Tilleadh an t-seann nà baidh
Tha sgaradh bheachdan mu Thonaidh Blair.
Chan fhaigh e maitheanas a chaoidh bhoÌýfheadhainn airson Breatainn a thoirt do chogadh ann an Iorac air sgà th armachd lèir-sgrios nach robh ann.
Do dhaoine eile, b' e a cheannas a shà bhail iomadach duine bho sgrìos ann an Sierra Leone agus na dùthchanan Balcanach.
A-rèir cuid, b' esan an duine a bhris an ceangal eadar am pà rtaidh Là barach, an luchd-taic dualchasach aca agus seann chreideamh an taobh chlì.
Am beachd feadhainn eile, bu chòir a mholadh airson pà rlamaid a thoirt do dh'Alba agus sìth a thoirt do dh'Èirinn a Tuath.
Tha aon rud mun t-seann phrìomhaire mu nach eil deasbad sam bith - b' urrainn dha taghaidhean a bhuannachadh.
Ionndrainn
Aig a' cheann-thall, thugadh air Mgr BlairÌýÀireamh a DeichÌýfhà gail na bu trà ithe naÌýdh'iarradhÌýe.
Bha e air taic a chall air na cul-bheingean agus bu dhuiliche dha na polasaidhean aige fhaighinn troimhe.
Nuair a dh'fhalbh e, bha tòrr anns a' phà rtaidh Là barach glè thoilichteÌýsoraidh slà n aÌýthoirt dha.
, 's dòcha gum bi cuid dhiubh ga ionndrainn.
Fad bhliadhnaichean, b' e an nà baidh aige air Srà id Dhowning - seach na Tòraidhean - an duine as coltaiche an ceannas a thoirt bhuaithe.
An-diugh, thill Mgr Blair airson ceannas an t-seann nà baidh sin - an seann nà mhaid sin - a shà bhaladh.
Atharrachadh
Dhìon e clà r nan Là barach bho 1997Ìýagus ann am faclan soillear rinn e an argamaid airson an ceithreamh teirm de riaghaltas Là barach as dèidh taghadh na bliadhna-sa.
Mhol e na rinn Gòrdon Brown agus Alisdair Darling airson Breatainn fhaighinn tro thubaist na h-eaconomaidh.
(Airson dhaoine aig a bheil ùidh anns an leithid,Ìýchleachd eÌýainmÌýa' phrìomhaireÌý4 tursan ann an òraid de sheachd duilleag.)
Agus rinn e droch chà ineadh air ceannardan ùr nan Tòraidhean, agus Dà ibhidh Camshron, ris an abair daoine 'Mac Bhlair'.
Dh'aidich e gun robh atharrachadh tarraingeach as dèidh 13 bliadhna de riaghaltas an aon phà rtaidh - ach, thuirt e,Ìýcha robh e idir soillear dè bhiodh anns an atharrachadh sin.
Bha dùbhlanÌýcuideachd - mar a b' à bhaist do Thony Blair - don phà rtaidh aige fhèin, ge-tà .
°äà ¾±²Ô±ð²¹»å³ó?
Thuirt an seann phrìomhaire gunÌýrobh dùbhlain mhòraÌýron dùthaich anns an à m ri teachd.
Agus gun robh e an dòchas gur iad na Là baraich am pà rtaidhÌýaÌýbhiodh comasach dèiligeadh ris na dùbhlain sin.
Dè bha Mgr Blair a' ciallachadh? An robh cà ineadh anns na faclan air Gòrdon Brown, no rabhadh mun t-slighe an leanadh am pà rtaidh as dèidh an taghaidh?
Tha e dorbh dhomhsa creidsinn ach gun do chleachdÌýòraidiche mar Thony BlairÌýna dearbh fhaclan a dh'iarr e.
'SÌýi a' cheist a-nisÌýam biÌýtilleadh Mhgr Blair na chuideachadh do dh'iomairt nan Là barach agus an taghadh dìreach seachdainnean air falbh.
Thèid fà ilte a chur air na beachdan agaibhse, mar as à bhaist.