ý

'S e creag ghrùideach a th' ann an clach-aoil. Faodaidh feartan mar tuill-poite agus uamhan a bhith air an cruthachadh nuair a thèid clach-aoil a leaghadh le uisge.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Dè th' ann an clach-aoil
  • Dè th' ann an altan agus ann an raointean-leabachaidh
  • Mar a tha uamhan air an cruthachadh
  • Mar a tha aol-chluigein agus aol-charraighean air an cruthachadh

Tha an goireas seo freagarrach air topaigean nan ܳٳ󲹲-ì ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' toirt sùil air feartan clach-aoil ann an Geopark Iar-thuath na Gàidhealtachd.

Coimhead a' bhidio ghoirid seo agus faigh a-mach mu fheartan cruthan-tìre clach-aoil.

Dè th' ann an clach-aoil?

  • 'S e a th' ann an clach-aoil. Tha i air a dèanamh de a bhios air a h- (a leaghadh) le uisge.
  • Tha clach-aoil air a dèanamh de fhillidhean còmhnard ris an canar raointean-leabachaidh agus sgàinidhean bheartagail ris an canar altan.
  • Gheibh uisge tro na h-altan agus na sgàinidhean seo. Nuair a bhios sin a' tachairt, cumaidh e ag eadar-sgaoileadh na cloich-aoil agus a' cruthachadh sgàinidhean nas motha agus uamhan.

Feartan chruthan-tìre clach-aoil

Tar-dhealbh de dh'uamh clach-aoil agus na feartan aice
Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 6, Creag de chlach-aoil le tòrr sgàinidhean innte, Altan agus raointean-leabachaidh Canar altan ris na sgàinidhean bheartagail ann an clach-aoil. Tha sin a' ciallachadh gu bheil iad a' ruith suas is sìos a' chreag. 'S e na raointean-leabachaidh na fillidhean còmhnard fa leth ann an clach-aoil fon talamh. Bidh iad a' ruith bho thaobh gu taobh agus chan ann suas is sìos mar na h-altan. (geogphotos / Alamy Stock Photo)

Feartan clach-aoil san RA

Gheibhear cruthan-tìre clach-aoil ann an diofar àitichean air feadh na RA. Coimhead airson nam feartan seo:

  • tuill-poite no tuill-slugaidh
  • uamhan no cabhairnean
  • aol-charraighean agus aol-chluigein

'S dòcha gun cuimhnich thu air an diofar eadar aol-chluigein agus aol-charraighean ma chuimhnicheas tu gur e cluigean facal airson fàinneachan-cluaise. Bidh iad crochte ri do chluais agus bidh aol-chluigein crochte ri mullach uamha.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 4, Cabhsair clach-aoil, Dailean Siorrachd Iorc, Sasainn Tha Pàirc Nàiseanta Dailean Siorrachd Iorc ainmeil airson nam feartan clach-aoil a th' innte, mar na cabhsairean clach-aoil aig Malham Cove. (travellinglight / Alamy Stock Photo)
Back to top

Fiadh-bheatha: ialtagan ann an Alba

Am pipistrelle cumanta
Image caption,
'S e seòrsa ialtag a th' anns am pipistrelle cumanta a tha ri lorg ann an Alba. 'S e an ialtag as cumanta agus as lugha a th' anns an RA. (David Cole / Alamy Stock Photo)

Anns a' bhidio aig bàrr na duilleig, bha Isla agus Connor a' bruidhinn air na h-ialtagan a bhios a' fuireach ann an uamhan. Nach faigh sinn a-mach barrachd mu ialtagan ann an Alba.

  • 'S e a th' ann an ialtagan. 'S iad an aon mhamal as urrainn itealaich.
  • Tha mu naoi seòrsaichean ialtagan ann an Alba. Mar eisimpleir, 's e am pipistrelle cumanta agus ialtagan donn nan cluasan fada a dhà dhe na seòrsaichean a th' ann an Alba.
  • Bidh ialtagan a' fuireach ann an diofar mar uamhan, saibhlean, lobhtaichean ann an taighean, fo dhrochaidean agus ann an craobhan.
  • Tha ialtagan nam beathaichean oidhche. Tha seo a' ciallachadh gu bheil iad trang air an oidhche. 'S ann an uair sin a bhios iad a' sealg airson biadh. Bidh iad ag ithe dhaolagan agus leòmainn.
Am pipistrelle cumanta
Image caption,
'S e seòrsa ialtag a th' anns am pipistrelle cumanta a tha ri lorg ann an Alba. 'S e an ialtag as cumanta agus as lugha a th' anns an RA. (David Cole / Alamy Stock Photo)
Back to top

Prìomh fhacail
  • creag ghrùideach - Creag bhog air a dèanamh le pìosan beaga, bìodach, briste de chreagan, criostalan agus mèinnearaich.
  • clach-aoil - Creag ghrùideach air a cruthachadh de fhillidhean chnàimhnich agus sligean chreutairean mara a bh' ann an seann chuantan blàth, eu-domhainn agus a chaidh a dhlùthadh agus a chruadhaich gus an deach e na chlach.
  • eadar-sgaoil - Nuair a thèid teann-stuth a shùghadh agus na phàirt de leann. Mar eisimpleir, bidh siùcar ag eadar-sgaoileadh ann an cupa de theatha theth.
  • altan - Sgàinidhean bheartagail ann an clach-aoil.
  • raointean-leabachaidh - Fillidhean còmhnard fa leth ann an clach-aoil.
  • uamh - Fosgladh nàdarra ann an uachdar na Talmhainn. Tha a' chuid as motha de dh'uamhan air an cruthachadh nuair a bhios creag air a caitheamh agus a bleith le uisge, agus a thèid fosgladh no trannsa a chruthachadh.
  • toll-poite - Toll ann an uachdar na Talmhainn a' dol gu uamh nàdarra fon talamh.
  • calcium carbonat - Co-thàthadh ceimigeach ann am mèinnirean agus creagan, mar aol-chlach, màrmor agus cailc.
  • deataich - Nuair a bhios leann a' dol na ghas. Mar eisimpleir, nuair a thèid uisge a tha na leann a theasachadh, deataichidh e gu deatach uisge.
  • aol-chluigein - Tasgaidhean fada, caola de chalcium carbonat a bhios a' fàs a-nuas bho mhullach uamha.
  • aol-charraighean – Tasgaidhean goirid, leathann, tiugh de chalcium carbonat air ùrlar uamha.
  • colbh clach-aoil - Nuair a bhios aol-chluigein agus aol-charraighean a' fàs a dh'ionnsaigh a chèile agus a' tighinn còmhla gu bhith nan colbh creige. Canar carragh ris cuideachd.
  • beathach-oidhche - Beathach a bhios trang a-muigh air an oidhche.
Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

ù

Dealbhaich cairt-phuist le cunntas air cruth-tìre clach-aoil

Leig ort gun do thadhail thu air aon de thèarmainn no de phàircean nàiseanta na RA far a bheil feartan clach-aoil.

  • Geopark Iar-thuath na Gàidhealtachd ann an Alba
  • Dailean Siorrachd Iorc ann an Sasainn
  • Tèarmainn Nàdair Marlbank ann an Èirinn a Tuath
  • Pàirc Nàiseanta nam Brecon Beacons anns a' Chuimrigh

Dealbhaich agus sgrìobh cairt-phuist gu caraid no cuideigin anns an teaghlach ag innse dè chunnaic thu. Cuimhnich gum feum a' chairt dealbh air aon taobh agus teachdaireachd air an taobh eile.

Back to top

More on ܳٳ󲹲-ì

Find out more by working through a topic