Cuairt-dheireannach eile mar 'bhruadar a' tighinn be貌'
"Bithear a bruadar mu thachartasan mar seo," thuirt manaidsear Lòbhat Jamie MacMhathain às dèidh dhan a sgioba aige cuairt-dheireannach Cupa na Camanachd 2021 a ruighinn.
Rinn iad a' chùis air Ceann a' Ghiùthsaich 3-2 sa Ghearasdan airson faighinn troimhe chun a' cheathramh chuairt-dheireannaich aca ann an sia seusan.
A' feitheamh orra anns a' gheam mhòr san Òban tha Ceann Loch Seile.
Thog Lòbhat Cupa na Camanachd ann an 2015 agus chaill iad sa chuairt-dheireannach ann an 2017 agus 2018 an aghaidh Bail' Ùr an t-Slèibh gach turas.
Cha robh Ceann a' Ghiùthsaich air gèam a chall air an t-seusan sa ro Dhisathairne, is iad air Cupa MhicAmhlaigh a thogail mar-tha.
Ach, 's iad Lòbhat a chaidh air thoiseach tro Fraser Heath le tadhal eireachdail bho astar.
Bha dà thadhal tràth san dàrna leth nuair a fhuair Marc MacLachlan fear dìreach diogan às dèidh dha Savio Genini am posta a bhualadh do Cheann a' Ghiùthsaich.
Bhual Genini am posta a-rithist, ach an turas seo chaidh e a-steach far frèam an tadhail 'son a sgioba aige fhaighinn air ais dhan a' ghèam.
Dh'fhosgail Heath a' bheàrn uair eile gu dhà goirid às dèidh sin ach theannaich Genini cùisean a-rithist le cairteal na h-uaireach ri dhol.
Fhuair sgioba Chill Taraglain air na sròinean aca a chumail air thoiseach ge-tà is iad a' faighinn troimhe chun na cuairt-dheireannaich air an 18mh dhen t-Sultain.
"Feumaidh mi innse dha mo mhac nach bi mi ann airson a cho-là-breith an deireadh sheachdain sin, so chan eil sin cho handy," thuirt Jamie MacMhathain.
"Cha robh mi riamh cinnteach gum faighinn gu cuairt-dheireannach eile ann an Cupa na Camanachd,"
"Ach, airson a dhèanamh le na balaich seo, tha e doirbh a chur ann am facail dè tha sin a' ciallachadh dhomh," thuirt e.