ý

Bidh lùth nan tonn a' cleachdadh cumhachd na mara airson dealan a ghintinn.

San artaigil seo gheibh thu a-mach:

  • Dè bhios ag adhbharachadh nan tonn
  • Na diofar uidheaman a chaidh innleachadh airson lùth nan tonn a chleachdadh
  • Na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan aig lùth nan tonn

Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre dhen Churraicealam airson Sàr-mhathas).

Back to top

Cò às a bheil tuinn a' tighinn?

Image caption,
Mar as motha na tuinn, 's ann as motha de lùth a chruinnicheas sinn bhuapa! (David Pick / Alamy Stock Photo)

Tha a' mhòr-chuid de thonnan air an adhbharachadh le gaoth.

'S e èadhar a' gluasad a tha anns a' ghaoith. Nuair a ghluaiseas e thairis air uisge, bidh bhon èadhar a' tarraing air uachdar an uisge. Bidh seo a' toirt air an uisge cruinneachadh na chuairteagan agus na thonnan.

Mar as làidire a' ghaoth, 's ann as motha na tuinn. Feuch ri sèideadh thairis air bobhla le uisge agus faic dè na tuinn a nì thu.

Image caption,
Mar as motha na tuinn, 's ann as motha de lùth a chruinnicheas sinn bhuapa! (David Pick / Alamy Stock Photo)

Lùth nan tonn ann an Arcaibh

Image caption,
Tha Ionad-lùth Mara na Roinn Eòrpa (EMEC) ann an Arcaibh a' leasachadh agus a' feuchainn a-mach siostaman lùth thonnan agus lùth làin. (Steve Morgan / Alamy Stock Photo)

Thathar fhathast a' feuchainn a-mach teicneòlas lùth nan tonn. Tha daoine fhathast ag obrachadh a-mach dè an dòigh as fheàrr air tuinn a chleachdadh airson dealan a dhèanamh.

Tha mòran dheuchainnean a' dol air adhart a thaobh lùth nan tonn aig Ionad-lùth Mara na Roinn Eòrpa (EMEC) ann an Arcaibh. Tha Arcaibh fosgailte do ghaothan làidir agus tuinn mhòra bho Chuan an Atlantaig. Mar sin 's e àite math a th' ann airson diofar uidheaman lùth thonnan fheuchainn a-mach.

Image caption,
Tha Ionad-lùth Mara na Roinn Eòrpa (EMEC) ann an Arcaibh a' leasachadh agus a' feuchainn a-mach siostaman lùth thonnan agus lùth làin. (Steve Morgan / Alamy Stock Photo)

Dè na seòrsaichean uidheaman a th' ann airson lùth nan tonn?

Tha iomadh seòrsa uidheim ann airson lùth nan tonn atharrachadh gu dealan.

'S e trì dhe na prìomh sheòrsaichean attenuatoran, absorbairean agus luaisgeanairean. Ged a tha iad a' coimhead diofraichte, tha iad uile stèidhichte air an aon phrìomh bheachd.

Bidh nan tonn a' toirt air gach uidheam a thionndadh. Bidh seo a' gintinn dealan a tha a' dol tro chàbaill fon uisge gus an ruig e tìr far am bi e a' toirt cumhachd do thaighean agus ghnìomhachasan. Canar tuath thonnan ri cruinneachadh de na h-uidheaman seo san aon àite.

Coimhead tro na dealbhan agus faigh a-mach mar a tha gach uidheam ag obrachadh.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 6, , Attenuator Tha attenuator coltach ri nathair mhòr a bhios a' seòladh air uachdar an uisge. Tha e air a dhèanamh suas de dhiofar phàirtean air an ceangal còmhla ann an loidhne fhada le cheann a' coimhead a-steach dha na tuinn. (Pelamis Wave Power)

Buannachdan agus eas-bhuannachdan lùth nan tonn

Buannachdan

  • Tha lùth nan tonn oir cha theirig gaoth no uisge gu bràth.
  • Tha lùth nan tonn math dhan àrainneachd oir cha bhi e ag adhbharachadh ghasaichean cronail fhad 's a bhios e a' gintinn dealan.
  • Tha iomadh eilean ann an Alba agus tha a' mhuir ga cuairteachadh air trì taobhan. Mar sin tha tuinn gu leòr againn.

Eas-bhuannachdan

  • Bidh cuid ag ràdh gu bheil na h-uidheaman seo a' milleadh sealladh na mara.
  • Faodaidh lùth nan tonn a bhith neo-earbsach. Mura bheil gaoth ann, chan eil na tuinn mòr idir. Tha sin a' ciallachadh nach eil mòran lùth cineataigeach ann airson atharrachadh gu dealan.
  • Faodaidh tuathan thonnan a bhith anns an rathad air bàtaichean-iasgaich.
Back to top

lùth cineataigeach - Lùth a th' ann an rud air sgàth a bhith a' gluasad. Tha lùth cineataigeach aig ball air a shadail oir tha e a' gluasad. Nuair a ghluaiseas uisge, tha sin cuideachd na eisimpleir de lùth cineataigeach. Tha lùth cineataigeach uisge, a th' air adhbharachadh leis na tuinn, a' toirt air na h-uidheaman tonnan gluasad, a' tionndadh an gineadair airson dealan a ghintinn.

gineadair – Uidheam air a chleachdadh airson dealan a ghintinn. Nuair a thèid ceann a' ghineadair a thionndadh, bidh an lùth seo air atharrachadh gu lùth dealain.

tuath thonnan – Cruinneachadh de dh'uidheaman gaoithe san aon àite a tha air an cleachdadh airson dealan a ghintinn tro chumhachd nan tonn.

ath-nuadhachail – Rudeigin nach teirig nuair a thèid a chleachdadh. Bidh tuinn ann gu bràth air an adhbharachadh leis a' ghaoith, sin as coireach gu bheil lùth nan tonn na stòr lùth ath-nuadhachail.

Back to top

Feuch dè nas aithne dhut

Ceistean

Back to top

ù

Sgrìobh òraid ghoirid

Leig ort gu bheil thu ag obair do Riaghaltas na h-Alba agus tha companaidh lùth thonnan air airgead iarraidh airson na deuchainnean as ùire aca a mhaoineachadh.

Sgrìobh òraid ghoirid a' mìneachadh a' cho-dhùnaidh agad air am bu chòir airgead a thoirt dhaibh agus na h-adhbharan air a shon.

Smaoinich mu chuid dhe na prìomh fhacail gu h-àrd a chur dhan òraid, agus smaoinich mu na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan a th' ann an lùth nan tonn do dh'Alba.

Back to top

More on Bunan lùtha is seasmhachd

Find out more by working through a topic