Main content

Na puingean do dh'Aths agus c脿in air United

Cho-dhùin Comann Ball-Coise Leòdhais is na Hearadh trì puingean a thoirt dha Athletic Steòrnabhaigh às deidh do United Steòrnabhaigh coiseachd far na pàirce sa gheama eadar an dà sgioba an t-seachdain a chaidh.

Aig coinneimh den chomann oidhche Chiadain chaidh co-dhùnadh an geama a thoirt do dh'Aths 3-0 agus cuideachd càin a chur air United.

Thathas a' tuigsinn gur e càin de £150 a bh' ann.

Thuirt an comann gun deach am fiosrachadh seo a thoirt dha United agus gu bheil cead aig a' chluba ath-thagradh a dhèanamh.

Mhìnich United, às dèidh a' gheama air an 11mh den Lùnastal, gun robh mar a thàinig iad far na pàirce dìreach diogan às dèidh dhaibh tòiseachadh ceangailte ri tachartas ann an geama eile eadar na sgiobaidhean san Ògmhìos anns an deach fear de na cluicheadairean aca a dhroch ghoirteachadh.

Thathas a' tuigsinn gun do chuir Athletic casg sia geamaichean air cluicheadair às dèidh a' gheama san Ògmhìos. Chluich e dhaibh às dèidh a' chasg ach tha e coltach gu bheil e air innse nach cluich e tuilleadh.

Thuirt United ge-tà, nach robh ceumannan smachdachaidh a' chluba làidir gu leòr a rèir stiùireadh an SFA, agus nach robh seo a rèir an dìon a bhiodh iad a' sùileachadh airson nan cluicheadairean aca.

Dh'innis United nach robh dol às aca ach coiseachd far na pàirce an aghaidh Athletic gus sealltainn cho mì-thoilichte 's a bha iad mun t-suidheachadh.

/naidheachdan/58270255