'S e sgìrean a tha an ìre mhath air an còmhdach le craobhan a th' ann an coilltean. Tha buaidh mhòr aca air an àrainneachd agus air ar sunnd. Tha e mar sin cudromach gun coimhead sinn às an dèidh.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Dè th' ann an coille
- Mu dhiofar sheòrsaichean choilltean
- Carson a tha coilltean cudromach
- Mar a dhìonas agus a ghleidheas sinn coilltean
Tha an goireas seo freagarrach air topaigean nan ܳٳ-ì ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' toirt sùil air coilltean ann am Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean.
Dè th' ann an coille?
'S e eag-shiostamÀrainneachd nàdarra far am bi nithean beò agus neo-bheò ag eadar-obrachadh. Mar eisimpleir, lusan, ù agus a' ghrian. air a dhèanamh de craobhan sa mhòr-chuid a th' ann an coille.
Tha dà phrìomh sheòrsa coille ann:
- coilltean seargach no le duilleagan leathann
- coilltean òԲ no durcanach
Tha coilltean seargach no coilltean le duilleagan leathann air an dèanamh de chraobhan le duilleagan leathann, còmhnard. Bidh iad a' glacadh tòrr de sholas na grèine as t-samhradh gus an tèid aig na craobhan air fàs. Bidh craobhan le duilleagan leathann a' call nan duilleagan as t-fhoghar agus bidh sin a' cuideachadh le bhith a' gleidheadh ùٳ agus uisge tron gheamhradh. Gach bliadhna bidh duilleagan a thuiteas dhiubh a' cur mathachadh ùr ris an ù.
Tha coilltean òԲ air an dèanamh de chraobhan le bioran tana. Cha bhi iad sin a' glacadh uiread de sholas na grèine 's a bhios duilleagan leathann. Bidh coilltean òԲ a' cumail nan duilleagan fad na bliadhna chionn cha bhi iad a' call mòran teas no uisge tromhpa. Tha an ù ann an coille chònach tana agus chan eil uiread de mhathachadh innte bhon nach eil duilleagan a' dol ris an ù gach bliadhna.
1 of 2
Carson a tha coilltean cudromach?
- Tha coilltean làn chraobhan agus lusan eile a bhios a' ùRud a thoirt a-steach beag air bheag. Mar eisimpleir bidh lusan a' ù a-steach carbon dà-ogsaid. a-steach carbon dà-ogsaid agus a' leigeil a-mach ogsaidean.
- Bidh a h-uile beathach, agus daoine, a' toirt a-steach ogsaidean air an anail agus a' leigeil a-mach carbon dà-ogsaid. Tha sin a' ciallachadh gu bheil craobhan a' toirt dhuinn an ogsaidean a dh'fheumas sinn airson a bhith beò.
- Le bhith a' ù a-steach carbon dà-ogsaid, bidh craobhan a' cur stad air truailleadh, a' toirt piseach air càileachd na h-èadhair agus a' slaodachadh buaidh atharrachadh na gnàth-shìdeAn t-atharrachadh san t-sìde àbhaistich (teòthachd, gaoth, uisge, msaa) air an Talamh thar ùine mhòr. Tha a' ghnàth-shìde air a bhith ag atharrachadh riamh ann an eachdraidh na Talmhainn, ach tha atharrachadh na gnàth-shìde san latha an-diugh a-mach air àrdachadh san teòthachd chruinneil..
- Bidh coilltean cuideachd a' toirt biadh agus fasgadh do chreutairean beò.
- Faodaidh coilltean cuideachadh bacadh a chur air tuileachadh chionn bidh freumhaichean chraobhan a' sùghdadh uisge.
- Tha e math dha ar slàinte agus sunnd a bhith a-muigh anns an t-saoghal nàdarra, leithid choilltean. Faodaidh e ar cuideachadh gu bhith a' faireachdainn sunndach agus ciùin.
ì-Ǿٱ
- Tha ì-Ǿٱ a' ciallachadh toirt air falbh chraobhan. Bidh seo ga dhèanamh uaireannan airson talamh a ghlanadh airson tuathanachas, rathaidean no tuineachaidhean. Tha e na thrioblaid mhòr air feadh an t-saoghail.
- Mar eisimpleir, chaidh mu 11,000km² de chraobhan a leagail ann an Coille-uisge an Amasoin ann an 2020.
- Tha craobhan air an leagail airson rùm a dhèanamh do leithid tuathanachas gus crodh àrach do ghnìomhachas na feòla. Tha sin an aon rud ri timcheall air 2 mhillean raon ball-coise de chraobhan gan leagail ann am bliadhna. Chan eil seo seasmhachA' cleachdadh rudeigin ann an dòigh nach eil ga sgrios gu tur..
- Ann an Alba tha tòrr dhe na coilltean againn a-nis nas seasmhaiche. Tha sin a' ciallachadh nuair a leagas sinn craobh gum bi sinn a' cur fheadhainn ùra a thèid nan àite airson gum fuirich na coilltean againn beò agus gun dìon sinn an fhiadh-bheatha againn agus an àrainneachd.
A' Choille Chailleannach
Bha uair a bha Alba air a còmhdach leis an t-Seann Choille Chailleannaich. B' e giuthas Albannach a bha sa chuid as motha dhe na craobhan, ach bha aiteann, darach, cuileann, beithe agus caorann ann cuideachd.
Bho dheireadh linn na cloiche, o chionn mu 4,000 bliadhna, chaidh pàirt dhen Choille Chailleannaich a chall nuair a thòisich daoine a' leagail chraobhan airson connadh agus airson togail. San 18mh agus san 19mh linn, chaidh tuilleadh choilltean a leagail airson tuathanachas chaorach. An-diugh, chan eil ach badan beaga dhen choille thùsail air fhàgail air 35 làraichean.
Tha na mapaichean gu h-ìosal a' sealltainn far an robh a' Choille Chailleannach o chionn 5000 bliadhna agus far a bheil i an-diugh.
1 of 2
- coille - Sgìre mhòr, no eag-shiostam, air a còmhdach sa mhòr-chuid le craobhan agus fàsmhorachd.
- eag-shiostam - Sgìre cruinn-eòlais air a dèanamh suas de nithean beò agus neo-bheò. 'S e sgìre a th' innte anns am bi luasan, beathaichean, agus nithean beò eile, cho math ris a' chruth-tìre agus an t-sìde ag obrachadh còmhla. Faodaidh eag-shiostaman a bhith glè bheag no glè mhòr.
- ionnlaid-coille - Dòigh air fois a ghabhail le bhith a' cur seachad ùine ann an coilltean. 'S e seann dòigh a th' ann a chaidh a leasachadh an toiseach ann an Iapan.
- Coille Chailleannach - An t-seann choille a bha uaireigin a' còmhdach Alba gu lèir. Tha i air a dèanamh suas de chraobhan-giuthais Albannach anns a' mhòr-chuid.
- èٱ - A' dìon rud bho bhith air a sgrios no air a mhilleadh.
- ì-Ǿٱ - A' toirt air falbh chraobhan. Tha seo air a dhèanamh uaireannan gus talamh a ghlanadh airson tuathanachas, rathaidean no tuineachadh.
- carbon dà-ogsaid - Gas nàdarra a tha uile-thimcheall oirnn. Tha e riatanach airson beatha air an Talamh. Bidh craobhan a' ù carbon dà-ogsaid le foto-co-chur. Gabhaidh barrachd carbon dà-ogsaid a shùghadh ma thèid barrachd chraobhan a chur. Bidh seo a' cuideachadh gus buaidh blàthachadh na cruinne agus atharrachadh na gnàth-shìde a bheagachadh.
- atharrachadh na gnàth-shìde - Atharrachadh fad-ùine ann am pàtrain sìde (teòthachd, gaoth, sileadh-uisge, msaa) air an Talamh, a' gabhail a-steach nam frith-bhuaidhean cuideachd, mar eisimpleir barrachd thartan agus tuileachadh.
- gnèithean ann an cunnart - Buidheann bheathaichean no lusan a th' ann an cunnart a dhol à bithGnè nach eil ann a-nis. ann an ùine gun a bhith fada.
- coille le duilleagan leathann - Coille le craobhan le duilleagan leathann, mar an darach, an fhaidhbhile agus an leamhan. Gheibhear iad ann an sgìrean le sileadh mòr, samhraidhean blàth agus geamhraidhean nas fhionnaire agus bidh iad a' call nan duilleagan anns a' gheamhradh. Canar coilltean seargach riutha cuideachd.
- coille chònach - Coille le craobhan sìor-ghorm le bioran seach duilleagan, mar sprus agus giuthas.
- ù - Stuth air a dhèanamh de chòig rudan: mèinnearan, stuth organach (mar salchar bheathaichean), fàs-bheairtean beò (leithid bhoiteagan), gas agus uisge.
- lus-itheadair - Beathach nach bi ag ithe càil ach lusan.
- ڱò-ٳ岹 - Beathach nach bi ag ithe càil ach feòil bho bheathaichean eile.
- ìDz-ì - Diagram a tha a' sealltainn mar a bhios lusan agus beathaichean a' faighinn ùٳ. Canar uaireannan ٳ-ì ris a seo cuideachd. Bidh a' mhòr-chuid de ì-ì a' tòiseachadh le lus uaine, chionn bidh lusan a' dèanamh am bìdh le foto-cho-chur.
- foto-cho-chur - Pròiseas ann an lusan uaine a bhios a' cleachdadh solas na grèine airson mathachadh a dhèanamh bho charbon dà-ogsaid agus uisge.
A' rannsachadh Loch Laomainn is nan Tròisichean
'S e Loch Laomainn is na Tròisichean tè dhen dà pàirc nàiseantaSgìre a chuir riaghaltas a thaobh airson an àrainneachd nàdarra a ghleidheadh. Bidh pàirc nàiseanta cuideachd ga cur a thaobh air sgàth ùidh shaidheansail no eachdraidheil a bharrachd air a bhith na tlachd dhan t-sluagh. ann an Alba. Tha coilltean gun shamhail, aibhnichean, lochan, beanntan agus fiadh-bheatha anns a' phàirc.
Thoir sùil air a' mhap seo agus chì thu far a bheil Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean agus cuid dhe na prìomh fheartan agus na h-àitichean a th' innte.
A' dìon choilltean
Ann an Alba, tha sgìrean gun shamhail againn de choille a tha a' cumail taic ri gnèithean a tha tearc agus gnèithean ann an cunnartLusan agus beathaichean le àireamhan cho beag 's gu bheil iad ann an cunnart a dhol à bith..
Faigh a-mach barrachd mu dheidhinn mar as urrainn dhuinn coilltean Alba agus an fhiadh-bheatha a tha a' fuireach annta a dhìon.
Fiodh agus seasmhachd. revision-guideFiodh agus seasmhachd
Faigh a-mach carson a tha fiodh air a chleachdadh, carson a tha craobhan cudromach, dè th' ann an ì-Ǿٱ agus ciamar as urrainn dhuinn roghainnean nas seasmhaiche a dhèanamh.
Lìn-bìdh agus foto-cho-chur
Anns a' bhidio aig bàrr na duilleig dh'ionnsaich sinn mu ì-ì. Tha seo air a dhèanamh suas de dhiofar shreathan-bìdh a tha co-cheangailte.
- Bidh craobhan agus lusan eile a' faighinn mathachadhNa prìomh bhunaitean a dh'fheumas lus no beathach airson a bhith beò, fallain. Bidh beathaichean a' faighinn a' chuid as motha dhen mhathachadh aca bho bhiadh. Bidh lusan a' faighinn mathachadh bhon ù agus bho sholas na grèine. agus ùٳ bho sholas na grèine agus bhon ù airson fàs.
- Bidh na lusan seo a' dol nam biadh do bheathaichean a bhios ag ithe lusan (lus-itheadairean). Mar eisimpleir, beathaichean nas motha mar fèidh agus bìobhairean, agus creimich nas lugha, mar feòragan agus eòin.
- Bidh na beathaichean beaga tric a' dol nam biadh do bheathaichean a bhios ag ithe feòil (ڱò-ٳ岹ean). Mar eisimpleir, sionnaich agus taghain.
Faigh a-mach barrachd mu dheidhinn mar a bhios lusan a' faighinn ùٳ.
Ciamar a gheibh lusan ùٳ agus biadh airson fàs? revision-guideCiamar a gheibh lusan ùٳ agus biadh airson fàs?
Faigh a-mach mu dheidhinn foto-cho-chur agus analachadh, agus mar a bhios lusan a' faighinn mathachadh airson fàs.
Ciamar a bhios lusan a' gabhail ri solas? revision-guideCiamar a bhios lusan a' gabhail ri solas?
Faigh a-mach mar a bhios lusan a' gabhail ri atharrachadh ann an solas tron latha agus tron bhliadhna.
Feuch dè nas aithne dhut
Sgrìobh sgeulachd no dàn mu choille.
San artaigil seo, dh'ionnsaich sinn tòrr mu choilltean. An tèid agad air sgeulachd no dàn a sgrìobhadh mu chraobhan no mu fhiadh-bheatha a chitheadh tu 's dòcha ann an coille?
More on ܳٳ-ì
Find out more by working through a topic
- count22 of 24
- count23 of 24
- count24 of 24