Chaidh mòran fheartan costail a chruthachadh air sgàth bleith. Nuair a bhios a' mhuir a' cnàmh na tìr, canar bleith ris. Bidh bleith costail a' cruthachadh fheartan mar uamhan agus stacan-mara.
San artaigil seo gheibh thu a-mach:
- Na diofar ìrean ann am bleith costail
- Mar a tha stacan-mara air an cruthachadh
- Mar a ghabhas na à a chleachdadh airson dealan a chruthachadh
- Fiadh-bheatha Alba aig muir
Tha an goireas seo freagarrach air topaigean nan ܳٳ-ì ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre de Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Thig còmhla ri Isla agus Connor agus iad a' toirt sùil air feartan bleith costail air turas bho Stromness ann an Arcaibh gu Sgrabstal ann an ceann a tuath tìr-mòr na h-Alba.
Cumhachd na mara
- Tha Alba air a cuairteachadh leis a' mhuir. Canar an costa no an cladach ris a' chrìch eadar muir agus tìr.
- Nuair a bhios tuinn a' bualadh air an tìr, bidh iad ag adhbharachadh bleithCaitheamh thar ùine.. Thar ùine, faodaidh na tha seo de bhleith cruth a' chosta atharrachadh.
Feartan bleith costail
Faodaidh bleith uamhan, airdsean, stacan agus bunan a chruthachadh air rubha.
'S e pìos cumhang de thalamh a tha a' stobadh a-mach bhon chladach dhan mhuir a th' ann an rubha. Tha rubhaichean air an dèanamh de chreag chruaidh. Bidh iad air an cruthachadh nuair a thèid creag nas buige air gach taobh a bhleith air falbh. 'S àbhaist rubha a bhith gu math àrd le taobhan cas.
- Bidh tuinn a' bualadh air an rubha, a' bleith na creige agus a' cruthachadh àԾ.
- Bidh uamhan air an cruthachadh nuair a bhruthas tuinn a-steach dha na àԾ. Tha gainmheach agus stuthan eile anns an uisge a bhios a' cnàmh agus a' bleith na creige gus an tèid na àԾ mu dheireadh nan uamh.
- Thar ùine, 's dòcha gum bris na tuinn a-steach chun an taoibh eile a' cruthachadh airdse.
- Mean air mhean, fàsaidh an airdse nas motha agus mu dheireadh cha tèid aice air taic a chumail ris a' chreig os a cionn. Nuair a thuiteas an airdse, fàgaidh i an rubha air aon taobh agus stac (colbh àrd creige) air an taobh eile.
- Thèid an stac a bhleith aig a' bhonn. Nì seo an stac lag agus mu dheireadh tuitidh i agus bidh bun air fhàgail.
Feartan bleith costail ann an Alba
1 of 4
Leacan gearradh-tuinn
Tha leac gearradh-tuinn cuideachd na h-eisimpleir de bhleith costail. 'S e sin pìos còmhnard air beulaibh bearraidh, dìreach fo ìre an à ìosail. Seo an ìre as ìsle aig a' mhuir-làn.
Bidh leacan gearradh-tuinn air an cruthachadh nuair a bhios tuinn a' bleith bearradh agus a' fàgail leac còmhnard.
Dè th' ann an à?
- Nuair a bhios ìrean uachdar mara ag èirigh agus a' tuiteam, canar à riutha. Tha iad air an cruthachadh le tarraing grabhataidh na gealaich. Tha an gluasad eadar làn ìosal agus làn àrd a' tachairt dà thuras gach latha.
- Tha àMar a bhios am muir ag èirigh agus a' tuiteam a rèir tarraing grabhataidh na gealaich. Tha dà làn àrd agus dà làn ìseal gach latha sa mhòr-chuid de dh'àitichean air a' chosta. anns a' mhuir air an adhbharachadh le grabhataidhForsa a bhios a' tarraing rudan a dh'ionnsaigh meadhan tomaid. Tha grabhataidh gu math nas làidire aig tomadan nas motha mar rionnagan agus planaidean. na Gealaich a' tarraing na Talmhainn ga h-ionnsaigh.
- Far a bheil cuantan a' coimhead a dh'ionnsaigh na gealaich, 's ann a sin as motha a tha an t-uisge air a tharraing agus bidh e a' dol na chnap. Seo làn àrd. Tha an Talamh air a tharraing a dh'ionnsaigh na gealaich barrachd na chun a' chuain air taobh eile na planaid. Tha seo ag adhbharachadh làn àrd eile.
- Mar a bhios a' ghealach a' gluasad mun cuairt na planaid, bidh na à seo a' gluasad mun cuairt còmhla rithe, ag adhbharachadh dà làn àrd agus dà làn ìosal gach latha.
- Tha tòrr lùth cineataigeachLùth a th' ann an rud air sgàth a bhith a' gluasad. Tha lùth cineataigeach aig ball air a shadail oir tha e a' gluasad. Nuair a ghluaiseas uisge, tha sin cuideachd na eisimpleir de lùth cineataigeach. ann an gluasad an uisge seo a ghabhas a chleachdadh airson dealan a ghintinn.
- Tha cuid dhe na à as cumhachdaiche air an t-saoghal anns a' Chaol Arcach. 'S ann mar sin a tha Arcaibh na àite cudromach airson rannsachadh lùth ath-nuadhachailRudeigin nach teirig nuair a thèid a chleachdadh..
Beatha-mhara Alba
Faigh a-mach mu chuid dhen fhiadh-bheatha a dh'fhaodadh tu fhaicinn mu chosta Alba.
1 of 3
- costa - Far am bi an tìr a' coinneachadh ris a' mhuir. Canar cladach ris cuideachd.
- cladach - An talamh ri oir mara, loch no abhainn leathann.
- à - Ìre na mara ag èirigh agus a' tuiteam air adhbharachadh le tarraing grabhataidh na gealaich.
- lùth ath-nuadhachail - Bun-lùth a ghabhas a chleachdadh a-rithist agus a-rithist. Tha lùth ath-nuadhachail a' gabhail a-steach lùth-grèine, dealan-uisge agus lùth gaoithe.
- làn àrd - Nuair a bhios an t-uisge a' còmhdach a' chuid as motha dhen chladach an dèidh èirigh chun na h-ìre as àirde.
- làn ìosal - Nuair a bhios an t-uisge a' dol air ais chun na h-ìre as ìsle, a' gluasad air falbh bhon chladach.
- bleith - Pìosan creige, ùir no stuthan solad eile gan caitheamh air falbh.
- leac gearradh-tuinn - Àite còmhnard air beulaibh bearraidh, dìreach fo ìre an à ìosail. Bidh iad air an cruthachadh nuair a bhios na tuinn a' bleith a' bhearraidh agus a' fàgail leac còmhnard às an dèidh.
- rubha - Pìos fearainn a bhios a' stobadh a-mach bhon chladach dhan mhuir.
- uamh - Fosgladh ann an uachdar na Talmhainn. Tha a' chuid as motha de dh'uamhan air an cruthachadh nuair a bhleitheas no a leaghas uisge a' chreag, a' cruthachadh fosgladh no trannsa.
- airdse - Fosgladh lùbte le drochaid, mullach no balla os a chionn. Faodaidh iad a bhith air an cruthachadh ann an rubhaichean nuair a thèid uamh a bhleith leis a' mhuir.
- stac-mara - Colbh àrd creige. Tha iad air an cruthachadh nuair a thuiteas airdse ann an rubha air sgàth bleith.
- bun - Colbh beag creige a bhios air fhàgail nuair a thuiteas stac-mara.
Feuch dè nas aithne dhut
Dealbhaich bàta-fada Lochlannach.
Anns a' bhidio aig bàrr na duilleig, mhìnich Isla gun do sheatlaig Lochlannaich ann an Arcaibh o chionn ceudan bhliadhnaichean.
Bha na Lochlannaich nan seòladairean sgileil agus bha iad math air bàtaichean a thogail. Dhèanadh na bàtaichean-fada aca a' chùis air turasan mara doirbh – mar na turasan eadar Nirribhidh agus Alba!
Feuch fhèin ri bàta-fada Lochlannach a dhealbh agus a thogail.
Ma tha thu airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu na Lochlannaich ann an Alba, thoir sùil air na duilleagan seo: Lochlannaich an Alba
Tuilleadh mu na Lochlannaich
Carson a bhiodh na Lochlannaich a' creachadh? videoCarson a bhiodh na Lochlannaich a' creachadh?
Faigh a-mach dè thachair nuair a bhiodh na Lochlannaich ri creach.
Càit am biodh na Lochlannaich a' siubhal? videoCàit am biodh na Lochlannaich a' siubhal?
Faigh a-mach mar a rinn na Lochlannaich rannsachadh fad is farsaing le bhith a' tarraing nam bàtaichean aca thar tìr.
Dòigh-beatha ann an tuineachadh Lochlannach. videoDòigh-beatha ann an tuineachadh Lochlannach
Faigh a-mach mun dòigh-beatha ann an tuineachadh Lochlannach.
Faigh a-mach mar a thèid againn air tuinn agus à a chleachdadh airson dealan ath-nuadhachail a ghintinn.
Lùth an à. revision-guideLùth an à
Faigh a-mach mar a ghabhas lùth an à a chleachdadh airson dealan a ghintinn.
Lùth nan tonn. revision-guideLùth nan tonn
Faigh a-mach mar a ghabhas lùth nan tonn a chleachdadh airson dealan a ghintinn.
More on ܳٳ-ì
Find out more by working through a topic
- count17 of 24
- count18 of 24
- count19 of 24
- count20 of 24