Main content

Jen Beattie MBE a' leigeil dhith a dreuchd ann am ball-coise eadar-n脿iseanta

Thig an ùine aig Jen Beattie MBE còmhla ri Sgioba Ball-coise nam Ban aig Alba gu crìch às dèidh dhi a bhith a' cluich dhaibh bho 2008.

Bho chluich i a' chiad gheama aice do dh'Alba ann an geama càirdeil an aghaidh nan Stàitean Aonaichte, tha Beattie air 143 ceap do dh'Alba fhaighinn.

Bliadhna às dèidh sin, ann an 2009, fhuair i a' chiad tadhal aice dhaibh ann an cuairtean dearbhaidh Farpais na Euros an aghaidh a' Phortagail - a' chiad iomairt aice còmhla ris an sgioba nàiseanta.

Cha d' fhuair iad troimhe dhan fharpais sin ach bhiodh cothrom aig Beattie fhathast Alba a riochdachadh ann am farpais mhòir.

Bha i mar phàirt den sguad a chluich aig Farpais na Euros 2017 anns na h-ìrean ìsle - a' chiad turas a ghabh na h-Albannaich pàirt ann.

Dà bhliadhna às dèidh sin, b' i Beattie aon de na cluicheadairean a sgrìobh a h-ainm sna leabharaichean-eachdraidh turas eile, nuair a nochd Alba aig Cupa na Cruinne airson a' chiad turas.

"Tha mi air a bhith gu math pròiseil a bhith a' cluich do dh'Alba agus 's e rud sònraichte a bh' ann dhomh", Thuirt Beattie.

"Tha mi air a bhith a' cluich dhan sgioba nàiseanta airson faisg air dàrna leth mo bheatha agus tha e air a bhith fìor mhath a bhith mar phàirt den leasachadh sa gheama".

Tha Jen Beattie air duais MBE fhaighinn deireadh na bliadhna a dh'fhalbh cuideachd airson an dà chuid a cuid oirdhirpean air a' phàirce ball-coise agus a cuid obrach a thaobh aire dhaoine a thogail do charthannas aillse.

Chùm i oirre na cluicheadair do dh'Alba agus an sgioba aice Arsenal, a dh'aindeoin 's gun robh i a' fulaing le aillse-broillich anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.

Thuirt àrd-choidse Sgioba na h-Alba, Pedro Martinez Losa: "Chan e soraidh-slàn a tha seo ach earrann ùr san dhreuchd aice, ceum far am bi mo chomhairle ann dhi gu bràth".

/naidheachdan/64425173