iad a' comharrachadh a' chiad gheama farpaiseach san dachaigh ùir aca aig Pàirce Hampden.
Bha e follaiseach dè na h-amasan a bh' aca bhon chiad bhuille agus iad a' sgaoileadh a' bhàlla bho thaobh gu taobh agus a' cleachdadh leud Paìrce Hampden gu comhfhurtail.
Ach 's e Alba fhèin a fhuair beagan de chlisgeadh le pass lag bho Nicola Docherty agus mì-chìnnt san loidhne-dìon a chuir an neach-glèidhidh Lee Alexander fo ìmpidh am bàlla fhaighinn air falbh - rud a chuir nar cuimhne na mearachdan san iomairt mu dheireadh aca an-uiridh nuair a chaill iad a-mach air àite aig Euro 2022.
Moladh mòr do dh'Erin Cuthbert
Thug Erin Cuthbert misneachd dhan luchd-taic ann am Pàirce Hampden nuair a bhreab i am bàlla aig astar bho thaobh dheas a' bhogsa, a' cur Alba air thòiseach.
Beagan agus mionaid às dèidh sin chruthaich McLauchlan agus Jane Ross cothrom eile do dh'Alba le Chloe Arthur a' faighinn tadhail le a ceann gus Alba a chur dà thadhal air thòiseach às dèidh fichead mionaid.
Bha e foillaiseach gur e briseadh-dùil a bha seo do na Fàrothaich agus gach cluicheadair aca glacte sa bhogsa aca fhèin fhad 's a bha Alba a' dèanamh ionnsaigh orra a-rithist beagan mhionaidean às dèidh sin.
Saoil an e gun robh iad a' feuchainn ri droinneadh a sheachnadh? Ge bith dè bh' ann, chuireadh fàilte air oidhirp Rachel Corsie am bàlla a chur dhan phòsta-chùil agus Arthur ag èirigh àrd gus an dàrna tadhal aice-se a chur a-steach.
Cha robh mòran dhen bhàlla aig Sgioba nan Eilean Fàrach gu ruige seo agus bha stoidhle am prìomh chòidse ùir Martinez Losa ri fhaicinn le Alba a' gluasad a' bhàlla mun cuairt le astar a' lorg bheàrnan san loidhne-dìon.
Cha robh fiù 's mionaid air a dhol seachad bhon tadhal mu dheireadh nuair a choisinn cluicheadair AC Milan, Christy Grimshaw, a' chiad tadhal eadar-nàiseanta aice le barrachd na seachd mionaidean air fhàgail dhen chiad-leth.
Chan e an toiseach-tòiseachaidh san dàrna-leth ris an robh Sgioba na h-Alba an dùil nuair a fhuair na Fàrothaich breab-oisein agus abair gun do chleachd iad a' chiad chothrom ceart aca sa gheama le Maria Biskopstø deiseil airson am bàlla a chur seachad air Alexander.
Bha coltas acrach air Alba fhathast ge-tà agus bha e follaiseach gun robh iad airson barrachd chothroman a chrìochnachadh le Martha Thomas a' cur an t-siathamh tadhail aice do dh'Alba agus abair gun do chomharraich Jenna Clark a' chiad cheap aice-se 's i a' faighinn tadhail cho sgiobalta sa chì thu bho chluicheadair loidhne-dìon sam bith.
Chuir Claire Emslie crìoch air cùisean aig Pàirce Hampden nuair a chuir i breab saor sònraichte math a-steach dhan lìon le sia mionaidean àbhaisteach ri dhol air a' ghleoc.
'S cinnteach gun robh i airidh air an tadhal seo leis gun robh i a' cruthachadh cothroim dhan sgioba aice fad a' gheama.
Adhbhar dòchais airson na slighe air adhart?
B' e seo an dàrna gèam aig Sgioba na h-Alba fo stiùireadh am prìomh choidse, Pedro Martinez Losa, às dèidh dhaibh trì puingean a chosnadh an aghaidh na h-Ungaire ann am Budapest oidhche Haoine.
Canaidh cuid gum feum Martinez Losa smachd fhaighinn air na mearachdan a bha a' nochdadh tric nuair a chaill iad a-mach air àite aig Euro 2022 agus dòigh a lorg barrachd chothroman a chrìochnachadh anns na geamaichean mòra.
Tha e ro thràth co-dhùnadh ceart a dhèanamh air fhathast ach bha e follaiseach gun do dh'aithnich e dhà no thrì laigsean a bh' aca an aghaidh na h-Ungaire. An aghaidh nam Fàrothach bha an sgioba nas dàna agus pongaile le an cuid amasan.
Leis an seo, tha Sgioba na h-Alba co-ionann ri Sgioba na Spàinne aig bàrr buidheann B sna cuairtean dearbhaidh de Chupa na Cruinne 2023.
Saoil am faicear leasachadh a bharrachd bho sgioba Pedro Martinez Losa nuair a chuireas iad fàilte air an Ungair aig Pàirce Hampden an ath-mhìos?