Ballaichean an teampail
Bha fios aig Tommy Sheridan nuair a thill e don Àrd-Chùirt an Glaschu gum biodh e a' dol don phrìosan.
B' i a' cheist dè cho fada.
Bha a' chùirt là n airson a' bhinn a chluinntinn agus chleachd Tommy Sheridan an cothrom airson òraid fhada a ghabhail, ag iarraidh air a' bhreitheamh a' bhinn a lùghdachadh.
Dh'iarr e air a' Mhorair Bracadale smaoineachadh mun bhuaidh a bheireadh binn prìosain air a bhean, Gail, air a phà rantan agus air a nighinn bhig.
Ach thuirt am Morair Bracadale gun tug Tommy Sheridan ballaichean an teampail sìos air a cheann fhèin - agus air cinn a theaghlaich - nuair a chum e a' dol leis a' chùis-lagha aige an aghaidh The News of the World.
Mar sin, thuirt e, cha robh peanas sam bith eile iomachaidh dha ach binn prìosain.
Casg
Chaidh binn trì bliadhna air Tommy Sheridan an-diugh.
Ach chan eil dùil gum fuirich e nas fhaide na 18 mìosan agus dh'fhaodadh e a bhith saor fiù 's nas trà ithe.
Thuirt a bhean Gail an-diugh nach b' fhada gus am biodh a duine air ais agus e fiù 's nas treasa na bha roimhe.
An-diugh dhearbh seirbhis fiosrachaidh na pà rlamaid Albannaich nach robh an casg air duine bho sheasamh a-rithist a' toirt buaidh ach air daoine a bha nam ball an-drà sta.
Mar sin dheth, dh'fhaodadh gum bi cothrom aig Tommy Sheridan tilleadh.
Anns an eadar-ama, ge-tà , feumaidh poileataigs na h-Alba fàs cleachdte ri beatha as aonais.